Search

Am fear a thòisich a' mionnachadh gus tuilleadh airgead fhai...

Date 25 May 1952
Track ID 22878
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1952.123.8

Original Tape ID

SA1952.123.126

Summary

The man who swore for more money.

A prayerful man called John Campbell noticed how his foul-mouthed friends got more money than he. He decided that he himself would swear more to get more money!

Item Subject/Person

Campbell, John

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Iain MacDhòmhnaill: Bha duine ann an seo agus 's e Iain Caimbeul a theireadh iad ris. Agus bha e rudan beag, dìreach, a dhìth air - cha robh e cruinn uile mar a their iad - agus chuir iad a dh'iarraidh nan gnothaichean e agus iad ag obair air basbaireachd, mar a their iad, feannsaireachd a-suas crìoch Bhàideanach. Chuir iad a dh'iarraidh biadh e.

Bha e a' tighinn dachaigh leis a' bhiadh 's an eallach air a mhuin agus thachair duine coibhneil air agus thug e dha glainne uisge-bheatha, 's dar a gheibheadh e an t-uisge-beatha bha e gu math bruidhneach agus dh'innseadh e meall de naidheachdan 's bhiodh e a' bruidhinn ris fhèin mun rathad mhòr.

Ach co-dhiù, thàinig e seachad air taigh agus chaidh... dh'iarr an duine a bha seo a-staigh e:

"Thig a-staigh 's am faigh thu blas biadh. 'S fhada bhon a dh'fhàg thu an taigh."

"'S fhada, 's thèid mi dìreach a-staigh, agus innsidh mi dhut dìreach dè tha a' cur caimir-inntinn orm glè mhòr," thuirt e, "agus arraban. 'S e sin," thuirt esan, "chan eil mi a' faotainn airgead idir, ged a tha na daoine eile a' faotainn airgead, 's tha na companaich a tha ag obair còmhla rium," thuirt e, "tha am pailteas airgid aca. Ach chan fhaca mi daoine riamh," thuirt esan, "as miosa na iad le droch chainnt agus iad a' mionnachadh 's a' cur dhiubh. Mar a chaidh ionnsachadh dhòmhsa bho m' òige tha mi a' gabhail m' ùrnaigh cho dùrachdach 's as urrainn domh, agus chan eil aon ghuth acasan oirre. Agus mar sin, tha mise a' dol a dhèanadh mar a tha iad fhèin a' dèanadh, feuch am faigh mi airgead, agus their mi mar a tha iadsan ag ràdh an-dràsta 's a-rithist. Rachadh an rud a thaigh na galla ach 's ann mar seo a tha e gu bhith."

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good