Search

Dealan-dè

Contributors
Date
Track ID 27703
Part 1

Track Information

Original Tape ID

DealanDe 1986.02.14

Summary

An account of a 'rèiteach' [marriage contract].

A lady from Skye tells about the one and only 'rèiteach' [marriage contract] she ever attended; her sister's rèiteach in 1924. It was attended mostly by older people. She talks about a particular custom which she saw at it.

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - Duirinish

Island - Skye

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Air an deicheamh latha dhen a' chiad mhìos dhen a' bhliadhna ann an naoi ceud deug, fichead agus a ceithir, ann an Ceann an t-Sàile faisg air Dùn Bheagain. Bha mo phiuthar bu shìne a' pòsadh, agus bha an toiseach an rèiteach ann. 'S e na seann daoine a bha timcheall, na nàbannan bu mhotha a bh' ann, ach gun robh na h-igheanan òga a bha timcheall cuideachd ann.

Agus bha an toiseach, bha am bòrd air ullachadh 's a h-uile dad air, 's bha na seann daoine sin a' suidhe timcheall a' bhùird uile-gu-lèir. Aig ceann a' bhùird bha fear na bainnse, agus ri thaobh bha cathair falbh anns nach robh duine. Agus bha na boireannaich òga, sean 's òg, bha iad taobh a-muigh an t-seòmair. Chan fhaodadh iadsan a dhol a-staigh an uair sin. 'S bha sinn... bha mi fhìn nam measg, 's bha sinn air cur ann an sreath bhon an doras.

Agus na bodaich a bha seo, a rèir coltais, 's e an rud a bha a dhìth orra, thuirt iad, maide-ceangail. Agus dh'fheumadh e freagairt, mar a tha fhios agaibh, dà mhaide-ceangail, gum feumadh iad freagairt ri chèile. Agus dh'fheumadh am maide-ceangail a bha seo am maide-ceangail a bha a-staigh - b' e sin fear na bainnse - a fhreagairt.

Agus chaidh an uair sin duine a chur a-mach, 's thug e a-staigh a' chiad boireannach, 's thòisich na bodaich an uair sin, am barail fhèin, agus chan eil mise a' dol a dh'innse dhuibh ge dè na rudan a bha iad a' ràdh, oir cha fhreagradh pàirt dhiubh a bhith air an innse. Ach bha fear mu seach a' toirt a bharail. 'S cha robh sin freagarrach. Chaidh an uair sin an ath duine. 'S chan eil cuimhn' a'm an-diugh cò mheud a chaidh a thoirt a-staigh - tha fhios a'm gun robh mi fhìn nam measg co-dhiù, 's chan eil fhios a'm fhathast gu dè thuirt iad, ach cha robh mi ach glè òg aig an àm. Agus cha robh sin idir a' freagairt idir, idir, idir. An rud nach robh ceàrr gu h-àrd bha e ceàrr gu h-ìseal, no na casan, no na làmhan, no bha an ceann, no... bha rudeigin.

Agus chaidh sin air adhart an uair sin, gu bho dheireadh thall thug iad a-staigh bean na bainnse, mo phiuthar, mo phiuthar bu shìne. Agus nuair a chaidh ise a-staigh, ò seo dìreach am maide a bha a dhìth air na bodaich. Bha e dìreach cho freagairt dha-rìribh, 's bha a h-uile rud cho ceart. 'S chuir iad an uair sin ri... na suidhe i, ri taobh fear na bainnse. Agus bha an rèiteach air a dèanamh. Thòisich an uair sin an ceòl 's an òran, nam measg bha Dòmhnall Ruadh am bàrd a' seinn mòran dhe na h-òrain aige... aige fhèin. Agus bha oidhche mhath dha-rìribh ann, mar... dìreach 's e seann daoine bu mhotha a bh' ann, agus 's e fada b' fheàrr na a' bhanais, a thaobh nuair a thàinig e gu oidhche na bainnse, chan fhaigheadh duine gluasad leis na bha timcheall anns a h-uile seòmar dhen an... dhen an taigh.

Sin agad a' chuimhn' a th' agamsa air rèiteach. An aon rèiteach a chunna mi riamh anns an àite againn fhìn. Chan eil mi a' smaoineachadh gun robh gin eile ann às dèidh an rèiteach a bha sin.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good