An t-Ollamh Urramach MacIllEathain Mac na Ceàrdaich.
Date 12 February 1953
Track ID 2678
Part 1 Loading...

Track Information

Original Track ID

SA1953.024.B5

Original Tape ID

SA1953.024

Summary

Reverend Professor MacLean Sinclair and his song collection.

The contributor relates the genealogy of the Reverend Professor Alexander MacLean Sinclair. He published a collection of songs, some of which his grandfather, bard to the Laird of Coll, had brought from Scotland.

Item Subject/Person

Sinclair, Rev. Professor Alexander MacLean

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

An t-Urr. Tormod Dòmhnallach (TD): 'S e duine buadhmhor a bh' anns an Urramach an t-Olla MacIllEathain Sinclair, agus bu dual dha sin. 'S e ogha a bha ann do Bhàrd Thighearna Chola. 'S e nighean do MhacIllEathain, Bàrd Thighearna Chola, bu mhàthair dha, agus mar sin bha sgeul aige air mòran de litreachas nan Gàidheal, agus bha e anabarrach math ann an sloinneadh. Agus thug a sheanair, mar a tha fios againn, thug e leis co-chruinneachadh mòr de bhàrdachd nuair a chaidh e a-null gu ruige Alba Nuadh, Nova Scotia. Chan e a-mhàin gun tug e leis co-chruinneachadh mòr air a mheomhair, ach thug e leis cuideachd co-chruinneachadh mòr ann an làmh-sgrìobhaidh. 'S chaidh iad sin a ghleidheadh 's a chumail gu cùramach an dèidh bàs a' bhàird, agus nuair a thàinig ogha gu ìre, agus a thog e àrd-fhoghlam na ministrealachd, agus a thionndaidh e a-mach gu bhith na sgoilear Gàidhlig barraichte agus ainmeil, ghabh esan cùram dhen an litreachas luachmhor, agus le cuideachadh dhaoine-uaisle eile fhuair e an clò-bhualadh thall, agus tha sin feumail dhuinn an-diugh.