Search

Tramaichean an Glaschu.

Date 25 May 1952
Track ID 22881
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1952.123.10

Original Tape ID

SA1952.123.126

Summary

Glasgow trams.

Donald and Dougal were working in Glasgow. Dougal later said that the trams were pulled by fishing-rods.

Item Notes

Recording speed varies.

Item Location

County - Lanarkshire

Parish - Glasgow

Village/Place - Glasgow

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Iain MacDhòmhnaill: Bha Dòmhnall agus Dùghall ag obair ann an Glaschu fada, agus thàinig Dòmhnall dhachaigh 's dh'fhuirich Dùghall an Glaschu ag obair. 'S nuair a fhuair e lathainnean-fèille thàinig e dhachaigh agus bha e glè choltach gun d' reigheadh e a choimhead air fear a bha cho fada leis an Glaschu, 's chaidh e a choimhead air Dòmhnall.

Thòisich iad air bruidhinn air Glaschu 's ciamar a bha Glaschu bhon a dh'fhàg e.

"Tha Glaschu o atharrachadh glè mhòr bhon a dh'fhàg thusa e."

"Chan eil mi a' smaoineachadh a-nise gum b' urrainn atharrachadh glè mhòr a bhith air bhon a dh'fhàg mise e. [?Bha an t-àite] ud mar a bha e."

"Seall," thuirt e, "dar a bha thusa an Glaschu 's ann gan tarraing le na h-eich, 's iad a bha a' tarraing nan carbadan."

"Agus b' eireachdail ann iad cuideachd," thuirt e.

"Ò tha sin ceart gu leòr," thuirt e, "ach an-diugh, a laochain, 's ann a tha iad ga tharraing le slat-iasgaich."

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Fair