Search

Prògram Choinnich

Date 20 August 1998
Track ID 27563
Part 1

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 20.08.1998

Summary

Fr Calum MacNeil talks about the church that featured in 'Local Hero'.

The church which featured in 'Local Hero', which is in Poll Nis, is on the market for £50,000 [in 1998]. Poll Nis is between Fort William and Mallaig. The church was built around 150 years previously. It was used as a Catholic church up until the 1980s.

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Stornoway

Island - Lewis

Village/Place - Stornoway

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - Arisaig and Moidart

Village/Place - Arisaig

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Coinneach MacÌomhair (CMI): Tha an eaglais a choisinn cliù nuair a chaidh a faicinn anns an dealbh-film Local Hero an-dràsta air a' mhargaid. Chan eil an Eaglais Chaitligeach ag iarraidh air Eaglais Pholl Nis ach leth-cheud 's a còig mìle not, agus mar-thà, tha e coltach gu bheil mòran ùidh san togalach às gach ceàrnaidh dhen an t-saoghal. Tha cead a h-atharrachadh gu taigh-còmhnaidh ann mar-thà, ach bha uair agus bha an eaglais gu math trang mar àite-adhraidh. Tha Maighstir Calum MacNèill eòlach air an eaglais agus air an sgìre gu sònraichte. Tha e air an loidhne còmhla riumsa an-dràsta à Omhanaich. Uill an toiseach, a Mhaighstir Calum, càit a bheil Poll Nis? Ma tha mi ga ràdh ceart?

Maighstir Calum MacNèill (CMN): Uill, 's ann air an loidhne, air an railway, eadar an Gearasdan agus Malaig, agus tha thu a' dol seachad air àite a chanas iad Loch Ailleart, agus an uair sin tha thu a' tighinn faisg agus seachad air Poll Nis. Sin far a bheil an eaglais. Agus nam biodh tu riamh air an railway a tha sin, chitheadh tu an eaglais, ach o chionn ghoirid, a thaobh a bhith a' togail an rathad ùr, 's ann air an taobh eile dhen eaglais a tha a-nist an rathad ùr, agus tha thu a' tighinn seachad air an eaglais nas braise mar gun canadh tu. Ach bha i riamh na sealladh agus bhiodh iad... gu leòr de postcards aca dhen railway a' dol seachad air... no an trèan fhèin a' dol seachad air Poll Nis agus an eaglais shuas gu h-àrd, car geal, car coltach ri eaglais, chanainn.

CMI: Ò uill, bhiodh sin iomchaidh ceart gu leòr. Ach bha an eaglais ann mus robh aon ghuth air rèile, nach robh?

CMN: Ò bha, bha. 'S ann aig toiseach na linne seo a bha an railway air a thogail, ach roimhe sin, can... ò uill, a' tighinn faisg air ceud gu leth bliadhna, cha mhòr, a bha an eaglais air a togail, agus bha i... tha i an-dràsta, chanadh tu, chan eil sgeul air daoine mu chuairt oirre, ach aig an àm ud, bha a-mach an iar air an railway, tha rubha mòr, mòr, agus a' dol a-mach a h-ochd mìle. Sin far a bheil an nis a tha seo, an rubha. Agus tha am poll a tha seo aig, seadh, far a bheil an eaglais, 's e mòinteach a th' ann, ach nuair a thèid thu a-mach gu gob an rubha, thig thu chun an àite anns an robh na taighean aig na croitearan agus an fheadhainn a bh' ann, agus 's e Àird Nis a chanas sibh ris a sin. Agus tha thu fhathast, faodaidh tu a dhol a-mach air ceum, agus bidh daoine ga dhèanamh, a' coiseachd, agus tha na taighean, chan eil na taighean fhèin ann, ach tha bothan ann anns am bi iad a' fuireach. Ach 's e sgrìob mhòr a th' ann a-mach dhan àite anns an robh na taighean agus na daoine aig an àm ud.

CMI: Agus a bheil càil a bheachd cuin... agaibh cuin a dh'fhàg na daoine na taighean? Cuin a dh'fhalbh iad air dhòigh 's nach b' fhiach seirbheisean a bhith ga chumail anns an eaglais tuilleadh?

CMN: Uill, bha an eaglais air a cumail a' dol gu dìreach anns na eighties, ma chanas mi anns a' Bheurla e. Seadh, o chionn deich bliadhna, còig bliadhn' deug. Bha gèile mhòr agus leis a sin chaidh an eaglais, bha i car air a fàgail mì-choltach, agus leis a sin, stad daoine a dhol innte, agus thòisich iad ri dhol dhan chaisteal a tha shìos gu h-ìseal an Loch Ailleart. Seadh, eaglais a bha iad a' togail ann an caisteal. Tha iad a' cantail caisteal, ach 's e mansion mhòr a th' ann, a bha iad a' togail aig toiseach na linne aig Brigadier Cameron Head, agus ann an sin - 's e oighreachd mhòr a th' ann - 's bha iad gu math coibhneil, 's bha an eaglais a bha seo air a togail am broinn an taighe. Ma-thà, 's ann ann an sin o chionn beagan bhliadhnaichean a bha an Eaglais Chaitligeach a' cur an aifhrinn air bonn gach seachdain. Roimhe sin, ge-tà, nuair a bha Eaglais Poll Nis a' dol, 's ann a h-uile sia seachdainean, aig toiseach a' ghnothaich, a bha an aifhreann ri bhith ann, agus bha an sagart a thog an eaglais dhaibh, 's ann le Maighstir Mac an Tòisich, agus bha e uaireigin an dèidh siud, bha e a-muigh an Dalabrog, agus cuideachd 's e bha... a chuir air bonn a' chiad eaglais a bh' aca ann an Èirisgeigh, Mac an Tòisich a bha seo.

Co-dhiù, rinn e an eaglais seo agus bha na daoine a' tighinn innte, ach 's ann a h-uile sia seachdainean a bhiodh esan... a chionn 's tha astar mòr eadar Àrasaig, am paraiste, agus Poll Nis, agus tarsainn mhòintich agus cuideachd dhaibhsan tarsainn mhòintich ochd mìle, agus gun... àm a' gheamhraidh gu math doirbh, agus cuideachd gun blàths no sìon am broinn an eaglais a bha seo. Ach leis a sin, tha a-nist treiseag bhuaithe, bha an eaglais fhèin air a dèanamh suas. Chitheadh tu on rathad nas fheàrr i, ged nach robh an aifhreann ga dèanamh innte, bha muinntir na films, bha iad a' tairgsinn beagan cuideachaidh dhan eaglais airson gun cumadh iad cumadh air an eaglais fhèin. Agus muinntir a' chiad film, Local Hero, rinn iad... chuir iad tairgse thuige agus bha iad ag obair am broinn na h-eaglais a bha sin airson mòran dhen film.

Ach bha film eile ann o chionn beagan bhliadhnaichean cuideachd. Chan eil mi buileach cinnteach dè ainm, By the Waves, no rudeigin, agus sgeul car iongantach. Ach chuir iadsan ceud... mìle... uill, mìle not, tha mi a' smaointinn, airson an t-àite a dheasachadh agus a dhèanamh suas, air a peantadh às ùr, 's tha i a' coimhead cho math an-dràsta. Ach cha bhi... chan eil sinn a' dèanamh aifhreann no sìon innte. Ma-thà, thuig sinn cuideachd nach ruigeamaid a leas a bhith ga cleachdadh a thaobh 's gun robh a-nist an eaglais eile a tha seo againn anns a' chaisteal shìos gu h-ìseal, far a bheil... chì thu na taighean ann an Loch Ailleart fhèin.

CMI: Chan e seo a' chiad turas, ge-tà, a dh'fheuch an Eaglais ri reic idir. An turas bho dheireadh a chaidh a reic, thàinig oirbh a thoirt bhon a' mhargaid, nach tàinig, air sgàth bha deasbad ann le Oifis na h-Alba co-cheangailte ris an rathad 's rudan dhen an t-seòrsa sin, nach robh?

CMN: Aidh. Uill, a-nist, a Choinnich, ciamar a bhios tusa a' faighinn a-mach rudan mar sin? Tha mise a' smaoineachadh gur e làmh Dhè a th' ann, a chionn 's, a bheil fhios agad, nam biodh i air a creic aig an àm sin, cha bhiodh uiread a' tighinn aiste idir. Cha bhitheadh. Tha mise... nam faiceadh tusa an-dràsta i, agus cha do rinn mi fhìn ach tighinn seachad oirre Didòmhnaich sa chaidh, agus thàinig i orm cho bras agus cho brèagha, agus smaoinich mi, ò uill, ghabhadh duine sam bith beachd air a' ghnothaich, agus bhiodh e airson a ceannach nam biodh an t-airgead aige. Ach 's ann a thaobh 's a-nis gun d' fhuair muinntir an rathaid, bha iadsan cuideachd a thaobh an eaglais a bhith às an rathad, agus eadar sin 's an railway, bha an gnothach car [?cumhangach] co-dhiù, agus leis a sin, rinn iad còrdadh, muinntir an rathaid ùir agus muinntir na h-eaglais, agus bha starsach, mar gun canadh tu, air a chur suas eadar an rathad ùr agus thug an eaglais, muinntir na h-eaglais, thug iad seachad pàirt dhen fhearann. Agus mar sin, tha a h-uile sìon dèante. Tha an rathad suas. Agus leis a sin, duine sam bith a bha airson an eaglais a cheannach, tha a-nist cothrom aca faighinn innte agus rud sam bith a dhèanamh leatha. 'S tha i cho faisg air an rathad mhòr. Ach a-nist, tha an rathad air an taobh eile, far am b' àbhaist dhan rathad shean a bhith ann. Tha an starsach an sin co-dhiù, ach gu bheil e air a bhacadh leis an railway. Sin a' mhì-shealbh a bh' ann. A bheil thu a' tuigsinn?

CMI: Tha mi ga thuigsinn gu dearbha, agus...

CMN: Agus a-nist tha drochaid ann an latha an-diugh leis an rathad bheag eile ùr a tha a' dol suas chun na h-eaglais.

CMI: Uill, chan eil rathad, a-rèiste, nach bi cuideigin ga h-iarraidh.

CMN: Aidh, tha mi a' smaointinn gum bi, ach dh'fheumadh an t-airgead a bhith aca.

CMI: Ò uill, chan eil e cho daor ri sin, aig a' phrìs a tha sin.

CMN: Bha sagart an àite bho dheireadh, Monsignor Wynne, tha e a-nist ann an Drochaid Ruaidh, tha esan ag innse dhomh gun robh cupall an siud, Feadailteach, a thàinig o chionn ghoirid, ò 's chunnaic iad am film, agus... no an dàrna film, agus bha iad airson an eaglais fhaicinn, agus às a sin, bha e a' sealltainn am meas a bh' aca air an àite, a thaobh na films a tha air a bhith ann. Rudan mar sin, tha iad sin gu math faisg air inntinn dhaoine nach aithne dhaibh an àite, mar as aithne dhuibhse e, ach aig an aon àm tha e a' sealltainn cuideachd gu bheil an t-àite a' leudachadh 's a' fosgladh a-mach far nach robh na... muinntir Àird Nis uaireigin dhen t-saoghal ach gu math iomallach.

Ach mu dheidhinn na daoine a' falbh, chan e... 's ann a... 's e dìreach an èiginn, agus cho fad às 's a bha Àird Nis a dh'fhàg na daoine a' falbh às. Tha tè ann an Àrasaig, aon tè co-dhiù, a bha air a togail ann an sin, tha i beò fhathast, agus cuideachd tha mi a' tuigsinn gu bheil fear dhe na caraidean againn fhìn, sagart a tha a-nis retired ann an Glaschu, 's bha athair 's a mhàthair, 's ann às a sin a bha iad, agus 's e Dòmhnallaich a bh' annta, bha... phòs iad ann am Poll Nis, ach 's ann à Àird Nis a bha iad.

Nist, tha e a' sealltainn cho faisg 's a tha na bha a' dol an siud, ach gun do theirig e. Theirig e àm a' chogaidh cuideachd 's roimhe sin bha iad a' sìor fhàs nas gainne, na daoine a bh' ann. Cha robh uiread a' dol an Àird Nis, gu h-àraid on a bha e air a ghearradh dheth gu mòr. Dh'fheumadh tu a dhol a-mach le eathar, fhios agad, a chionn 's bha an rathad sa, an ceum cho doirbh fhaighinn tarsainn gu Àird Nis fhèin.

CMI: Uill tuigidh mi sin gu dearbh, às dèidh a bhith anns an sgìre an t-seachdain a chaidh, tuigidh mi sin gu dearbha. Agus faodaidh mi mo ghealladh a thoirt dhuibh, chan e cumhachd sam bith a th' air cùl an fhiosrachaidh ach pìos pàipeir a th' air mo bheulaibh ann an seo. Agus gu dearbha, tha sinne a' dol a dh'fhuireach anns an sgìre a tha seo, às dèidh dhuinn an ath phìos ciùil a chluinntinn, oir tha mi a' dol a bhruidhinn ri Ceit NicIllEathain, a rugadh ann an àiteigin far nach eil duine mar sin an-diugh, ann an Smiorasaraidh. A Mhaighstir Calum, tapadh leibhse gu dearbha. Maighstir Calum MacNèill ann an sin...

CMN: Tapadh leat fhèin.

CMI: ...air an loidhne...

CMN: Tapadh leat fhèin. Madainn mhath.

CMI: ...à Omhanaich. Madainn mhath gu dearbha.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good