Search

Dòmhnall Cam agus na creachadairean.

Date March 1955
Track ID 29009
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1955.6.A6(b)

Original Tape ID

SA1955.006

Summary

Dòmhnall Cam and the reivers.

Some mainland reivers once came to Lewis. When Dòmhnall Cam heard about them, he went and killed them all. He had a sheiling where he could keep an eye on the sea, in case more reivers appeared.

Item Subject/Person

Dòmhnall Cam

Item Location

County - Ross and Cromarty

Island - Lewis

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

James Ross (JR): Agus a bheil dad eile agaibh air... Dòmhnall Cam?

Ruairidh MacAmhlaigh (RM): Dòmhnall Cam. Ò bha e ann a shiud anns a' Phàirc uainne. Thàinig tòrr dhe na mòr-thìrich uaireigin, bhiodh iad a' goid a' chruidh ann. Bhiodh iad a' goid a' chruidh ann. Agus bhiodh iad a' goid a' chruidh ann, anns a' Phàirc.

"Bheirinn luchd à crò na Pàirc," ars esan, "'s gheibhinn tàmh an Loch Abar."

Agus ghabh e do Chlann Choinnich ann a shin. Agus 's e Clann Choinnich a bha sa Phàirc an uair sin, feadhainn a Chlann Choinnich, 's mharbh iad a h-uile duine dhiubh, 's thàrr na Mòr-thìrich nuair a bha iad a' goid a' chruidh. Agus chaidh am fios gu Dòmhnall Cam, gu Ùig, na thàrr às dhiubh, 's thàinig e agus mharbh e a h-uile duine dhe na Mòr-thìrich. Tha iad tiodhlaichte fo chreig ann an Loch Claidh ann a shiud thall.

JR: Ò a bheil?

RM: Tha.

JR: A bheil ainm air a' chreig?

RM: Ò chan eil cuimhn' a'm gu dè an t-ainm a bh' air a' chreig. Tha iad tiodhlaichte ann a shiud. Chuala bucach an t-uabhas innte 's b' fheudar e an acair a thogail 's teiche às. Bha e anns an t-Òb [???]. Uill, bha na Mòr-thìrich mar siud - bhiodh iad a' goid a' chruidh 's a' tighinn a-nall ann. Uill, shuidhich e àirigh, Àirigh Dhòmhnaill Chaim oirre, a-muigh air taobh a-muigh Sruth Shìophort ann a shin. Shuidhich e àirigh ann a shin airson watchaigeadh. Rinn e fhèin taigh ann a shin airson a bhith a' watchaigeadh na Pàirc, ach thug e do Chlann Choinnich a' Phàirc air ais.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good