Na fir a chunnaic sìthiche.
Date 25 May 1952
Track ID 22885
Part 1 Loading...

Track Information

Original Track ID

SA1952.124.2

Original Tape ID

SA1952.123.126

Summary

The men who saw a fairy.

Some men from Glen Uige saw a woman coming in long green dress, walking on the tips of the heather. They took fright and fled.

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Iain MacDhòmhnaill: Bha feadhainn a' tighinn a-nall à Gleann Ùige le crodh, triùir dhaoine, agus nuair a fhuair iad an crodh a chur a-staigh ann am pàirce, agus a' chachaileid a dhùnadh, agus a h-uile nì mar bu chòir dha, ghabh iad anail, agus leag iad an uchd air a' chachaileid agus iad a' coimhead ris an àird an iar. Chunnaic iad pìos air falbh boireannach a' tighinn. Thuirt an dala fear ris an fhear eile:

"Bheil fhios dè am boireannach a tha a' tighinn an seo ann an àite cho iomallach a-nuas am monadh?"

'S dh'fhuirich iad mar a bha iad. Bha earraid fada uaine oirre agus nuair a dhlùthaich i riutha, mu dhà fhichead slat bhuapa, thuirt an dala fear ris an fhear eile gun robh i a' coiseachd air an fhraoch.

"Saoil thusa a bheil?"

Choimhead iad, an triùir dhiubh, agus bha mar a thuirt; coiseachd air bàrr an fhraoich.

'S thàinig iad chun a' cho-dhùnadh gur e a bh' ann an t-sìthiche, agus ghabh iad fìor eagal agus theich iad. Agus thuit fear dhiubh. Agus tha comharradh air a' ghlùin aige gus an latha an-diugh thar an deach e a ghearradh gu h-olc, agus dh'fhaighneachd fear dhiubh bho chionn ghoirid dheth:

"A bheil an comharradh a tha seo air do ghlùn fhathast?"

"Tha agus bidh gus an tèid mise dhan ùir."

Ach siud mar a thachair agus cha ghabh e dhol às àicheadh.

Sin agad e.