Search

Dealan-dè

Track Information

Original Tape ID

DealanDe 1985.10.01

Summary

Sixty years married.

James Campbell and his wife Mary Ann have been sixty years married. They talk about how they met, their wedding (in 1925), where they stayed, why their marriage was so successful, and their family. They also talk about the evening which was arranged for them to commemorate their diamond wedding.

Item Subject/Person

Campbell, James; Campbell, Mary Ann

Recording Location

County - Inverness-shire

Island - Skye

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Màiri Anna Chaimbeul (MC): Ciamar a thachair sinn? Ciamar nach b' urrainn... nach tachramaid sinn? Dìreach, duine às gach ceann dhen a' bhaile, a' tachairt cha mhòr a h-uile latha.

Cailean MacIllEathain (CM): A bheil cuimhn' agaibhse?

Seumas Caimbeul (SC): Ò, tha cuimhn' a'm air sinn a' dol dhan sgoil cuideachd. Dìreach, sin agad a' chuimhne as fhaide air n-ais a th' agam, air a thòisichinn air a dhol dhan sgoil. Tha sinn gu math faisg air an aon aois, agus bha sinn san sgoil cuideachd gu 'n do stad sinn, 's och, riamh on uair sin, gu math faisg air a chèile.

CM: Agus cuin a phòs sibh?

SC: Phòs sinn ann an naoi ceud deug agus còig air fhichead. A bheil sin ceart? Tha.

CM: An robh rèiteach agaibh?

SC: Cha robh.

CM: Cha robh a leithid a' dol an uair ud?

SC: Och, bha e air stad. Cha robh... chan fhaca mise rèiteach riamh. Cha robh mi aig rèiteach riamh na mo bheatha.

CM: Agus cò ris a bha a' bhanais coltach?

MC: Uill bha banais shnog ann, ann an taigh m' athar, dìreach thall aig... anns a' bhaile ann a shin. Cha robh uabhas ann, mar a th' air bainnsean an latha an-diugh. Bha dòcha eadar dà fhichead 's leth-cheud ann. Cha chreid mi nach robh.

SC: Bha.

CM: An robh ceòl 's biadh 's a h-uile sìon mar sin agaibh?

MC: Ò bha biadh ann, ach cha robh mòran ceòl idir ann. Bha òrain gu leòr ann. Cha robh mòran... cha robh mòran rùm ann airson dannsa. Chan e nach robh feadhainn a' dannsa, ceart gu leòr, le puirt-à-beul 's rud dhen t-seòrsa sin.

CM: Tha sibh air a bhith pòsta trì fichead bliadhna.

SC: Tha.

CM: Nise, ciamar a tha sibh an dùil a dh'fhuirich sibh còrdte cho fada sin?

SC: Ò uill, tha sin soirbh gu leòr innse dhut, 'ille. Bha sinn dìreach, an dara duine a' toirt àite fhèin dhan duine eile. Sin agad cho math 's as urrainn mise innse dhut. Cha robh... chan eil càraid sam bith a bha trì fichead bliadhna pòsta nach robh sìos 's suas aca uair no uaireigineach, ach... bhiodh sin againne cuideachd, ach bhathas ga rèiteach.

CM: A bheil sibhse ag aontachadh leis a siud?

MC: Tha mise ag aontachadh le sin. Aontachadh leis cuideachd.

CM: Thairis air trì fichead bliadhna, tha fhios gun robh amannan sona agaibh agus caran, uill, amannan nach robh cho furasta...

MC: Cho math. Ò uill, cha robh e uabhasach furasta anns an àm a phòs sinne. 'S e bliadhnaichean gu math caol a bh' ann, mar a bh' aca air. Ach fhuair sinn troimhe, 's tha sinn mòran nas fheàrr dheth a-nise na bha sinn air a phòs sinn. 'S fhuair sinn teaghlach mòr a bha glè mhath dhuinn, 's a tha math dhuinn fhathast, 's tha iad uile pòsta, 's tha na fireannaich 's na boireannaich a phòs iad a cheart cho math dhuinn ris an teaghlach.

CM: Cà robh sibh a' fuireach anns a' chiad dol a-mach?

MC: Uill, cha do ghluais sinn fad air falbh bhon a' bhaile riamh. Cha do ghluais mise, ach bha esan air falbh ag obair thall 's a-bhos. Bha e sia bliadhna anns an Arm aig àm a' chogaidh. Ach bha sinn a' fuireach shìos an ceann shìos a' bhaile an toiseach, 's an uair sin fhuair sinn an lot a bha seo o chionn dà fhichead bliadhna 's a naoi, ann an naoi ceud deug 's sia-deug air fhichead. Thàinig sinn ann a sheo, agus tha sinn gu math toilichte ann on uair sin.

CM: Nise, a bheil comhairle agaibh airson duine sam bith a tha an dùil pòsadh a dh'aithghearr?

MC: Uill, feumaidh tu a bhith gu math dhan a' bhean, mar a bha an duine dhòmhsa.

SC: Uill innsidh mise dhut aon phàirt dhen an stòiridh co-dhiù, an rud a dh'fheumas tu a dhèanamh. Chuala a h-uile duine iomradh air Henry Ford, an duine ainmeil a bha sin. 'S bha e pòsta còrr 's trì fichead bliadhna, agus nuair a bha e trì fichead bliadhna pòsta, bha cuirm mhòr aige 's ò, daoine mòra an uair sin, na dhuine beairteach ann an Ameireaga, bha a h-uile duine mòr a bha sa... a bha sa... timcheall air còmhla ris, agus dh'fhaighneachd fear dhiubh dheth an toireadh e dha a-niste secret ciamar a bha iad cho còrdte fad... 's a dh'fhuirich iad cuide fad na trì bliadhna... air an trì fichead bliadhna a bha sin. "Uill innsidh mi sin dhut," ars esan. "Tha..." 'S ann am Beurla a bha e a' bruidhinn, ceart gu leòr. "The secret is," he says, "stick to the one model, the same as I've done." 'S b' e sin am Ford beag a bha a' dol an uair sin, a bheil thu a' faicinn. Stick to the one model. Shin agad... shin agad comhairle mhath, 'ille.

CM: Bho chionn ghoirid bha ur teaghlach uile a-staigh aig co-chruinneachadh a bha a' comharradh air an trì fichead bliadhna.

MC: Uill mar a thuirt thu fhèin, bha a' chlann uile ann, 's na daoine 's na mnathan aca, 's bha na h-oghaichean ann, naoinear dhiubh, agus dà iar-ogha, agus peathraichean do Sheumas agus na daoine aca, 's peathraichean dhòmhsa 's na daoine aca, agus bràthair do Sheumas cuideachd, agus friend no dhà eile a bh' againn. Bha suas mu dhà fhichead duine ann. 'S fhuair sinn dinnear a bha dha-rìribh, 's cha robh sìon a dh'fhios againn gun robh e a' dol a ghabhail àite gus an tàinig am post an latha a bha seo, 's invitation aige gar n-ionnsaigh, bhuainn fhìn, airson a dhol gu dinnear, gu Uilinis. Shin agad mar a thachair e.

CM: An do chòrd an oidhche ribhse?

SC: Bha i taghte math. Bha i math dha-rìribh. Bha a h-uile duine a bh' ann air an dòigh. Bha iad a' gabhail òrain 's bha pìobaire ann cuideachd. Uill, cha do rinn am pìobaire uabhasach... cha do rinn e uabhasach cluich, ceart gu leòr, ach bha e ann. Ach ò, oidhche thoilichte dha-rìribh, ag innse stòireannan, 's feadhainn dhiubh amh 's feadhainn nach robh cho àraid. Agus na h-uimhir a dh'òrain. Bha a' chlann a' gabhail òrain. Bha iad math air òrain, an teaghlach air fad, a h-uile duine dhiubh.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good