Mar a fhuair Dòmhnall Ruadh mac na Ceapaich bàs.
Date March 1955
Track ID 28999
Part 1 Loading...

Track Information

Original Track ID

SA1955.6.A1

Original Tape ID

SA1955.006

Summary

How Dòmhnall Ruadh mac na Ceapaich met his death.

Dòmhnall Ruadh was banished after wounding and subsequently killing his father-in-law. He went to Lewis and found refuge with relations, especially Iain Mòr mac Shomhairle Bhàin. Eventually, he was killed by some villainous folk from Ranish, descendants of Murchadh Riabhach.

The contributor heard this from an old woman in Uig.

Item Subject/Person

Dòmhnall Ruadh mac Raghnaill na Ceapaich

Item Location

County - Ross and Cromarty

Island - Lewis

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Donald MacDonald: Fhuair mise an sgeulachd a tha seo bho Catrìona Ùisdein ann an Càiriseadar, ann an Eilean Leòdhais.

Aon latha dhe na làithean, bha Dòmhnall Ruadh mac na Ceapaich a-muigh anns na beannaibh air los fèidh, 's cha do thachair beathach ris. Thàinig e dhachaigh le a chuid chon sgìth, airsnealach agus glè ocrach. Air a fhuair e a-steach don taigh, bha a' bhean aige agus an dithis nighean a' còcaireachd mun an teine. Diod a thachair ach gun deach fear dhe na mial-choin aige suas 's thòisich e ag òl a' [?bhruich] a bha i a' dèanamh, agus dh'ith e feadhainn dhe na bonnaichean a bh' aice mun a' chagailte. Chaidh a' chailleach na bèist, 's thog i cabar 's bhuail i gu h-olc an cù, 's leòn i cho dona e 's gun tug sgreuchail a' bheathaich Dòmhnall Ruadh na làthair. Cha do chòrd e ris man a dhèilig i ris a' chù a b' fheàrr a bh' aige, 's dh'èirich an nàdar aige gu brais. Rug e grèim oirre, 's chrath e i 's thilg e a-mach air an t-sitig i. Agus dh'fhalbh ise leis an tàmailt 's leis an àrdan, 's dhèan i taigh a h-athair.

Air a shìolaidh an droch nàdar a bh' air Dòmhnall, smaoinich e gum b' fheàrr dha a dhol às dèidh na mnatha. Agus sin a rinn e. Ach cò thachair ris ach athair-cèile, a' tighinn na choinneimh ann an dearg-fhearg 's a chlaidheamh deiseil aige air a leis. 'S e fìor dhuine sgilear air a' chlaidheamh a bha sa... ann an athair-cèile Dhòmhnaill. Ach bha Dòmhnall Ruadh fhèin glè mhath air a' chlaidheamh. Fear cho math 's a bha na latha. Ò, chuir e a-mach urras gu cath thuige, agus thuirt e ris latha sam bith a thogradh e a shuidheachadh, gun robh esan deiseil air a shon, 's gun do nàirich e a h-uile duine a bhuineadh dhàsan agus a' bhean chaomh a thug e dha.

Sheas iad aig a chèile air an latha a bha suidhichte, agus an luchd-taic còmhla riutha. Nis, cha robh iad fad an sàs air a chuir Dòmhnall Ruadh am putan a b' àirde anns an lèine aige an dàrna taobh. Chùm iad orra 's chùm iad orra, agus leis an ath sgobag gheàrr Dòmhnall sgeafag bheag fon an smugaid aige, 's ruith an fhuil. Dh'fhaighnich e dha athair-cèile:

"An dèan sin a' chùis dhut?"

Thuirt am bodach:

"Cha dèan. Chan eil mi ullamh dhìot fhathast."

Ghabh iad dha chèile a-rithist, 's man bu mhotha a ghabh iad dha chèile 's ann bu bhraise a bha an nàdar ag èirigh, agus mu dheireadh cha robh càil aig Dòmhnall Ruadh ri dhèanamh 's cha b' urrainn dha e fhèin a dhèanamh... a dhìon gus an tug e sgròbag ud air mionaich a' bhodaich 's gheàrr e gu domhainn e an turas ud, 's cha mhòr nach do nochd na caolanan aige a-mach. Leum na lighichean 's an luchd-taic a bha mun cuairt, 's thog iad am bodach a-steach do thaigh a bha faisg 's cheangail iad suas e. Às an sin thug iad dhachaigh e gu thaigh fhèin, ach chaidh a chur air bhunait nach fhaodadh Dòmhnall Ruadh a dhol an còir taigh athair-cèile a-rithist airson bliadhna agus latha.

Bha seo glè mhath, ach thachair gun robh aige ri dhol gu margadh le stoc chruidh, agus thachair dha gun robh... gum b' èiginn dha dhol seachad air uinneag a' bhodaich air an latha a bh' ann, agus cò a chunnaic e ach athair-cèile. Dh'èirich e ann an dearg-fhearg 's leum e a-mach às an leabaidh, 's anns an èirigh a bh' ann 's ann a shrac am mionach aige a-rithist, agus bha am bàs aige gu h-obann.

Chaidh Dòmhnall Ruadh a chur an sàs 's a tharraing gu cùirt, agus chaidh binn a thoirt a-mach na aghaidh gum feumadh e fàgail dùthaich Cheapach agus... agus a dhol a dh'àiteigin eile fad air falbh bho chuideachd, agus gum biodh seachd bliadhna aige air fuadaran dhen t-seòrsa seo.

Cha do thog e ceann tuilleadh airson greiseag gus an cualas gun robh e ann am beannaibh... beannaibh Chinn t-Sàile, agus chaidh an luchd-tòir às a dhèidh, 's mharbh iad fear dhen an luchd-cuideachd a bh' aige ann an... anns an àite sin. Smaoinich Dòmhnall Ruadh gum feumadh e teicheadh na b' fhaide air falbh bhon dachaigh. 'S diod a rinn e ach gun... chaidh e thairis air a' Chuan Sgìth. Thàinig e air tìr air tràigh anns na Hearadh. Dh'fhalaich e e fhèin ann am beannaibh mòr na Hearadh airson bliadhna no dhà agus às an sin dh'imich e air a shlighe gus an tàinig e gu dùthaich Ùig ann an Eilean Leòdhais.

Aona mhadainn, bha Iain Mòr mac Shomhairle Bhàin, Fear Mhiabhaig, a-muigh a' sealg gu math tràth air a' mhadainn, 's cò a thàinig na choinneimh ach an Gàidheal mòr tapaidh seo air a làn-sgeadachadh anns an deise Ghàidhealach. Chuir iad fàilte air a chèile. Ars esan:

"Tha mi a' faicinn bhon an tartan agad gur e Dòmhnallach a th' annad, man a th' annam fhìn."

"'S e," arsa Iain... Iain Dhòmhnaill mhic Shomhairle Mhiabhaig. "Is mise an t-uachdaran a th' air an àite seo.

"Ò," ars am fear eile. "Is dàna cù air a shitig fhèin."

"Cò sibhse?"

"Ò is mise Dòmhnall Ruadh mac Raghnaill na Ceapaich."

"Ah uill," ars esan, "chuala mi mòran mur deidhinn-se agus gur e duine làidir a th' annaibh. Am bu mhath leat feuchainn gleac riumsa?"

"Ò is math thèid... thèid sinn ach a' feuchainn cò as treasa."

Thòisich iad air a chèile ann a shin 's cha robh iad fada gus an do chuir mac Somhairle Bhàin air a dhruim e, ach cha do leòn e e 's cha do ghoirtich e e, ach thug e aoigheachd dha agus thuirt e ris bhon as ann dha fuil nan Dòmhnallach a bha e gum faodadh e fuireach còmhla ris-san, ach nan toireadh e dha biadh agus... agus taigh ann am follais gum biodh an crùn às a dhèidh. Ach diod a rinn e ach shuidhich e còmhla ris an luchd-obrach aige gun dèanadh iad bothag ann an gil faisg air an taigh ris an canadh iad Gil [?Brùdair]. Agus chuir mac Raghnaill na Ceapaich iomadach oidhche shona seachad anns a' bhothaig sin. Ach bhiodh e a' tighinn an-dràsta 's a-rithist suas chun an taigh mhòir 's bha e a' faighinn biadh teth, agus cuideachd 's còmhradh.

Dh'fhàs iad suas glè mhòr ri chèile 's bhiodh iad a' dol a-mach dhan a... do frìth Mhorsgail, a bhad an robh na beanntan àrd ann an Ùig 's am bad an robh na fèidh pailt. Nan tigeadh droch shìde orra no am biodh cabhadh, no am biodh iad air an cumail gun faighinn gu baile, bha iad a' marbhadh caora an-dràsta 's a-rithist, ach bha iad a' cumail na cluasan aca gus am biodh fhios aca cò dha a bhuineadh iad. Cha robh call a' dol air duine sam bith bhon a bha iad a' pàigheadh airson an fheòil a bha iad ag ithe.

Bhiodh muinntir na Ceapaich a' cur airgead gu mac Raghnaill an-dràsta 's a-rithist airson a chumail a' dol, 's bha Iain Mòr mac Shomhairle Bhàin a' dol sìos dha na Hearadh 's ga chruinneachadh dha, 's ga thoirt air ais a-rithist a Mhiabhaig. Chaidh seo air adhart airson greis mhòr gus mu dheireadh cha robh aca ach beagan lathaichean mus robh maitheanas a' tighinn a-mach fon a' chrùn dhaibh, 's dh'fheumadh iad a dhol a Steòrnabhagh airson fhaotainn.

Ghabh iad romhpa, ach smaoin... chuir iad air chois gun deigheadh iad a shealg timcheall air Loch Langabhat, agus gun gabhadh iad air ais tro mhòinteach nan Lochan, 's gun ruigeadh iad mar sin baile mòr Steòrnabhaigh. Bha tìde mhath aca 's... agus bha an t-sealg gu pailt ann, agus air a bha iad seachd sgìth dhen sin ghabh iad air an t-slighe, agus air taobh thall Loch Langabhat, 's gheàrr iad tro mhòinteach nan Lochan, ach air a bha iad letheach slighe gu Steòrnabhagh diod a bhuail iad ach am fiabhras trom gu h-obann. Cha robh càil ri dhèanamh ach laighe sìos am bad an robh iad leis an tinneas. Cha b' urrainn dhaibh a dhol air adhart, ach bha na glùinean aca a' dìobairt 's bha iad cho goirt airsnealach, ach thug iad an aire gun robh iad faisg air uisge.

'S ann a-steach fo bhruthaich mhòr dhubh dhomhainn a chaidh iad, ach bha an t-alltan beag rin taobh 's ruigeadh fear mu seach le bhois air 's chuireadh e boinneag na bheul dhen an uisge seo air bu mhiosa bha iad a' faireachdainn. Cò chuala gun robh iad ann ach droch dhaoine à baile Rànais. Daoine borb fiadhaich ris an canadh iad sliochd Mhurchaidh Riabhaich, agus cha robh mòran aca mu dheidhinn na Dòmhnallaich. Thàinig iad a-mach agus leis an truaillidheachd a bha nan nàdar 's nan inntinn, leig iad sìos a bhruthaich air muin nan daoine bochda a bha tinn fodha.

Sin man a chaidh a chur às dha Dòmhnall Ruadh na Ceapaich, air a thàinig e dhan an eilean againne fon a' choill.