Search

Rudan a bh' air am bacadh.

Date 12 February 1953
Track ID 2662
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1953.024.A4

Original Tape ID

SA1953.024

Summary

It was once taboo to cut one's own hair, or to hold scissors or shears above one's own breath.

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

An t-Urr. Tormod Dòmhnallach (TD): Bha e air a bhacadh leis na seann daoine do dhuine am falt a ghearradh dheth fhèin. Chuala sibh siud?

Calum MacIllEathain (CM): Cha chuala riamh a-nist.

TD: Ma-thà, bha e air a bhacadh gu làidir 's air a chroiseadh do dhuine a dhol os cionn anail fhèin le deamhais, le siosar, no le rud sam bith a bha a' gearradh rud, a' gearradh falt no rud eile. Cha robh còir aige idir a dhol os cionn anail. Bha e air a bhacadh gu làidir leotha.

CM: Tha sin iongantach a-nist. Sin rud nach cuala mi riamh.

TD: Bha siud mar siud.

CM: Cha chuala. Cha chuala mi sin riamh.

TD: Tha sin ma-thà a' toirt nan leigheasan gu ceann agus na beachdan a bh' aig daoine co-cheangailte ri gnothaichean dhen t-seòrsa sin.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good