Leigheas air leanabh a bha a' rànaich.
Date 12 February 1953
Track ID 2659
Part 1 Loading...

Track Information

Original Track ID

SA1953.024.A1

Original Tape ID

SA1953.024

Summary

Cure for a crying child.

The contributor explains how to cure a child of 'ràchd', when they cried so much they almost stopped breathing.

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

An t-Urr. Tormod Dòmhnallach: Chuala mi leigheas aca air an ràchd. R A C H D. Chan e... faodaidh duine ràitinn nach e bochdainn a th' ann an sin idir. 'S ann an-còmhnaidh air leanabh a tha e. Bidh leanabh uaireannan, bidh e, nuair a bhios e cànranach agus crosta, agus thèid e gu àirde le crostachd agus rànaich, bidh iad uaireannan a bhios iad a' ragachadh, agus airson mionaid no dhà theireadh sibh nach robh diog aca. Tha leigheas aca air an sin. Tha iad dìreach gan cur air am beul fodhpa agus a' toirt dhà no trì dheillseagan matha dhaibh agus anns a' mhionaid tha sin ga leigheas. 'S tha iad a' faighinn às an ràchd. 'S e ràchd a theireas iad ri sin.