Search

An Hiortach a thug sgàthan à Glaschu.

Date 25 May 1952
Track ID 22879
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1952.123.9

Original Tape ID

SA1952.123.126

Summary

The St. Kildan who bought a mirror in Glasgow.

A St. Kilda man saw himself in a mirror in Glasgow, and thought it was a monkey. He took the mirror home to his wife, and she thought the ugly creature in the mirror was his mistress!

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - Harris

Island - Hirta (St Kilda)

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Classification

AT1336

Transcription

Iain MacDhòmhnaill: Bha bodach ann an Hiort agus chaidh e a Ghlaschu, ach 's e an aon rud a bh' ann an Hiort, cha robh sgàthan idir ann, 's chan fhaca e sgàthan riamh gus an deach e a Ghlaschu 's dar a chaidh e a thaigh a charaid. Bha e a' coimhead a-staigh san sgàthan agus chunnaic e an aghaidh a bha seo ann.

"Trobhad seo," thuirt e ri charaide. "An e muncaidh a tha sin thall?"

"Ò, chan e. 'S e thu fhèin tha sin."

"Ò, chan e idir, ach chuala mise aca bho chionn fhada nach robh aon char a chuireadh tu na do cheann nach dèanadh am muncaidh e, agus tha mise a' dèanadh sin. A cheart rud a tha mise a' dèanadh, tha an rud tha thall an sin ris. Agus dar a chuireadh mi a-mach mo theanga, tha e a' dèanadh sin cuideachd, agus chan eil teagamh nach e muncaidh a th' ann."

"Dadaibh, theirg thusa a-null rudan beag 's cuiridh mise m' aghaidh... m' ìomhaigh fhìn an sin 's gum faic thu."

Choimhead e air:

"An-tà," thuirt e, "tha rudeigin ann gun teagamh," thuirt esan. "Ach co-dhiù, innsidh mi dhuit dè nì mi. Bheiridh mi fear dhiubh seo dhachaigh a dh'ionnsaigh a' bhean."

'S thug e leis e. 'S dh'innis e dhi dar a ràinig e an rud laghach a thug e dhachaigh dhi.

"Càit a bheil e?"

"Tha e thall ann an sin," thuirt e.

Choimhead i, 's dè bha i ri bhith a' coimhead air ach air a' chùl aige.

"Coimhead air an taobh eile dheth, a ghalad," thuirt e.

Choimhead i air an taobh eile 's bha i a' coimhead air tacan. Chuir i sìos e 's choimhead i a-rithist air:

"An e sin a' chailleach ghrànda leis a bheil thusa a' falbh an Glaschu? Mas e," thuirt i, "tha an làn àm agad stad dheth 's gun a dhol a Ghlaschu, mas e sin an tè ghrànda leis a bheil thu a' falbh."

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good