Search

Iasgach ann an Cinn Tìre.

Date 12 March 1968
Track ID 27529
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1968.08.A4

Original Tape ID

SA1968.008

Summary

Fishing in Kintyre.

The contributor fished by Arran and Ayrshire. He gives the Gaelic equivalents of Southern place names. He has fished around Skye for herring. Mention of John Lorne Campbell of Canna. Fish was divided among the crew, and the method of counting them is given. Glasgow buyers came for the catches. There were no taboo words or superstitions associated with the fishing. There were many boats in Tarbert, Ardrishaig and Lochgilphead when the contributor was young.

Item Location

County - Argyllshire

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Niste, nuair a bhiodh sibh a' dol a-mach a dh'iasgach, dè... dè cho fad 's a bhiodh sibh a' dol a-mach, mar bu trice?

Niall MacDhùghaill (NM): Och bhitheamaid a' dol fada, fada a-mach air uairean, sìos ceann a deas Arainn, ma bha sinn a' dol deas, 's bhitheamaid a' dol gu Baile an Tràigh cuideachd, Ballantrae, sìos a Loch Rìoghaine an siud.

DE: Seadh. Nist, 's e... dè an t-ainm a bh' agaibh air? Baile an...?

NM: Baile an Tràigh. Ballantrae. 'S e Baile... Sàil an Tràigh co-dhiù am baile, tha e sin fhathast, 's bidh.

DE: Agus 's e sin an t-ainm a bh' agaibh air?

NM: Ò 's e sin an t-ainm a th' aca air, Ballantrae.

DE: Dìreach. Ach 's e Baile an Tràigh a bh' agaibhse air?

NM: 'S e, Baile an Tràigh. Sin Siorramachd Inbhir Àir.

DE: 'S e. Nist, an robh àiteachan sam bith eile shìos taobh Inbhir Àir ann a shin, air an robh ainmeannan Gàidhlig agaibhse? Far a bheil iad air, fhios agaibh, far a bheil seòrsa Beurla aca orra an-diugh?

NM: Ò cha chuala mise iad, mòran dhiubh. 'S dòcha leam gun robh corra fhear. Cha chreid mi nach biodh corra fhear shìos mu dheas an sin. Chan eil mi ag ràdh nach eil... nach eil an t-ainm sin, Dumfries, nach e Dùn Preas a bhios e a' ciallachadh.

DE: Seadh. Agus dè chanas sibh fhèin? An e Dumfries a chanadh iad, na Gàidheil ann a sheo?

NM: Ò 's e. Tha mi [???] ag ràdh sin ro thric.

DE: Agus... seadh, 's dè... an robh ainm sam bith aca air, can, Galloway 's na taobhannan sin shìos?

NM: Cha robh. Chan fhaca mi iasgairean a' tighinn às an dùthaich sin a dh'iasgach an seo idir, ach chunna mi iad a' tighinn às an Eilean Mhanannach.

DE: Seadh gu dearbh. Seadh.

NM: Bha iad ann air fad an seo.

DE: Agus nam biodh sibh a' dol an taobh eile, dè fhad 's a ruigeadh sibh? Am biodh sibh a' dol a-mach dhan a' chuan?

NM: Ò cha bhitheadh, cha bhitheadh. Cha bhitheamaid a' dol a-mach air a' chuan mòran idir. Bha sinn shuas mun eilean 's bha mi mun cuairt air an Eilean Sgitheanach, dà uair cha chreid mi nach ann a bha e.

DE: Seadh. 'S an e sgadan a bha sibh ag iarraidh?

NM: 'S e, 's e, 's mu Chanaigh. Tha Caimbeulach an sin ann an Eilean Chanaigh.

DE: Tha. Tha fhios a'm.

NM: Duine còir.

DE: Tha e coltach gur h-e.

NM: 'S e.

DE: An do thachair sibh ris?

NM: Thachair.

DE: Glè mhath. Glè mhath. Bidh e fhèin a' dol timcheall a' dèanamh na h-obair a tha seo cuideachd. Bidh e fhèin a' dèanamh recordings mar seo cuideachd.

NM: Bidh. Ò bha e an seo, bha e air chuairt an seo a chionn... ò, bidh... bidh... faodaidh e bhith gu bheil deich bliadhna ann no rudeigin mar sin o bha e air chuairt sa bhaile seo.

DE: Seadh gu dearbh. Seadh. Nist, nuair a bha sibh ris an iasg, nuair a bha sibh a' roinn an èisg, mar gum bitheadh, eadaraibh, fios a'd, ga roinn am measg... measg an sgiobaidh, ciamar a bha sibh a' dèanamh seo, anns na seann... anns an t-seann aimsir?

NM: Uill, bha sinne ga chunntas.

DE: Seadh, 's ciamar a bha sibh ga chunntas?

NM: Ò air a' cheud. Air a' cheud, [?mar fichead].

DE: Seadh. Agus dè seòrsa ceud a bh' ann?

NM: Agus... agus an dèidh sin, thòisich sinn... thòisich sinn air an cur ann am bogais. Bha sinn... bhiodh e a rèir meudachd an sgadain, theagamh mu... mu cheithir cheud sa bhogsa. Bha thu a' faotainn [???] agus bha bàtaichean-smùid aig luchd an reic anns... ann am margadh an èisg ann an Glaschu. Chunna mi fichead dhiubh an sin, a' toirt sgadan airson na Goill.

DE: Agus bhiodh iad... bhiodh iad a' tighinn a-nuas ann a sheo?

NM: Bhitheadh, 's bha iad a' ceannach an sgadain agadsa air a' mhuir, far an robh thu ga fhaotainn. Bha thu a' cur suas solas, 's bha iad a' tighinn far an robh thu, 's bhiodh iad... bhiodh iad a' dol thar a chèile [?gun robhar] cuideachd, 's a' toirt an sgadain a-null gu Fairlie. Bha e a' dol bhuaithe sin a Ghlaschu. A Ghlaschu.

DE: A Ghlaschu, 's e. Agus dè... an ann... an e an uiread seo air a' bhogsa a bha sibh a' faighinn? No ciamar a bha e?

NM: 'S e, 's e. Uill, bha craidhleagan basgaid againn, tha thu a' tuigsinn. Bha e laghail, 's tha e laghail fhathast - 's ann mar sin a tha iad ga thomhas fhathast, air a' chraidhleag seo a th' aca.

DE: Seadh. Niste, rud eile a bha mi a' dol a dh'fhaighneachd dhuibh mun an iasgach. Tha fhios a'm na seann iasgairean, gum biodh... nuair a bhiodh iad a-mach ag iasgach, bhiodh faclan àraid ann nach... nach faodte ainmeachadh? Bha rudan ann nach fhaodadh tu ràdh.

NM: Cha robh mòran... cha robh... 's e pisearach a theirear ri sin. Superstition.

DE: 'S e.

NM: Pisearach. Nach e?

DE: 'S e. 'S e, dìreach.

NM: Uill, ò cha robh... cha robh nithean sam bith den nàdar sin [?mu thaobh] seo.

DE: Nach robh idir?

NM: Ò faodaidh gun robh o chionn ceud bliadhna no mar sin. Bhiodh tuillidh ann.

DE: Agus an cuala sibh fhèin riamh na seann daoine a' ràdh gun robh a leithid seo a dh'fhacal, no a leithid seo a dh'fhacal air a thoirmeasg?

NM: Cha chuala mi mòran dheth sin. Cha chuala.

DE: Seadh. Ach... och bha na... bha na seann rudan a bha seo am measg nan daoine co-dhiù, nach robh? Bha iad a' creidsinn ann an...

NM: Och bha. Bha.

DE: Bha iad a' creidsinn ann am mòran rudan.

NM: Bha mòran bhàtaichean anns an Tairbeart sin shuas Tarbert Loch Fyne nuair a bha mise òg, agus ann an Àird Driseig, agus Loch... Ceann Loch Gilb. Bha còrr... còrr 's deich air fhichead air Ceann Loch Gilb, 's deich air fhichead air Àird Driseig, agus tha mi cinnteach gum biodh dà fhichead anns an Tairbeart, nuair a bha mi fìor òg. Uill cha robh beòshlaint ann do dhuine sam bith an seo. Bha iad ri... feuch an dèanadh iad beagan sgillinnean rathad eile, 's mar sin sguir iad dheth. [???] gu muir, mòran dhiubh.

DE: Agus a bheil an t-iasgach a' togail air a-nis? A bheil... a bheil...

NM: Och chan eil, ach tha prìsean... tha airgead mòr air, a thaobh 's gu bheil e gann.

DE: Tha, seo mar a tha e, dìreach. Tha, tha.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good