Fear nach do thill às a' Chogadh Mhòr.
Date 25 May 1952
Track ID 22872
Part 1 Loading...

Track Information

Original Track ID

SA1952.123.4

Original Tape ID

SA1952.123.126

Summary

The man with second-sight who gets killed in WWI.

A man prophesies that he and two companions will go to war and that one will not return. This happens in 1914, and he is the one killed.

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Iain MacDhòmhnaill: Bha triùir dhaoine a' coiseachd còmhla agus bha seòrsa de dh'fhorfhais aig an dithis eile gun robh taibhsearachd aig fear dhiubh. Agus thuirt am fear a bha seo:

"Tha sinn a' dol a bhith ann an cogadh, an triùir againn, agus chan fhada gus an tòisich an cogadh. Agus thèid fear againn a chumail sa chogadh - cha till e dhachaigh na be dè am fear againn a bhios ann," thuirt e.

'S ann mar seo a bha. Thòisich an cogadh anns a naoi ceud deug agus a ceithir-deug, agus chaidh an triùir don chogadh. Agus fhuair esan fòrlach dhachaigh, an dèidh dha a bhith treis thall, agus chaidh an dithis eile a-nunn don Tuirc. Agus dh'innis e dar a thill... thàinig e dhachaigh:

"Tha mi duilich airson an fheadhainn a chaidh don Tuirc - 's e àite cunnartach a th' ann," thuirt e, "agus tha mise air an taobh shàbhailte fhathast."

Agus dh'fhalbh e a-nunn an uair sin an dèidh na fòrlach a bhith thairis, agus chuir iad don Fhraing e, 's cha robh e fada san Fhraing gus an deach a mharbhadh. Agus 's e e fhèin am fear den triùir nach do thill, agus dh'innis e gun tachradh sin ach cha d' aithnich e gura h-e a bhiodh air a chumail.