Search

Òran do dh'Eas Niagara

Date March 1953
Track ID 2633
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1953.20.A9

Original Tape ID

SA1953.020

Summary

A poem describing the power and beauty of the Niagara Falls.

Item Notes

Composed by the contributor.

Language

Gaelic

Genre

Verse

Collection

SoSS

Transcription

Mòr-eas nan uisgeachan borb
Sìor bhrùchdadh le toirm a-nuas
Thar bhearradh nan àrd-chreagaibh coirbt'
An dian neart 's an onfhadh a luaiths
Càite fo aghaidh na grèine
Am faicear sealladh da rèir ri luaidh
Tuil allmhara garbh-shruth ta 'g èirigh
À doimhneachdan Erie shuas.

Chan eil m' anam gun athailt nad làthair
Ged tha d' àilleachd a' tàladh nan sùl
Cò bheir coimeas do chumhachd an Àrd-Thì
A dhealbh Niagara bho thùs
Dè an duine ann an glaic cumhachd nàdair
Ach mar shop air bheag stàth agus lùth
Ga ghrad-sguabadh gu bile na sgàirneach
Le ruais na tuil làidir ri chùl?

Glamair farsaing an cumadh crudh iarainn
Abhainn lìonta, cas fiadhaich ga leum
Na h-aon chaoir-gheal bho mhullach gu h-ìochdar
A' smùideadh à sian-chath don speur
B' e sin slugan na h-iargailt chianail
Na gàirich na do lìonadh le geilt
'S an linne gu h-ìosal ga riasladh
'S ga maistreadh fo liath-chop troimh-a-chèil'.

Cluinnear thar astar a nuallan
Ta 'g èirigh bho bhuaireas nan dùl
Trom-shlacraich nan sruthan ta uamhalt
Cur a' bhùirn air fuar-ghoil gu ghrunnd
Cha b' ioghnadh an t-Innseanach dàicheil
Bhith cràbhach a' lùbadh a' ghlùin
Tagradh deagh-ghean an spioraid a bhith làmh ris
Ga aiseag gu sàbhailte a-null.

B' ait leam amharc fad moch-thràth na maidne
Ged bhodhradh mo chlaigeann le fhuaim
'S grian a' Chèitein ag èirigh le lannair
Dùsgadh nèamh agus talamh gu snuadh
Bu ghile na sneachda na gaillinn,
Am min-shad ga fhrasadh mun cuairt
'S nì a bu mhotha bha dhòmhsa na annas
Bogha-frois na làn-mhaise mu bhruaich.

Ann an dubh-dhorcha na h-oidhche
Nuair nach lèir dhut boillsg air gach taobh
Nochdar le inneal na soillse
A sgèimhealachd aoibhinn araon
Aiteal de thaisbean as nèamhaidhe
Chunnacas le lèirsinn cloinn dhaoin'
Fhaicinn fo sheachd dathan loinnreach
An cridhe na duibhre ud sgaoilt'.

Ceann-feadhna nan garg-allt ailbhinn
Ta aibheiseach, ainmig an glòir
Toirt dùbhlan do theanga 's mac-meanmhainn
Chur uile air seanchas air dòigh
Nach gailbheach a chaonnag a' taomadh
Thar amraichean craosach a bheòil
'S braon-chathadh ga dhalladh tighinn dlùth
Air smùid-shoitheach 'Maighdeann a' Cheò'.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good