Màthair a chaill mac sa chogadh.
Date 25 May 1952
Track ID 22883
Part 1 Loading...

Track Information

Original Track ID

SA1952.124.1

Original Tape ID

SA1952.123.126

Summary

The mother whose son was killed in the war.

A certain mother never knew whether she was talking to Dougal or his twin brother Donald who was killed in the war.

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Iain MacDhòmhnaill: Bha boireannach anns an àite seo ris an abradh iad Mòr Ailein, agus bha i glè dhuilich airson dà bhalach a dh'fhalbh don chogadh. Agus 's e twins a bh' annta - sna balaich - agus bha iad fuathasach coltach ri chèile. Agus chaidh fear dhiubh a mharbhadh. Agus 's e Dùghall agus Iain a bh' orra, agus 's e Dùghall a thill dhachaigh.

Chunnaic Mòr e gràinne bhliadhnachan an dèidh sin, agus thachair i air Dùghall agus thuirt i ris:

"Tha mi cho toilichte d' fhaicinn, agus fuathasach toilichte, ach seo agad aon rud nach urrainn domh innse, co-dhiù tha mi a' bruidhinn riut fhèin," thuirt ise, "no ri do bhràthair - am fear a chaidh a mharbhadh sa chogadh."