Search

Am fear-paca a chaidh a mhurt.

Date March 1955
Track ID 29001
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1955.6.A2

Original Tape ID

SA1955.006

Summary

The packman who was murdered.

An Irish packman was murdered in Gisla, Lewis, by a local man who wanted his wife. He was buried in Feannag a' Chlàrsair.

The contributor heard this from John MacDonald, Enaclete, Uig.

Item Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Uig

Island - Lewis

Village/Place - Gisla

Language

Gaelic

Collection

SoSS

Transcription

Donald MacDonald (DM): Tha feannag ann an Giosla ris an can iad Feannag a' Chlàrsair, agus chuir e iongantas orm iomadach latha carson a bha an t-ainm seo oirre, ach fhuair mi a-mach mu dheireadh mu dheidhinn.

Tha e coltach gun robh e na chleachdadh aig Èireannaich a bhith a' tighinn le dronnag air an druim de bhathar a bhiodh iad a' creic bho bhaile gu baile. Bha fear dhen t-seòrsa sin aona bhliadhna ann an sgìre Ùig agus bha bean bhrèagha bhòidheach aige, agus thachair dha gun do thadhail e a-staigh aig taigh ann am Peighinn Dhòmhnaill.

Bha seann ghille a' fuireach anns an taigh sin còmhla ri a mhàthair. Bha pailteas de chrodh 's de chaoraich aige, 's bha fearann aige a' toirt toradh math às. 'S bha a mhàthair an-còmhnaidh ag obair air 's ag ràdh ris:

"A Dhòmhnaill, carson nach eil thu a' faighinn boireannach dhut fhèin 's mise a' fàs sean agus lag, 's tha a thìde agad rudeigin fhaighinn dhut fhèin."

Agus bha i ga bhrosnachadh 's ga bhrosnachadh, gus an latha seo air a dh'fhalbh an t-Èireannach còmhla ri a bhean air an t-slighe gu Steòrnabhagh. 'S ann a thòisich i a' tilgeil air:

"Nam biodh tusa cho math ris na daoine bhon tàinig thu gheibheadh tu bean dhut fhèin 's tha fhios agad càit am faigheadh tu i."

Dh'èirich an nàdar air, 's theich e a-mach às an taigh, 's dhèan às dèidh an t-Èireannach agus a bhean, 's cha do rug e orra gus an robh air iad air ruighinn baile Ghiosla. Ann an sin, thòisich e air tarraing buaireadh ris an duine, agus cha robh iad fada gu 'n deach iad an amhaichean a chèile, agus mharbh e an t-Èireannach bochd 's chaidh a thiodhlacadh ann am feannag ann an ceann shìos na pàirce. Agus 's e ainm na feannaig sin gus an latha an-diugh, Feannag a' Chlàrsair.

James Ross (JR): Cha do dh'innis sibh dhuinn cò aig a chuala...

DM: Chuala mise an sgeulachd seo bho Iain Dòmhnallach ann an Einacleit, Ùig, agus bho Dòmhnall Fionnlasdanach a tha a-nis a' tathaich ann am Baile Àrd Raghnaill. Sin an t-ainm ùr a th' air Peighinn Dhòmhnaill man a chanadh tu ris anns na linntean a dh'fhalbh.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good