Search

Am fraoch geal agus an cù dubh.

Date 25 May 1952
Track ID 22877
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1952.123.7

Original Tape ID

SA1952.123.126

Summary

The white heather and the black dog.

A short story about a brother and sister who saw a great black dog when out stealing white heather.

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Calum MacIllEathain: Sin sibh, ma-thà.

Iain MacDhòmhnaill: Bha duine ann an Sròn na Bà, gille agus a phiuthar, agus bha iad a' faicinn dos math de fhraoch geal air croit an coimhearsnachd. Bha iad ag aibhsleachadh seo glè mhòr gum bu mhath leotha fhaotainn. Cha robh iad ach glè òg, theagamh dusan bliadhna. Agus bha am bodach a bha seo uabhasach fada an aghaidh feadhainn a bhith air a' chroit aige, agus bha fhios aca gur ann am beul an anmoich a dh'fheumadh iad a dhol ga iarraidh.

'S dh'fhalbh iad an oidhche a bha seo, am beul an anmoich, agus bha iad a' falbh dìreach air an smàgan a dh'ionnsaigh an fhraoich. Agus dè bha a' tighinn mun coinneamh air an taobh eile dhen fhraoch ach cù mòr dubh, cho mòr 's a chunnaic iad a-riamh, agus casan air cho leathann, agus ghabh iad an t-eagal. Agus thuirt iad:

"A Dhia, cha tèid sinne nas fhaide," thuirt an gille ri phiuthar.

Agus thill iad air ais.

"A Dhia a bhith gar beannachadh ma chunna sinne riamh a leithid seo."

Chaidh iad dhachaigh, agus cha deach iad a dh'iarraidh an fhraoich, agus tha mi a' creidsinn gu bheil am fraoch an sin fhathast.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good