Cunntas air bàta-puist Hiort.
Track Information
Original Track ID
SA1961.21.B1
Original Tape ID
Summary
An account of the St Kilda mail boat.
No boats came to St Kilda in the winter. If anyone ran out of food, their neighbours would help them until supplies came. Mail was sent by attaching a sheepskin float to a boat-shaped plank, and the contributor gives a detailed description of how these were made. 'St Kilda Mail. Please Open.' was carved on the plank. It was put in the sea when the first southwest gale came. A gentleman from London who was visiting one summer said he would like a St Kilda Mail. The contributor took his address and made a float and a boat and sent it to him. A fortnight later a visiting trawler said it had reached Shetland in three days.
Item Location
County - Inverness-shire
Island - Hirta (St Kilda)
Parish - Harris
Language
Gaelic
Genre
Collection
Transcription
Uill, 's e bhiodh iad a' dèanamh ach cracann caorach air a... air a chur ann an cairte-ciù. Tha fhios agad dè...
Iain MacAonghuis (IM): Tha.
DM: A bheil?
IM: Tha.
DM: Agus ga shreidseadh, an cracann. Dh'fhàgadh tu fad seachdain e ann an cairte-ciù. Agus chuireadh tu an sin air bòrd e, agus shreidseadh tu a-mach e. Shlaodadh tu a-mach e, ga dhèanamh cho mòr 's a b' urrainn dhut. Uill...
IM: Dìreach ga shlaodadh le ur làmhan, an ann?
DM: Chan ann. Chan ann. Bha thu ga shlaodadh, ga chur air bòrd. Mar gun cuireadh tu air an doras ann a shin e, 's ga shlaodadh a-mach, a' cur tàirngean ann. Ga fhosgladh a-mach. Uill, nuair a bhiodh e agad fad seachdain... fad seachdain mar shin, bha e tioram. Bha thu a' dèanamh buta dheth. Bha thu a' cur ceann fiodh air, agus ga cheangal le ròp timcheall air. Agus bha toll anns a' cheann aige 's bha thu ga shèideadh 's a' cur làn gaoithe ann.
IM: Ciamar a bha sibh ga shèideadh?
DM: Bha, le do bheul. Toll mar gum biodh toll gimleid agad ann, agus tu ga shèideadh le do bheul. Agus a' cur an sin bìdeag de ròp ann, a' stad... a' toir stad air a' ghaoth tighinn às. Uill, chumadh tu e fad seachdain no fad cola-deug gus am faiceadh tu an robh e a' cumail na gaoithe. See? Uill bha thu a' feitheamh... ò, dh'fhàg mi rud às. Bha thu... bha thu a' dèanamh an sin sgoth, agus bha thu... pìos de phlanga, mu... mu throigh a dh'fhad, no mu throigh gu leth a dh'fhad. 'S bha thu a' dèanamh toiseach oirre mar gum biodh soitheach ann.
IM: Dìreach ga dèanamh biorach mar sin?
DM: Aidh. Bha thu a' dèanamh toiseach oirre mar gum biodh soitheach ann. 'S bha thu a' dèanamh an deireadh aice mar a chitheadh tu deireadh soithich. Bha thu a' cladhach anns a' mheadhan. Bha am planga ceithir òilrlich a leud, mu thrì òirlich a thighead. Bha thu le geilb, bha thu a' cladhach toll anns a' mheadhan aice airson siuga beag a dhol ann leis na litrichean.
IM: Siuga?
DM: Aidh. Siuga beag leis na litrichean. Cha robh stamp... chan fhaigheadh tu stamp ann. Dh'fheumadh tu an t-airgead a chur ann.
Uill, nuair a bha thu a' dèanamh... nuair a rinn thu an toll a bh' ann a sheo, an ceabain a bh' ann a sheo, bha thu a' cur cover air. Agus bha thu ga dhèanamh nach deigheadh uisge na bhroinn. Agus bha thu a' sgrìobhadh... bha thu a' gearradh anns an fhiodh air uachdar...
Boireannach neo-ainmichte (B): St Kilda mail.
DM: Eh?
B: St Kilda mail, nach e?
DM: 'St Kilda mail. Please open.' 'S bha thu a' ceangal na long a bh' ann a sheo ris a' bhuta, le pìos de ròp no pìos de uèir - uèir tana. 'S bha thu a' ceangal a' bhuta san long a bh' ann a sheo. Bha thu a' toir toll anns an... anns an long, anns an toiseach aice...
IM: Tha mi a' tuigsinn. Tha mi a' tuigsinn.
DM: ...bìdeag bheag os cionn uisge. Bha thu a' dèanamh toll gimleid ann. Bha thu a' feitheamh a' chiad latha sa gheamhradh nuair a bhiodh stoirm de ghaoth an iar-thuath... gaoth an iar-dheas. An iar 's an iar-dheas. Nuair a bhiodh a' ghaoth cha mhòr a' toir às nan taighean. Bha thu a' dol sìos leis chun a... chun a' chidhe 's ga thilgeil a-mach air a' mhuir 's cha robh an còrr mu dheidhinn. Cha robh thu ga fhaicinn tuilleadh.
Nam maireadh a' ghaoth, nam maireadh i trì latha, bhiodh e air an tìr-mhòr. Cha bhiodh fhios agadsa an do bhuail e air tìr-mhòr no diod a bh' ann.
Bha... ann as t-samhradh, bha an Hebrides a' dol le uaislean gu Hiort. Bha seana bhodach mòr anns an taigh... anns an sgothaidh a' dol a-staigh - 's ann le... 's ann le ferry a bha iad ga chur... a' toir nan uaislean gu tìr. Dh'fhaighneachd e dhòmhsa:
"Chuala mi uabhas," ars esan, "timcheall air... air St Kilda mail." Ars esan, "B' fheàrr leam gum faighinn fhèin fear aca."
"Och," arsa mise, "tha e furasta gu leòr dhut fear fhaotainn."
"Bheil?" ars esan. "Tha mi airson fhaotainn," ars esan, "mar a tha e. Am buta 's an long."
Agus:
"Uill," arsa mise, "ma bheir thusa dhòmhsa an address agad gheibh thu..."
Bha e ann an Lunnainn, 's ann a bha e a' fuireach. Arsa mise:
"Ma bheir thu dhòmhsa an address gheibh thu... gheibh thu a chur thugad."
"Am faigh?" ars esan.
"Ò gheibh."
"Uill," ars esan, "pàighidh mise thu."
"Och," arsa mise, "chan eil fhios agamsa dè na bhios e," arsa mise, "a' dol a Lunnainn. 'S chan eil fhios a'm," arsa mise, "am faigh thu e, ged a thilginn-sa a-mach air a' mhuir e. B' urrainn dhut," arsa mise, "bruidhinn air sin nuair a... nuair a gheibh thu e."
Co-dhiù, bha bràthair dhòmhsa... Dh'fhalbh sinn agus rinn sinn am buta. Rinn...
"Dè," ars esan, "tha thu ag iarraidh," ars esan, "airson do dhragh?"
Cha robh fhios a'm diod a theirinn ris.
"Och," arsa mise, "nì not an gnothach."
He says: "What? Not," ars esan. "Cha dhèanadh sin," ars esan, "do dhragh."
"Och nì," arsa mise.
Och, dhèanadh tu ann an dà uair an uaireadair e. Dhèanadh tu ann an dà uair no ann an trì e easy, ach [?chan eil ach] o thòisicheadh tu air gus am biodh tu deis, bheireadh e barrachd 's... dà uair, eadar a chur ann an cairte-ciù 's gnothach dhen t-seòrsa sin. Ach co-dhiù, rinn sinn am buta co-dhiù. Thàinig stoirm de ghaoth an iar-dheas. Stoirm a' toir às nan taighean. Bha am buta dèante 's dh'fhalbh mise sìos leis chun a... chun a' chidhe. Thilg mi a-mach air a' mhuir e 's chan fhaca mi an ath shealladh.
IM: 'S cha chuala sibh riamh...? Tha mi duilich.
DM: Dad ort. Thilgear e. Cha robh an còrr mu dheidhinn 's cha robh soitheach ri fhaicinn.
An ceann seachdain no cola-deug thàinig trawler a ghabhail fasgadh a-staigh dhan bhàgh 's gaoth an iar-dheas ann. Dh'fhalbh sinne a-mach thuice. Agus ars esan:
"Cò chuir," ars esan, "mail Hiort," ars esan, "cò chuir air falbh e?"
Ò thuirt iad ris gur e mise a chuir air falbh e.
"Cha tug e," ars esan, "ach trì latha," ars esan, "gus an do ràinig e Sealtainn."
Trì latha. Cha robh... cha robh e ach sin. 'S bha pìos anns a' phàipear mu dheidhinn.
An ath shamhradh thàinig litir on a' bhodach a bh' ann a sheo, à Lunnainn, a' toir taing dhomh, gun d' fhuair e... gun d' fhuair e am buta leis an long. Bha e sgrìobhte le tiogaid a bha na bhroinn, am broinn an t-siuga, an address aige a chur a... a phostadh air falbh. Nis, cha chuala mi riamh dè na phàigh e fhèin no càil ach thuirt e gun d' fhuair e e.
IM: Agus... uill, tha seo math a-niste. Dè... dè stuth a bhiodh anns an t-siuga sin. An e siuga crèadha a bh' ann?
DM: Siuga beag mun fhad ud air an deigheadh litir ann. Siuga...
B: Tiona beag, an e?
DM: Tiona beag. Tiona beag mun fhad ud.
IM: Seadh, seadh, seadh. 'S an robh sibh ga bhualadh sìos flat an dèidh... an dèidh an litir a chur ann?
DM: Och ghiall. Dh'fheumadh... abair, siud agad am planga. Gheàrr thu às a siud trì òirlich. Trì. 'S dh'fhàg thu... dh'fhàg thu òirleach air an taobh ud 's òirleach air an taobh sa. 'S chaidh tu sìos dà òirleach ann a shiud, dà òirleach gu leth, le geilb, gun deigheadh an s-... gun suidheadh an siuga ann. Bha an t-airgead 's an litir na bhroinn. Cha robh stamp... cha robh stamp ann.
IM: 'S bha sibh an uair sin a' togail a' cheabain a bha seo air uachdar?
DM: Bha thu a' cur cover air uachdar.
IM: De dh'fhiodh, an ann?
DM: De dh'fhiodh. Agus bha thu a' gearradh... gearradh... nuair a chuireadh tu... nuair a chuireadh tu sin air an uachdar, bha thu a' gearradh às le geilb, 'St Kilda mail. Please open.'
IM: 'S dè cho tric 's a bhiodh daoine a' dèanamh seo?
DM: Ò cha bhiodh ach corra uair.
IM: Agus am biodh iad ga dhèanamh bho chionn fhada? Canaibh, a' chiad sgoiltean a bhiodh ann, 's e sgoil Ghàidhlig a bhiodh ann, nach e?
DM: What?
IM: Nach e... nach e a' chiad...?
DM: Aidh, och aidh. Cha robh sgoilear... ri... ri linn m' athar, 's ann an uair sin a thòisich an sgoil. B' e fear Campbell às an Òban, thàinig e na mhaighstir-sgoile ann.
IM: 'S an e sgoil Ghàidhlig a bhiodh an sin?
DM: Sgoil... sgoil Ghàidhlig a bh' ann.
IM: Agus am biodh daoine a' sgrìobhadh litrichean ann an Gàidhlig?
DM: Ò cha chuala mi iomradh [???]. Cha chuala mi iomradh air sin.
IM: Agus mar sin, cha tòisicheadh an St Kilda mail a bha sin gu an dèidh dha na sgoiltean tòiseachadh?
DM: Eh?
IM: Cha do thòisich an St Kilda mail gus an robh sgoil ann?
DM: Ò cha do thòisich. Ò cha do thòisich. Cha do thòisich. Cha do thòisich. Siud agad an dòigh a bh' aca a gheibheadh iad fios a chur chun an tìr-mhòr.
Source Type
Reel to reel
Audio Quality
Good