Search

O a Phiùthrag Olc a Phiuthar

Date 11 February 1963
Track ID 23837
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1963.01.A1

Original Tape ID

SA1963.001

Summary

This is a song by a girl who had a fairy lover. She describes the gifts he promised to give her. The verse referring to her three brothers gives hints of a murder.

Item Notes

Five quatrains plus choruses sung.

See:
'MacDonald Collection of Gaelic Poetry' p. 331

Language

Gaelic

Genre

Song

Collection

SoSS

Transcription

O phiùthrag olc o phiuthar
'S minig a dh'innseadh dhut a rùin
'S mòr bu luaithe thigeadh sgeul
Mach orra* bheul no orra ghlùin. [*air do]

Hóro ille dhuinn shunndaich
Hó shunndaich, hó rùnaich
Hóro ille dhuinn shunndaich
Chùm thu raoir nam dhùsgadh mi.

Gheall mo leannan dhòmhsa brèid
Gheall e 'n-diugh e, gheall e 'n-dè e
Agus dà sheachdain deug
Airson i* dealaichte ri chèile. [*bhith]

Gheall mo leannan dhòmhsa cìr
Gheall e crios dhomh agus stìom
Airson coinneamh dhèanamh ris
Am bun a' phreas mun èireadh grian.

Chì mi mo thriùir bhràithrean donna
Air an eachaibh loma luatha
Claidheamh gun robh 'm bun an clèibh
Is fuil an cridhe sileadh bhuap'.

B' fheàrr leam na cuid òr na cruinne
Na eudail an domhain gu lèir
Thusa ghràidh thighinn bhon chnoc uaine
Dol don uaigneas sinn leinn fhèin.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good