Search

A' Chaileag Mheallta

Fieldworkers
Date 05 January 1950
Track ID 23854
Part 1

Track Information

Original Track ID

CW0036.170

Original Tape ID

CW0036

Summary

At one time, when the contributor was a sailor, he met a girl whilst ashore in Liverpool. She came aboard the ship and met another sailor there. They were to marry, but somebody found out that she was already married to one of the other sailors on board.

Recording Location

County - Inverness-shire

Parish - Barra

Island - Barra

Village/Place - Castlebay

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

Canna

Transcription

Fear neo-ainmichte: This is Murdoch MacKinnon, Cnoc Fraoich, going to sing a Gaelic song, a' Chaileag Mheallta, or the deceptive girl. This is a story, the deceptive girl. Castlebay 5th of January, 1950.

Murchadh MacFhionghain: Nuair a bha mi na b' òige na tha mi, bhithinn a' dol gu fairgidh, 's e an ciùird bu mhotha 's a b' fhaide a bh' agam. Agus a thaobh a bhith car òg, bhiodh mo shùil air caileagan òga uaireannan. Ach co-dhiù, bha sinn air falbh ann an New Zealand, agus luchdaich sinn cargu feòla. Thàinig sinn leis, agus 's e Lunnainn a' chiad àite, chuir sinn a-mach pàirt dhen chargu ann an Lunnainn, 's bha a' chuid eile dheth gu ruige Poll a' Ghrùthain, ris an can iad sa Bheurla, Liverpool.

An àm anns an robh sinn an Liverpool, bha againn ri dhol dhan drydock airson am bàta a chur air dòigh. Bha sinn lathaichean ann, agus bha an t-sìde gu math anns an àm cuideachd. Bhithinn fhìn a' dol air tìr a h-uile h-oidhche agus a' gabhail sràid suas am baile.

Co-dhiù, oidhche dhe na h-oidhcheannan, chunnaic mi a' chaileag shnog a bh' ann an seothach. Agus gu dearbh, bha i ann an sin, agus pearsa ghasta chumadail aice, agus bha mi ag ràdh rium fhìn:

"Nach i tha laghach, a' chaileag a tha siud. Nach i tha bòidheach."

Ach 's ann air a cùlaibh a bha mi, pìos, agus gu dearbh cha deach mi roimhpe. Bha mi... bha i a' falbh leatha fhèin, agus bha mi a' leigeil leatha agus a' cumail mo shùil oirre feuch an dèanadh duine sam bith suas rithe air an t-sràid, agus cha robh mi a' faicinn duine. Uill, stadadh i a' sealltainn air uinneag bùtha, na rudan a bhiodh ann, agus nuair a stadadh i an seo, stadainn-sa cuideachd aig uinneig eile airson 's nach tiginn na bu ghiorra dhi.

Bha sinn a' coiseachd suas an t-sràid co-dhiù. Chunna mi gille caol a' tighinn seachad orm agus ceum luath aige, agus theann e suas ris a' chaileig a bh' ann an seo, agus gu dè a rinn e anns an dol seachad oirre ach a' mhàileid bheag a bh' aice na làimh a sgiobadh bhuaiche, 's a-mach a ghabh e leatha.

Ò, leig i na ràin 's leig i na creachan, 's dh'èigh i air na poileasmain. Gu dearbh, cha robh iad sin fada gun tighinn. Thàinig triùir aca mu chuairt oisinn agus rinn i comharra air choreigin agus breith air an duine a bh' ann an siudach, agus bha fear dhe na poileasmain sin, gille caol fada, 's bha e cho luath ri Caoilte na Fèinne fhèin, ged a bhiodh e ann. Agus cha robh e fada nuair a bha e aige.

Co-dhiù, tharraing am boireannach 's bha mi fhìn a' dèanamh air mo shocair, agus bha am boireannach 's am fear a sgiob am baga beag às a làimh an siud aig na poileasmain ga cheasnachadh, agus ga ceasnachadh. Nuair a bha mi fhìn a' dol seachad orra, thionndaidh a' chaileag agus thuirt i:

"Ò," ars ise, "bha am fear seo," ars ise, "ga fhaicinn a' tighinn seachad orm agus chunnaic e e a' toirt bhuam na màileid."

Chuir na poileasmain stad orm fhìn co-dhiù, agus stad mi. Cheasnaich iad mi. Thuirt mi gum faca mi e ga thoirt bhuaiche, ach nach robh fhios agam co-dhiù bha e leis fhèin no leatha fhèin.

"Ò, tha sin ceart gu leòr. 'S fheàrr dhuibh tighinn a-staigh dhan pholice office ann an seo."

Ghabhadh ar n-ainmeannan sìos an sin, a h-uile dad, 's dh'fhaighneachd iad dhìom fhìn dè bha mi a' dèanamh, agus thuirt mi gun robh mi ann am bàta, 's gun robh am bàta ann am Bootle, agus gun robh mi ag obair innte.

"Ò chan eil sinn a' dol gad chumail idir. Chan eil sinn ach airson ceasnachadh a dhèanamh ort."

Cheasnaich iad mi mu dheidhinn na cùise, agus dh'innis mi dhaibh a h-uile facal, an fhìrinn e mar a chunnaic mi.

"Ceart gu leòr, a MhicFhionghain," ars iadsan, "faodaidh tusa falbh a-nist."

Agus cha bu bhuileach a bha mi a-mach air an doras, air an t-sràid, na chunnaic mi a' chaileag a bh' ann an seo a' tighinn às mo dhèidh, agus i ag èigheach agus a' toirt taingeannan mòra dhomh. Agus fhuair i am baga beag a bh' ann an seo cuideachd. Bha e aice.

"Ò [???], chuala mi," ars ise, "thu ag innse mun bhàta anns an robh thu, 's far an robh i na laighe. Thèid mi sìos," ars ise, "gad choimhead."

"Ò, gu dearbh fhèin," arsa mise, "nach sibhse a dh'fhaodas sin," agus mi a' smaointinn nach rachadh i ann idir, ged a bha i ga ràdh.

Cha robh sùil sam bith agamsa gun tigeadh i, ach an ath-oidhch' ann an sin, an dèidh dhuinn stad a dh'obair sa bhàta, eadar sia agus seachd uairean, thàinig gille òg a-nuas a dh'ionnsaigh a' bhàta anns an robh mi fhìn agus thuirt e gun robh caileag aig a' gheata gam iarraidh, a thaobh chan fhaigheadh i a-staigh air a' chachaileith an sin gun fireannach a bhith còmhla rithe, agus smaointich mi anns a' mhionaid gur e seo a' mhaighdeann a dh'fhaodadh a bhith ann.

Ach an aghaidh mo thoil dh'fhalbh mi co-dhiù, mar a thuirt mi riut, agus thug mi a-staigh i. Thug mi air bòrd dhan a' bhàta i, 's thug mi mu chuairt a' bhàta i. Sheall i air a h-uile dad agus dh'innis mi dhi a h-uile dad a dh'fhaodainn innse dhi, ach an rud nach fhaodainn innse dhi, cha robh mi a' dol ga innse idir dhi.

Agus co-dhiù, bha messroom brèagha againn, agus dh'fhaighneachd mi dhith an gabhadh i cupa tì, agus thuirt i gu dearbh fhèin e gura h-ise a dhèanadh sin, agus cha robh i fada gus an d' fhuair i siud, agus tuilleadh a bharrachd air a' chupa tì on chòcaire. Co-dhiù, bha an oidhche a' dol seachad, agus nuair a bha e mu naoi uairean, dh'fhalbh mi leatha 's dh'fhàg mi air tìr i a-mach air a' gheata. Dh'fhàg mi oidhche mhath aice. 'S thuirt i gun robh i a' tighinn an ath-oidhch' a-rithist.

"Seadh, seadh," arsa mise.

Thug mi a-nist an aire anns an àm dhuinn a bhith a' dol far a' ghangway gun robh an Chief Engineer agus a shùil a-mach, agus cha robh e pòsta ann, ged nach robh e fuathasach òg. Agus co-dhiù, rinn e comharra dhan a' chaileig, agus chuir e fàilte oirre, agus dh'introduce mi fhìn dha i cuideachd, agus dh'fhalbh sinn; dh'fhàg mi a-muigh i 's oidhche mhath aice.

Thàinig a' chaileag an ath-oidhch' mar a gheall i, agus gum b' ann far an robh an Chief Engineer a ghabh i, agus dh'fhàg i mise an siud. Thòisich na gillean eile air magadh ormsa an uair sin, ged bha mise ceart coma.

Ach co-dhiù, fhuair mi seachad a' chùis. Bha an Chief Engineer a' toirt preusant dhi 's a' falbh leatha gu ruige taighean-ciùil 's taighean-dhealbhannan 's a h-uile dad dhen t-seòrsa sin, theatres 's na gnothaichean dhen t-seòrsa sin. Ach an seo oidhche dhe na h-oidhcheannan, 's ann a bha am Mate, 's e na dhuine òg agus e na dhuine àlainn, agus 's e esan a bh' ann an sin, agus 's ann a mhothaich e dhan bhoireannach, ach thàinig i an sin a-rithist an ceann oidhche no dhà, agus 's ann a dh'ionnsaigh a' Mhate a ghabh i. Dh'fhàg i an Chief Engineer an siud, ach mura robh magadh an sin, air an Chief Engineer aig na h-engineers eile agus aig a h-uile duine a bha sa bhàta. Am boireannach a chall. Thòisich e an sin... cha robh e toilichte dhìomsa a thaobh gur h-ann air mo thàillibh a chaidh i air bòrd.

Ach co-dhiù, bha am Mate a' falbh leatha a h-uile h-oidhche a bha sinn san drydock, 's thug sinn aon deich latha ann, agus bha e a' cosg rithe cuideachd. Chaidh an seo an naidheachd mu chuairt air feadh a' bhàta gun robh iad a' dol a phòsadh nuair a thilleadh am bàta far a' bhòidse a bh' ann an sin, am Mate agus am boireannach a bh' ann an seo, agus chreid a h-uile duine e cuideachd. Ach mar a bha cùisean a' dol air aghaidh, nuair a bha am bàta deiseil dh'fhalbh sinne, 's sheòl... bha sinn a' dol... chaidh iarraidh oirnn a dhol a dh'ionnsaigh na Shipping Office, an criutha airson soidhneadh air. Chaidh sinn a dh'ionnsaigh na Shipping Office. Shaoidhneadh air, agus bha sinn air ar n-òrdachadh air bòrd an ath-oidhch' air a sin aig dà-dheug a dh'oidhche.

'S bhiodh na taighean-seinnse fosgailte anmoch anns an àm. Nuair a thàinig an t-àm, aig aon uair deug, thàinig an Chief Engineer a dh'ionnsaigh an t-Second Engineer agus dh'fhaighneachd e an tàinig na firemen air bòrd air fad, 's thuirt e gun sealladh e. Sheall an duine.

"Ah," ars esan, "tha iad air bòrd," ars esan, "ach aon fhear."

"Ò tha aon fhear gun tighinn fhathast," thuirt an Chief.

"Tha," ars an Second.

"Uill, mura bi e an seo," ars esan, "ann an leth-uair eile, feumaidh tu," ars esan, "an Donkeyman a chur air na teintean, na àite."

Agus bha fios aig an t-Second nach biodh an Donkeyman fuathasach toilichte, nach b' e a ghnothach uile-gu-lèir a bh' ann, ged a dh'fheumadh e dhol ann. Ach b' fheudar dhan t-Second falbh far an robh an Donkeyman 's e air tighinn air bòrd.

Chaidh e a dh'ionnsaigh a' cheabain aige. Bha an duine còir an sin, agus ciste aige fosgailte agus e a' cur air dòigh a chuid aodaich a bh' aige sa chistidh, ga sgaoileadh a-mach 's ga chur air dòigh a chor 's nach biodh e [???] 's gum biodh e air dòigh aige. Agus nuair a bha an Second Engineer a' coimhead, mhothaich e a dhà no trì dhealbhan chaileag air cùl na ciste aig an Donkeyman. Mhothaich e dhan tè a bh' ann an seo, cho snog 's a bha i, 's cho àlainn 's a bha i, agus dh'fhaighneachd e... thuirt e ris an Donkeyman:

"Nach brèagha an dealbh a tha siud agad."

"Seadh," ars esan, an Donkeyman, ars esan.

Cha do leig e dad air co-dhiù gun robh i coltach ris an tè a bh' air bòrd còmhla ris a' Mhate, ach dh'fhaighneachd e dheth:

"An e bana-charaid dhut fhèin a tha siud?"

"Chan e," ars esan. "Siud agad a' bhean agam," ars esan, "agus tha còig bliadhna o nach fhaca mi i."

"Ò dhuine, dhuine, tha tuilleadh 's a chòir ann," ars esan.

Dh'fhalbh an Second, ach bha aige ri innse dha gun robh aige ri dhol dha na teintean, gun robh fear dhe na firemen goirid. Ach mun deach an gangway a chur air tìr, 's am Pilot air bòrd, thàinig an Donkeyman a-mach feuch am faiceadh e an tigeadh am fireman air na mionaidean mu dheireadh. Cha robh a choltas a' tighinn.

Bha am boireannach ann... nuair a dh'èigh am Pilot an gangway a chur air tìr, thàinig am Mate a-nuas leis a' bhoireannach a bh' ann an seo, agus e ga faicinn air tìr, 's iad a' dol a phòsadh nuair a thilleadh iad. Agus bha an Donkeyman na sheasamh aig ceann a' ghangway far an robh an Quartermaster, 's sheall e air a ghualainn 's chunnaic e am boireannach, 's ghabh e thuice.

"Ò, hello Violet," ars esan, "my dear wife," ars esan, "it's five years now since I've seen you."

Sìos a ghabh an gangway leatha. Sìos esan às a dèidh. Suas na wagoin a bh' aig an dock, suas an dithis aca. Cha robh ach bha an Donkeyman an seo air falbh a-nist còmhla ris an fhireman.

Cha robh againn ach... Thug am Pilot a-mach am bàta, 's cha robh ach an t-acaire a leigeadh às san abhainn gus an tigeadh an Sgiobair air tìr an làrna-mhàireach a dh'iarraidh fireman agus donkeyman, agus bha am Mate, dh'fhàs e cho bàn ri anart nuair a chunnaic e mar a bha, gur e bean an duine eile a bh' ann a bha e a' dèanamh suas rithe, a bheil thu faicinn, agus nuair a thill am bàta far a turais air an triop sin, dh'fhàg e a' chompanaidh uile-gu-lèir [?leadanach]. Cha chualas guth riamh tuilleadh air.

Source Type

Wire

Audio Quality

Fair