Rannsaich

Clann Nìll agus a' Bhìrlinn san Stoirm

Ceann-latha 03 January 1950
Àireamh a’ chlàir 22577
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

CW0033A.151

Àireamh an Teip Thùsail

CW0033A

Geàrr-chunntas

Bhiodh MacNìll Bharraigh gu math tric a' togail creach. Uair dhe na h-uairean, thàinig stoirm mhòr orra, agus b' ann le èiginn a chùm iad a' bhirlinn bho dhol às an rathad. Fhuair iad dhachaigh, is chuirte dhan leabaidh iad le plaideachan blàth is uisge-beatha.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Barraigh

Eilean - Barraigh

Baile/Àite - Am Bàgh a Tuath

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Barraigh

Eilean - Barraigh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

Canna

Tar-sgrìobhadh

Iain Latharna Caimbeul: This is Northbay, the 3rd of January 1950. Here is Mr John MacPherson, the Coddy, to tell the story how MacNeil of Barra and his crew came back, cold and wet in a storm from an unsuccessful raid, and how the crew was resuscitated.

Iain Mac a' Phearsain: Tha mi a-nis a' dol a dh'innse naidheachd eile a chàirdean, mu dheidhinn turas a bha Clann Nìll air falbh leis a' bhirlinn a' togail creiche. Cha d' fhuair iad dad. Ach dè fhuair iad ach stoirm nach tàinig ach ainneamh riamh a leithid.

Bha muinntir an eilein air fad, agus MacNìll còmh' riutha, fo chùram mòr, agus dhìrich iad suas mullach Beinn nan Càrnan, a h-uile duine a bha mu chuairt air ceann a deas Bharraigh, feuch am faiceadh iad coltas na birlinn a' tighinn. Marcach-sìon, cathadh na mara, cha robh iad a' dèanamh dad dheth, ach mu dheireadh, chunnaic fear le geur-shùil coltas bàta air uachdar an uisge, agus thòisich iad air beachdnachadh air an rud a bha an duine eile a' faicinn, 's mu dheireadh chunnaic iad air fad i. Chunnaic iad air fad i, agus rinn iad sòlas mòr, mòr ris, a' faicinn gun robh i air uachdar an uisge.

Bha iad ann a shin, na gillean tapaidh, air chùl nan ràmh, a dhà-dheug dhiubh, agus iad anns an lèintean ag iomradh, agus 'Thùg is thèid' [?ag ràitinn aca], seann òran iomraidh a bh' ann an toiseach an t-saoghail, gum biodh e tric am Barraigh ga ghabhail aig feadhainn. 'Thùg is thèid', 's iad ag obair anns an lèintean, 's 'Thùg is thèid' [?ag ràitinn aca].

Bha i sin a' teannadh ri Barraigh, 's a' teannadh ri Barraigh gu math cuideachd, agus nuair a theann i na bu ghiorra do Bharraigh, bha a' ghaoth a' dol na bu luime, an fhairge a' dol na bu lugha, 's cathadh na mara cuideachd. Ach an sin, thàinig i a-staigh gu Maol Dòmhnaich, 's bha e soilleir gu leòr dhaibh fhaicinn gura h-i a bh' ann. Bha iad gam faicinn ann a shin anns an lèintean ag iomradh. Ràinig iad an caisteal. Thill a h-uile duine bh' anns a' bheinn dhachaigh, agus thug MacNìll a-staigh iad.

Chuir e a sheòmar mòr farsaing iad, agus lìon e fear is fear. Chuir e dithis ghillean, de dhaoine sgoinneil, agus dh'fhosgail e am buideal bu shine a bh' anns a' chaisteal, agus lìon e bucaid dheth, dhen uisge-beatha bu shine a bh' ann, agus thòisich e air na daoine a nighe. Nigh e o mhullach an cinn gu fìnean nan cas iad, agus chuir e ann am plaideachan air am blàthachadh 's air an teasachadh ri teine mòr a bh' anns a' chaisteal. Agus chuir e dhan leabaidh iad. Cha leigeadh e leotha biadh ithe no deoch òl. Ach dh'fhàg e ann a shin iad fad sia no seachd de dh'uairean an uaireadair a' gabhail fois, agus na fèithean aca gu math air am... gu math air am brùthadh 's gu math sgìth, sàraichte.

Agus, fhad 's a bha iadsan nan cadal, bha fir eile aige ag obair air ròsladh... air ròsladh aig na h-èibhlean, agus brathadair mòr de dh'èibhlean anns a' chaisteal, agus a' sìor bhruich feòla ann an sin, ga ròsladh. Agus nuair a bha a h-uile nì crìochnaichte, dhùisgeadh na gillean a bha sgìth, sàraichte, ach a bha gu math tapaidh a-rìs, air ais, agus chaidh iad gu biadh. Dh'ith 's dh'òl iad ann a shin pailteas, agus nuair a bha a' chuirm seachad, dh'fhalbh gach fear gu dhachaigh fhèin cho toilichte 's ged a thachradh dad riamh. 'S bha iad deiseil airson falbh ann an ùine ghoirid airson creach a thogail, agus sin agaibh a-nis mar a chuala mise, Iain.

Cruth Inneal a' Chlàir

Wire

Càileachd an Fhuaime

Math