Am maraiche 's an caiptean.
Date 25 May 1952
Track ID 22875
Part 1 Loading...

Track Information

Original Track ID

SA1952.123.6

Original Tape ID

SA1952.123.126

Summary

The mariner and the captain.

A mariner from Skye had a small boat. One day, whilst sailing in a storm, he was offered a tow in by the captain of the 'Dunara'. He refused. Later, the mariner caught her up and offered her a tow! The captain refused.

Item Notes

The recording speeds up towards the end of the track.

Item Location

County - Inverness-shire

Island - Skye

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Iain MacDhòmhnaill: Bha maraiche ainmeil anns an Eilean Sgitheanach, 's tha mi a' smaoineachdainn gur ann aig Rubha Bhatairnis a bha e a-mach agus e gu math stoirmeil. Cho stoirmeil 's a chunnaic [?iad tric e].

Bha bàta-seòlaidh aige 's cha robh e a' cur... smaointinn air an stoirm. 'S gu dè thàinig air adhart ach am bàta mòr, an Dunara mar a their iad rithe, agus ghlaodh an caiptean aig an Dunara ris:

"A bheil thu airson gun toir mi slaodadh air adhart ort?"

"Chan eil. Cùm romhad," thuirt e.

Cha deach an Dunara uabhasach fada dar a dh'fheumadh i an acair a leigeil a-sìos. Cha robh dòigh air a dhol na b' fhaide.

Thàinig mo laochan air adhart leis a' bhàta bheag agus dar a bha e a' dol seachad air, ghlaodh e ris a' chaiptean:

"A bheil thu airson gun toir mi slaodadh ort gu cala, 'ille?"

"Ò cùm romhad," thuirt an caiptean.

Agus 's ann mar sin a bha. Thug e sàbhailte i gu cala 's bha am bàta mòr a-mach air acair gus an tàinig sìth agus clos air an t-sìde.

Cha robh i dona, i sin?