Search

Taibhsearachd mun t-saighdear a thill dhachaigh.

Date 25 May 1952
Track ID 22874
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1952.123.5

Original Tape ID

SA1952.123.126

Summary

The seer who prophesied the safe return of soldier.

A boy going to war was told by a seer that he would suffer greatly but come home safe. He got a bad wound in his leg, but came home.

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Iain MacDhòmhnaill: San àm san robh an cogadh a' dol air adhart, chaidh gille òg a ghairm chun a' chogadh, mar a chaidh ioma gille eile. Agus chaidh e [???] seann duine a bha san àite, taibhsear, agus thuirt e ris:

"Tha mi a' dol don chogadh. Bheil forfhais agaibhse an tig dad rium?"

"Ma-tà, 'ille, tillidh tu. Ach ma thilleas," thuirt e, "thèid do... gheibh thu dòrainn glè mhòr agus thèid do dhochann gu h-olc, ach thig thu dhachaigh agus bidh thu sàbhailte."

Dh'fhalbh e don chogadh 's thug e treis mhòr ann, agus bha e ag ràdh ris fhèin:

"Tha e coltach nach eil dad a' dol a thighinn... a thighinn nam rathad."

Ach aon fheasgar a bha seo chaidh am peilear a-staigh anns a' chruachan aige 's ruith e sìos air a chnàimh gus an tàinig e a-mach aig a ghlùin, 's chaidh e ro phian glè mhòr. Agus thill e dhachaigh sàbhailte agus chaidh e far an robh an taibhsear agus dh'innis e dha gun deach e ron a h-uile nì mar a dh'iarr... mar a thuirt e ris.

"Agus tha mi aig an taigh sàbhailte tuillidh agus tha mo dhuais agam airson na rinn mi."

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good