Search

'S Math an Còcaire an t-Acras

Date 25 May 1952
Track ID 22896
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1952.125.A4

Original Tape ID

SA1952.123.126

Summary

How the Earl of Mar was pursued by Dòmhnall Dubh Ballach after the Battle of Inverlochy, 1431.

The Earl of Mar was escaping after the Battle of Inverlochy, pursued by Dòmhnall Dubh Ballach. He got some meal from an old woman. He came to a stream and made gruel in his shoe with the meal and a little water. He said a rhyme as a grace:

"Is math an còcaire an t-acras, is mairg a dhèanadh tàir air a' bhiadh; fuarag eòrna à sàil mo bhròige, am biadh a b' fheàrr a fhuair mi riamh."

O'Brien in Glen Roy killed his only cow for him and is rewarded later with hospitality for life.

Item Subject/Person

Earl of Mar

Language

Gaelic

Collection

SoSS

Transcription

Iain MacDhòmhnaill: Bha Dòmhnallach nan Eilean... Mac Dhòmhnallach nan Eilean, 's e Dòmhnall Dubh Ballach a theireadh iad ris, agus bha e... feachd làidir aige do na Gàidheil, cho math 's a thachradh air duine ann an astar mìos.

Agus gu dè smaointich a thigeadh iad... a thigeadh a thoirt tarraing air agus batal a bhith aca, ach Iarla Mhàrr a thàinig a-nall à Bràigh Mhàrr, eadar sin agus Peairt.

'S cà 'n do thachair iad ach aig Inbhir Lòchaidh, far a bheil an taigh-beairt air chur an-àirde an-diugh, mar a their iad an fhactaraidh. Bha sin ann ann a'... anns a ceithir cheud deug agus a h-aon deug thar an fhichead. Agus 's e Dòmhnall Dubh Ballach a choisinn, 's chuir e an ruaig air Iarla Mhàrr.

Theich Iarla Mhàrr agus ghabh e an-àirde mar a tha Lèanachan, agus a-suas na caran sin gus an do ràinig e air Gleann Ruaidh. Agus mar a bha e a' teannadh a-suas air... air àite ris an abair iad Coire Choille, chaidh e a-staigh far an robh cailleach agus dh'iarr e biadh oirre.

"Chan eil biadh agam, ach ma dh'fhanas tu tacan," thuirt i, "nì mi biadh deiseil dhut."

"Chan eil ùine agam air," thuirt e, "agus an ruaig na mo dhèidh, ach thoir dhòmhsa deantag bheag de mhin agus nì mi fhìn biadh an àiteigin."

'S e seo a rinn i. Fhuair e a' mhin agus a' chiad allt gus an tàinig e, 's e a' smaoineachdainn gun robh e sàbhailte, chuir e an fhuarag... chuir e a' mhin ann an sàil a bhròig agus dileag de dh'uisge, agus dh'ith e e le bioran. Agus thuirt e:

"Is math an còcaire an t-acras, is mairg a dhèanadh tàir air a' bhiadh; fuarag eòrna à sàil mo bhròige, am biadh a b' fheàrr a fhuair mi riamh."

Agus rinn e gu... leis gur e beul na h-oidhche a bh' ann, rinn e eadar sin 's madainn a-suas air Gleann Ruaidh, agus dar a bha faireadh na madainn a' tighinn, 's nach fhaiceadh feadhainn e, fhuair e a-staigh ann an taigh - duine ann an sin ris an abair iad Ò Briain - agus cha robh mòran biadh san taigh 's an t-acras air an duine.

"Ach innsidh mi dè nì mi riut," thuirt e. "Marbhaidh mi an aon mhart a th' againn, agus gheibh thu i, a h-ithe."

Agus 's e sin a chaidh a dhèanadh. Dh'fhuirich e trì latha ann an sin agus e na chadal air leabaidh fraoich agus 's e am brat a bha thairis air, no an cuibhrige mar a theireadh iad, seiche mhairt. 'S dar a fhuair e sgìos a chur dheth, dh'fhalbh e beul na h-oidhche, 's e a' dèanadh air an àite aige fhèin dhachaigh. Agus thuirt e ris:

"Ma bhios thu a' smaoineachdainn gu bheil faotainn coire dhut, no gamhlas aig daoine riut, gun do shàbhail thu mo bheatha-sa, dèan air an àite agamsa agus nì mise beathte thu."

'S ann mar seo a bha. Bha e a' smaoineachdainn na bheachd fhèin gun robh iad na aghaidh, mar a shàbhail e an duine, agus dh'fhalbh e chun an àite aige ann a... aig Iarla Mhàrr. Agus mar a bha e a' teannadh air an àite, agus dorsair a-mach ann an sin aig cachaileith mhòr, agus nach robh duine ri leigeil a-staigh air an àite sin, mura biodh e air a smèideadh bhon taigh no [?sanan] a thoirt da bhon doras.

Thàinig an duineachan ablach a bha seo air adhart agus ghabh e fìor iongantas dar a chunnaic e an t-Iarla ag iarraidh air a dhol an-àirde thun an taighe, agus b' iongnadh leis an crathadh-làmh a bha shuas an sin agus cho di-beathte 's a chaidh a dhèanadh. Thuirt an t-Iarla ris:

"Thig a-staigh dhan taigh agamsa, agus gheibh thu an seòmar as fheàrr a th' ann, agus am biadh as fheàrr a th' agam, mar a fhuair mise bhuatsa. Agus mura h-eil thu toileach a dhol air ais a Ghleann Ruaidh, gheibh thu talamh air an oighreachd agam, agus bidh thu ann cho fad 's a bhios tu beò."

Agus 's ann mar seo a bha. Thàinig am bodach gu co-dhùnadh gun robh cho math dha fuireach anns an àite ud, gun tilleadh a Ghleann Ruaidh, 's cha d' fhuair iad forfhais tuillidh air, 's dh'fhuirich e air an talamh aig Iarla Mhàrr.

Ciamar a tha sin?

Calum MacIllEathain: Saoilidh mi gu bheil i sin math.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Fair