Search

Naidheachd mun bhàrd Dòmhnall MacCudhain.

Date March 1953
Track ID 2647
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1953.20.B5

Original Tape ID

SA1953.020

Summary

Biographical anecdote about the bard Dòmhnall MacCudhain.

Dòmhnall MacCudhain was very sharp-witted. A man at the Portree fair once commented to him on a queer looking cow: "Nach e a' bhò ud a tha coltach ri biast na Sgrochaig?" "O," replied Dòmhnall, "Is e biast na Sgrochaig a b' athair dhi!"

Talk of another local bard, Teàrlach a' Phosta. Further information on Dòmhnall MacCudhain is given. He was unmarried, and was very popular with everybody.

Item Subject/Person

MacCudhain, Dòmhnall

Language

Gaelic

Collection

SoSS

Transcription

An t-Urr. Tormod Dòmhnallach (TD): Bha e anabarrach eirmseach, Dòmhnall MacCudhain. Bha an-còmhnaidh fuasgladh facail aige, agus 's ann ainneamh a thachradh e ri duine nach toireadh e gàire air. Ge brith gu diod a theireadh duine, bha facal aig Dòmhnall air a shon, agus bha e gu math eirmseach agus geur.

Bha e latha seo air Fèill Phort Rìgh, agus mar a bha a' tachairt a h-uile latha fèille bhiodh gach seòrsa dhaoine ann agus bhiodh gach seòrsa sprèidhe aca nan cois. Bha feareigineach a mhuinntir an Taobh Sear co-dhiù faisg air Dòmhnall agus chunnaic e bò a bha caran neònach a' coimhead, beagan shlatan bhuaithe. Chaidh e a-null far an robh Dòmhnall agus thuirt e:

"Ah," ars esan, "a Dhòmhnaill, nach e a' bhò ud a tha coltach ri Biast na Sgrogaig?"

"Ho," arsa Dòmhnall, "'s e Biast na Sgrogaig a b' athair dhi."

Calum MacIllEathain (CM): Ò glè mhath. Glè mhath. Glè mhath. Ò bha e eirmseach ceart gu leòr.

TD: Ò, bha e eirmseach. Bha e eirmseach air leth.

CM: Seadh, bha 's cuid dhe na bàird sin. Bha iad ag innse an aon seòrsa naidheachdan, mu dheidhinn... mu Theàrlach a' Phosta cuideachd. 'S e an aon seòrsa duine a bhiodh ann.

TD: Bha. Chuala mi na h-uiread de dh'òrain a rinn Teàrlach a' Phosta, agus mar a thachair do Dhòmhnall MacCudhain fhèin, 's ann mu rudan beaga a bhiodh a' gabhail àite air feadh a' bhaile 's air feadh na sgìreachd a bha e a' dèanamh òrain, agus bha na rudan sin a bha e a' gleusadh a' chlàrsach. Ach bha gibht shònraichte aige.

CM: Uill ma dh'fhaodte gur ann... tha mi cinnteach gur fhiach na rudan sin a chumail a chionn 's bha iad a' sealltainn an seòrsa inntinn a bh' aig na daoine 's an seòrsa beatha a bhiodh aca, agus rudan beaga mar sin, agus rudan nach saoil sibh riamh gur fhiach iad ann an dòigh. Dh'fhaodte nach eil sinn a' gabhail sùim dhiubh, ach às a dhèidh sin tha feum annta.

TD: Ò, tha feum annta. Tha feum annta.

CM: Agus bha sibh ag ràdh gun do rinn Dòmhnall, ma-thà, gun do rinn e òrain eile a bharrachd air an fhear seo a rinn e an latha a bha e a' treabhadh, bha sibh a' smaointinn?

TD: Ò rinn. Rinn e fear eile a tha anabarrach math agus tha e agam uile. Òran moladh do charaide dha. Tha e glè mhath. Tha gach ceathramh sònraichte math, agus... chan eil... chan eil mòran agam air sgeul ach sin. Ò, rinn e na h-uiread de dhuain èibhinn agus àbhachdach, ach chaidh iad, a' chuid as motha dhiubh, air dìochuimhne. Tha cuimhn' agamsa glè mhath Dòmhnall MacCudhain.

CM: Cha do phòs e riamh?

TD: Cha do phòs e riamh. Bha e a' fuireach ann am bothan beag taighe air croit leis fhèin, agus bha e anabarrach measail aig a h-uile duine. Cha bhiodh banais a b' fhiach an t-saothair anns an àite nach fheumadh Dòmhnall MacCudhain a bhith oirre. Mura bitheadh Dòmhnall ann an siud cha b' fhiach a' bhanais.

CM: Seadh. Ò, fear cuideachd a bh' ann.

TD: 'S e.

CM: Seadh, bha na bàird bheaga, bhiodh iad mar sin co-dhiù.

TD: Ò bha. Bha.

CM: Agus bha sibh ag ràdh gun robh cuimhn' agaibh air an òran molaidh seo a rinn e?

TD: Tha. Tha cuimhn' agam air. Beagan cheathrannan dheth, ach tha e uile sgrìobhte agam. Tha e uile sgrìobhte agam.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good