Nuair a Shuidheas Sinn Socair
Date November 1965
Track ID 24906
Part 1 Loading...

Track Information

Original Track ID

SA1954.104.2

Original Tape ID

SA1965.104

Summary

This is a song in which the poet praises drink.

Item Notes

Four verses sung. In verses 2-4 the two halves of the verse have been sung to the same tune. The song was composed by Duncan Bàn MacIntyre.

See:
'The Songs of Duncan Bàn MacIntyre' (MacLeod) p. 306
'Sàr Obair nam Bàrd Gaelach' (MacKenzie) p. 271 (1907 edition)

Recording Location

County - Inverness-shire

Parish - Barra

Island - Barra

Language

Gaelic

Genre

Song

Collection

SoSS

Transcription

Nuair a shuidheas sinn socair 's a dh'òlas sinn botal,
Chan aithnich ar stoc bhuainn na chuireas sinn ann;
Thig onair is fortan le sòlas a' chopain,
Carson nach biodh deoch oirnn mun tog sinn ar ceann?
Bheir an stuth grinn oirnn seinn gu fileanta,
Chuir a thoil-inntinn binneas nar cainnt;
Chaisg sinn ar n-ìota 'n fhìor-dheoch mhilis,
Bu mhuladach sinne nam biodh i air chall.

Deoch-slàinte nan gaisgeach, nan Gàidhealaibh gasta,
Dom b' àbhaist mar fhasan bhith pòit air an dram;
Luchd-gaoil an stuth bhlasta, 's air daoiread an lacha,
Nach cùmhnadh am beairteas ga sgapadh san àm.
Am fear da bheil nì gheibh e na shireas e,
Fear a tha crìonda, fanaidh e thall;
Am fear a tha mìodhoir chan fhuiling sinn idir,
'S am fear da bheil grinneas thèid iomain a-nall.

'S ro-rìoghail an obair stuth brìoghmhor na togalach,
Ìocshlaint a bhogaicheas cridhe tha gann;
'S e chuireadh an sodan air fear a bhiodh togarrach,
'S chuireadh e 'm bodach air fear a bhiodh teann.
Chan eil anns an tìr uasal no cumanta,
Nach eil air a thì gach urram a th' ann;
Ged a bhiodh strì mu thogail na muirichinn,
Ciamar as urrainn sinn fuireach on dram.

On shuidh sinn cho fada 's a dh'òl sinn na bh' againn,
'S i 's còir dol a chadal on thàinig an t-àm;
Chan fhòghnadh ach pailteas thoirt sòlas dar n-aigne,
Deoch mhòr anns a' mhadainn gu leigheas ar ceann.
Am fear tha gun chlì, cuiridh e spiorad ann,
Togaidh e crìdh' gach fir a tha fann;
Thèid am fear tinn gu grinn air mhireadh,
'S e leigheas gach tinneas, deoch mhilis an dràm.