Search

An sealgair a mharbh fiadh le bonn sia sgillinn.

Date 25 May 1952
Track ID 22906
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1952.126.4

Original Tape ID

SA1952.123.126

Summary

The hunter who shot a deer with a sixpence.

A man going hunting got food from some peat-cutters. When he raised the gun to shoot a deer, it turned into a woman combing her long red hair. He put sixpence in the gun and it is a deer when he aims. He kills and grallochs the deer, and finds the same bread and cheese that he was eating earlier in its belly.

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Iain MacDhòmhnaill: Chaidh duine a-mach ri monadh le a ghunna agus le a chuilean agus e a' dol a dh'fhaotainn fiadh. Agus bha ceum togarrach, aoigheil aige a' falbh agus e ann an sunnd... sunnd math.

Cha deach e fad air adhart an-àird am monadh nuair a chunnaic e feadhainn a' gearradh mòine.

"Thig a-nall, òganaich," thuirt iad ris. "Tha sinn a' dol a ghabhail ar biadh agus gheibh thu share de na bheil ann."

"Och," thuirt e, "taing dhuibhse," thuirt e. "Chan eil mòran feum agam air biadh."

"Ò faodaidh tu bhith feumach gu leòr air mun till thu. Faodaidh allaban a bhith agad mum faigh thu fiadh."

'S dh'aontaich e ri seo 's thàinig e a-nall. Chaidh na h-ioclaidean a chur gu taobh agus shuidh iad mun cuairt am bòrd a bh' aca, agus bha am pailteas an sin de dh'ìm 's de chàise Gàidhealach agus de dh'aran-coirce agus de bhainne, 's ghabh e a leòr dheth.

"Nise, bidh mi a' falbh," thuirt e, "agus mòran taing dhuibh airson ur biadh."

Agus dh'fhalbh e.

Cha deach e fad an-àird an t-aonach dar a chunnaic e ùlach cho brèagha 's a chunnaic e riamh.

"An-tà," thuirt e, "cha deach mi fada airson mo shealg."

Agus dar a thog e an gunna airson a thilgeil, 's e a bh' aige boireannach.

"Dhia, dè tha seo?" thuirt e.

Leig e sìos an gunna agus thog e a-rithist i, agus nuair a thog e an gunna a-rithist, bha i ann an sin boireannach brèagha agus falt fada ruadh oirre agus i a' cìreadh a cinn, agus na bu dè bha a' tuiteam às a cheann air clach, bha farachan aice agus bha i ga bhualadh.

"Ò 's e gnothach a tha seo," thuirt e. "Ach chuala mi," thuirt e, "le sia-sgillinnean a chur sa ghunna gun dèanadh e feum."

Chuir e sia-sgillinn anns a' ghunna agus chuir e an-àird ri shùil i, agus dè bh' aige ach am fiadh, agus dh'fheuch e air agus thuit am fiadh.

Chaidh e an-àirde far an robh am fiadh agus bha e a' dol a thoirt... ga ghreallachadh - a' dol a thoirt a mhionaich às - agus 's e sin a rinn e, agus mar a bha e a' teannadh air an fhiadh dh'fhàs e uabhasach fhèin fann - uabhasach, 's thuirt e ris fhèin:

"Nach math gun do ghabh mi biadh, air neo dh'fhannaichean."

Agus nuair a dh'fhosgail e am fiadh 's dar a choimhead e a-staigh, dè fhuair e na bhroinn ach an t-aran 's an càise a dh'ith e shìos aig a' bhlàr-mhòine agus chuir e mòr-iongantas air. Phaisg e an gunna na achlais agus dh'fhalbh e dhachaigh agus cha d' fhuair e fiadh an latha sin.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good