Search

Mac 'ic Ailein agus MacNìll Bharraigh

Date 15 February 1950
Track ID 25030
Part 1

Track Information

Original Track ID

CW0058.241

Original Tape ID

CW0058

Summary

MacNeil of Barra once invited Clanranald to a feast, where he tried to impress upon his guest that he was wealthy. Clanranald however, found out that his host had come upon hard times.

Item Subject/Person

MacNìll Bharraigh; Mac 'ic Ailein

Recording Location

County - Inverness-shire

Parish - South Uist

Island - South Uist

Village/Place - Lochboisdale

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

Canna

Transcription

Donnchadh MacDhòmhnaill: Uaireigin dhen t-saoghal, nuair a bha MacNìll na uachdaran air Barraigh, agus Clann 'ic Ailein ann an seilbh air mòran a dh'fhearannan na Gàidhealtachd, bhiodh dinneirichean aca, aig gach uachdaran fearainn, agus bhiodh iad a' fiathachadh a chèile a dh'amharc air a chèile. Agus air an turas a bh' ann an seothach, chuir MacNìll brath gu fear a Chlann 'ic Ailein airson cuirm, agus thàinig Mac 'ic Ailein, agus roinn dhe a dhaoine còmhla ris cuideachd, gu ruige Barraigh a dh'ionnsaigh na cuirm a bha MacNìll a' toirt seachad. Agus air neo-ar-thaing nuair a ràinig iad nach robh bàsan sgaoilte romhpa aig MacNìll.

A-nist, thug MacNìll air na daoine aige fhèin a bha a' frithealadh dhan bhòrd, sligean bhàirneach a chur nam pòcannan, agus a bhith gan glioganachadh daonnan air chor agus gun saoileadh cuideachda Mhic 'ic Ailein gun robh iad cho pailt ann an airgead. Agus nuair a dh'fhàs an seo am fìon gann mun bhòrd, thug MacNìll [?fa-near] na daoine aige fhèin a ghabhail leis an uisge, agus am fìon a chumail ri cuideachda Mhic 'ic Ailein. Ach, ann an ùine ghoirid rinn Mac 'ic Ailein a-mach gun robh a' ghorta ann an lùib muinntir MhicNìll, agus seo mar a bhruidhinn e:

Is mithich dhuinne bhith a' triall
À Barraigh chrìon nach eil pailt,
'S na sligean ag innse sgeul
Gu bheil Clann 'icNìll nan airc.
Theirear iasg ri iasg mòr,
Theirear iasg ri iasg beag,
Theirear nead ri nead a' gheòidh,
'S ri nead an fhionnain-fheòir [???].

Agus sgioblaich Mac 'ic Ailein 's a chuid daoine iad fhèin agus dh'fhalbh iad. Agus neo-ar-thaing nach do dh'innis iad an uair sin, an dèidh a dhol dhachaigh, mar a thachair dhaibh aig MacNìll.

Agus sin agaibh a-nis mar a chaidh cuirm MhicNìll air aghaidh, eadar e fhèin agus Mac 'ic Ailein.

Source Type

Wire

Audio Quality

Good