Search

Manadh mu bhàs air bàta.

Date March 1953
Track ID 2617
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1953.20.A1

Original Tape ID

SA1953.020

Summary

An omen about a death on a boat.

Four boys bought a boat and went fishing west of Skye. Those on a boat alongside saw a man jump off the end of the boys' boat, but the crew were all still aboard. The boys later saw the same thing themselves, and did not go to sea in the boat again. Eventually, they sold her to a Wester Ross man. In the following winter the boat sank. All on board were saved except the skipper, who became entangled in the nets while trying to jump overboard to safety. This was believed to be what the Skye folk saw.

Item Location

County - Inverness-shire

Island - Skye

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Calum MacIllEathain: Sin sibh ma-thà. Bha sibh a' dol a dh'innse naidheachd...

Iain MacIlleBhrath: Chuala mi sgeula no dhà, nuair a bha mi nam bhalach, a bha glè iongantach. Cheannaich ceathrar bhràithrean - gillean òga tapaidh a bha a' fuireach mu cheithir mìle om dhachaigh - bàta-iasgaich. Sgoth Dheasach. Thòisich iad ri 'g iasgach sgadain ann an aon de na lochan air Taobh Siar an Eilein Sgitheanaich. Bha a' ghealach air a coinneil, aonan oidhche, 's nuair a chuir na balaich an lìon a-mach, dh'acraich iad, 's thàinig sgoth eile rin taobh. Chaidh na bràithrean uile a-steach don toiseach a ghabhail cupa tì, ach bha sgioba a' bhàta eile a' glanadh an lìn.

Chunnaic iad uile rud a chuir uabhas orra - fear de na bràithrean, mar a shaoil leotha, a' leum thar deireadh na sgotha a bha rin cliathaich. Dh'èigh iad ri na gillean a bhith a-mach, 's iad ag ràdha gun do leum fear dhiubh thar a deiridh.

"Cha do leum," ars iadsan. "Tha sinn uile an seo."

"Gu dearbh, chunnaic sinne gu cinnteach duine a' leum thar deireadh na sgotha agaibh," ars an sgioba eile. "Cha bhreug idir e. Bha a' ghealach glè shoilleir san àm."

Seachdain no dhà an dèidh sin, chunnaic na bràithrean, 's iad nan suidhe air tobhta a' bhàta, a cheart nì - duine a' leum a-mach air a deireadh. Thuirt iad ri chèile gun robh bàthadh no rud iongantach a' dol a thachairt, 's thug iad am bàta gu tìr 's cha deach iad gu muir leatha tuilleadh.

An ceann bliadhna reic iad am bàta ri fear a bha a' fuireach air taobh an siar Siorramachd Rois, 's dà gheamhradh... an t-ath gheamhradh, bha e ag iasgach leis a cheart bhàta ann an Loch Shlaopain. Bha an sgadan pailt 's lìon e am bàta. Thog iad an seòl 's iad a' dol beagan astar gu bàta-smùide a bha a' ceannach sgadan san loch. Bha iad an seòladh gu math nuair a thàinig fuaradh-froise gu làidir. Laigh am bàta thairis 's lìon i. Bha beagan lìn aig a deireadh, 's airson faighinn uapa leum sgiobair a' bhàta a-mach thar a deiridh, ach ghrèimich an lìon air 's bhàthadh e. Chaidh càch a shàbhaladh.

Bha an sgeul ag ràdha gur e am fear a chaidh a bhàthadh a bhathar a' faicinn bliadhnaichean roimhe sin a' leum a-mach thar a deiridh.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good