Search

Bàthadh na Duibh-sgeir

Date 12 February 1953
Track ID 2667
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1953.024.A5; A6

Original Tape ID

SA1953.024

Summary

The contributor tells of a boat that was wrecked on a rock called Dubh-sgeir, behind Rubha nam Bràithrean. All those on board were lost. Two women had dreams in which they were told where to find the bodies of their sons. It was said that the dogs in the district had been howling for a year before the accident, and that this was an omen of what was to come. A woman from Raasay composed a song in commemoration, which the contributor sings.

Item Notes

Seven 8-line verses. The tune is a variant of a tune used in a number of similar narrative songs such as, 'O Mhàiri, Hè Mhàiri'.

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - Kilmuir

Island - Skye

Village/Place - Staffin

Language

Gaelic

Genre

Song Story

Collection

SoSS

Transcription

An t-Urr. Tormod Dòmhnallach: Tha cuimhne air bàthadh na Duibh-sgeir gus an latha an-diugh. Ach nuair a bha mi beag, bha am barrachd cuimhne aig na daoine a bha an uair sin a' cromadh ris a' cheithir fichead air a' bhàthadh mhòr a bh' ann. Dh'fhalbh làn bàta de mhuinntir Bràigh an Taobh Sear gu ruige Port Rìgh uair, air ceann gnothaich. Bha iad ceart gu leòr a' falbh. Bha solas an latha aca. Ach a' tilleadh dhachaigh, rug an t-anmoch orra, agus mun deach iad ro fhada air adhart, dhorchaich an oidhche. Bha luchd mòr anns a' bhàta, agus bha feadhainn diubh airson gun d' rachadh iad air tìr ann an àiteigin, agus gun aotromaicheadh sin an luchd.

Co-dhiù, nuair a ràinig iad Ruig, chaidh na h-uiread air tìr ann an sin. Agus tha e coltach, fear den an fheadhainn a chaidh air tìr, gun do dh'atharraich e inntinn, agus an dèidh dha càch a leantainn airson crioman astair suas bhon a' mhuir, thill e air ais na dheann thun a' bhàta mus falbhadh i, 's bha iad a' ràitinn gun robh e a' cur teine às na clachan, cho luath 's a bha e. Co-dhiù, rug e air a' bhàta, 's chùm iad orra, agus bha iad ceart gu leòr a' dol air aghaidh ann an dorchadas na h-oidhche gus an do ràinig iad cùl Rubha nam Bràithrean. 'S e àite a th' ann an siud a tha anabarrach cunnartach le sgeirean. Tha aon sgeir gu sònraichte ann ris an can iad an Dubh-sgeir. Sgeir ghrànda dhubh, a' dìreadh a-mach gu cas anns a' mhuir. Agus chaidh am bàta air an sgeir, 's chuir i car dhith, agus bhàthadh a h-uile duine a bha innte.

Bha e air a ràitinn gun robh coin an àite a' còineadh fad bliadhna, no còrr 's bliadhna, mun do thachair an rud, agus bha iad riamh a' cur beachd air nuair a bhiodh coin a' còineadh, gur e manadh a bha ann. Tha iad a' ràitinn gu bheil taibhse aig na coin agus aig na h-eich, gu bheil iad comasach air gnothaichean a bhuineas don an t-saoghal eile fhaicinn. Agus bha coin Bràigh an Taobh Sear a' còineadh fad còrr 's bliadhna, mar nach robh iad idir, idir, idir aig àm sam bith eile roimhe no às a dhèidh.

Co-dhiù, cha d' fhuaradh am bàta idir. Agus dh'fhalbh am bàta agus na cuirp leis an t-sruth, agus tha mi a' tuigsinn gun d' fhuaradh i mu dheireadh thall air cladach Gheàrrloch air a beul fòidhpe, agus bha aon duine na broinn, agus greim-bàis aige air an tobhta.

Bha boireannach às an àite againn a chunnaic aisling anabarrach iongantach timcheall air a' bhàthadh. Chaill i fhèin a mac. Thàinig e ga h-ionnsaigh ann an aisling na h-oidhche, agus thuirt e rithe mar seo:

"Mhàthair," ars esan, "saoilidh sibh iongantach gun deachaidh mise a bhàthadh, duine a bha cho math rium air snàmh. Nuair a chaidh car dhen a' bhàta," ars esan, "chaidh mise sìos gu ruige an grunnd, agus chaidh mo cheann an sàs," ars esan, "ann an stamhan fada. Cha b' urrainn mi mo cheann a thoirt asta, agus 's e sin a chùm shìos mi," ars esan, "agus a bhàth mi. Mura bitheadh sin," ars esan, "dh'fhaodainn an gnothach a bhith air a dhèanamh air faighinn gu tìr."

Bha boireannach eile ann a chaill a cuid mac, chan eil cuimhn' agamsa nach do chaill i barrachd air aona mhac. Ach thàinig fear de na chaill i co-dhiù ga h-ionnsaigh ann an cadal na h-oidhche, agus thuirt e rithe:

"Mhàthair," ars esan, "tha an corp agamsa agus corp feadhainn eile de na chailleadh ann an Eilean na Cìche. Thàinig sinn air tìr ann an sin."

Agus an còrr cha tuirt e, mar mhìneachadh no mar fhoillseachadh air càit an robh Eilean na Cìche.

Co-dhiù, nuair a dhùisg a mhàthair, chùm i an aisling - bha i cho ùr dhi - na cuimhne, agus bha i a' feòrach dhen a h-uile duine a bh' air falbh aig iasgach 's aig... anns an dùthaich, an robh fios aca cà robh Eilean na Cìche. Cha chuala duine riamh guth mu Eilean na Cìche, agus bha tìm a' dol seachad, 's bha i mu dheireadh a' smaoineachadh nach robh ann ach dìreach bruadar, aig nach robh mòran ciall. Agus cò thigeadh an rathad ach treud cheàrdairean an latha seo. Agus thàinig iad a-staigh. Agus 's ann a smaoinich i gum faighneachdadh i dhe na ceàrdairean an cuala iad iomradh riamh air a leithid a dh'àite. Dh'fhaighneachd i dhiubh. Ò, bha iadsan eòlach gu leòr air Eilean na Cìche, agus thuirt iad rithe gun robh a cheart eilean a-mach far còrsa Siorramachd Rois. Agus chaidh rannsachadh a dhèanamh, agus fhuaradh na cuirp ann an Eilean na Cìche.

Nise, bha cuimhne fada, fada air bàthadh na Duibh-sgeir anns a... air an Taobh Sear, anns a' chuid dheth dom buininn-sa. 'S rinn boireannach a mhuinntir Ratharsair, rinn i òran cumha. Tha e air leth brèagha, 's tha bàrdachd mhath air, agus 's e mo bheachd gun robh... bha deugachan a cheathramhan ann co-dhiù. Chan eil againn ach beagan; mu sheachd ceathrannan. Bha co-dhiù dusan ann, agus tha mi eòlach gu leòr air a bhith a' cluinntinn an òrain ga sheinn. Chan eil duine ann an-diugh aig a bheil e, 's chan eil fhios a'm a bheil duine ann aig a bheil am fonn, ach tha am fonn agamsa 's tha cuimhne agam glè mhath air, agus feuchaidh mi ri sheinn.


Is bochd an naidheachd 's gur brònach
A ta ann an Tròndairnis thall
Gum bi mi caoidh fad 's as beò mi
Mo luchd-eòlais a bh' ann
'S gum b' e siud na fir bhòidheach
Nach robh gòrach mun dràm
Bha gu socair, ciùin, steòrnail
Modhail, eòlach gun mheang

'S ann an Caolas na Duibh-sgeir
Thuit na suinn bu ghlan dreach
Dh'aithnicht' an cuideachd an rìgh iad
An dèidh na mìltean a thoirt às
Gur e neart a bh' anns a' ghaoith
A chuir bhur n-inntinn à beachd
B' e meud an luchd bha na broinn
Chuir don ghrunnd sibh air fad

Ach a Mhurchaidh MhicLeòid
Bu tu òigear mo ghràidh
'S mi gun aithnicheadh do gheòla
Ruith le seòl thun a' bhàigh
'S mi ri fàdadh an teine
Do ghillean suairce mo ghràidh
Ged nach bitheadh dem chinneadh
'S ann leam bu duilich do bhàs

Ach a dheagh MhicIllEathain
Bhuail an t-saighead gu dàn
'S tu a chaill na fir thaighe
Nach robh rim faighinn na b' fheàrr
Chaill thu d' aighear 's do shùgradh
'S beag do shunnd ri ceòl gàir'
Gus an càirear san ùir thu
Do [?shlad] ag ùrach dhut cràidh

Ach a Dhòmhnaill 'ic Thormoid
Thàinig earchall ort dàn
Cha b' e cumha do chrodh-laoigh
Chuir do smaointean fo chràdh
Ach ri cumha do leòmhann
Bu ghlan faoilte measg chàich
B' e siud brod na cuid chuideachd
Nach robh truideil nan càil

Dhòmhnaill 'ic Chaluim à Steinnseal
Cuim nach faighneachdainn thu
Fhir a bha 'm beul na h-oidhche
Fhuair luchd-coinneimh dhut cliù
Duine ro shuilbhearra posgarra
Làmh a chosgadh na crùin
B' e siud brod an duine uasail
'N àm dol suas chun a' bhùird

Ach a Mhòr nighean Ruairidh
'S culaidh-thruais thu co-dhiù
Chaill thu pearsa do ghualainn
Don robh uaisle agus cliù
Do chlann bheag 's iad mun teine
Gun aon ghill' air an triùir
'S ann leam fhèin gura duilich
Mar a thilleadh a' chùis

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good