Search

Dà chridhe luaidhe air an ceangal ri chèile.

Date March 1955
Track ID 29029
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1955.006.B6f

Original Tape ID

SA1955.006

Summary

Two lead hearts tied together.

Some woman found two lead hearts tied together inside a girl's pocket. They were thrown out. This killed the love between the girl and her sweetheart.

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Stornoway

Island - Lewis

Village/Place - Stornoway

Language

Gaelic

Collection

SoSS

Transcription

Anna NicCoinnich: Tha sgeulachd bheag eile ann a thuirt an tè sa rium. Bha pàiste de shearbhanta air mhuinntireas ann an taigh air choreigin. Bhiodh iad an uair sin aig a' chlann-nighean òga, bhiodh pòcaid aca ceangailte ri ìochdar an còta, 's dh'fhaodadh iad a' phòcaid a thoirt far an còta.

Latha sa nuair a chaidh am pàiste a-mach, 's ann a fhuair a bana-mhaighstir pòcaid ann a shin am measg na mònach. Nuair a sheall i dhan a' phòcaid, dè bh' ann ach dà chridhe bheaga an dèidh a dhèanamh de luaidh, agus iad air an ceangal ri chèile le bìdeagan de shnàth clòimhe dathte. Agus bha iad air a chur air dhòigh 's gum faodadh an dà chridhe thighinn gu chèile, 's ghabh i fìor iongantas dè bh' ann. Ach goirid às dèidh sin fhuair i a' phòcaid cheunda, agus fhuair i an dà chridhe agus snàthlannan glana brèagha dearg 's gorm air a cheangal ris an dà chridhe, agus an dà chridhe a-rithist air a cheangal air dhòigh 's gun tigeadh iad gu chèile.

Bhruidhinn i ri fear an taighe mu dheidhinn seo, agus thuirt fear an taighe rithe:

"'S e a th' ann àmhailt air choreigin. Cuir a mhullach an teine i."

"Cha chuir," ars ise, "mas e àmhailt a th' ann, gun fhios nach tèid an taigh na smàl."

"Sad a-rèiste e far nach fhaighear grèim a-chaoidh air."

Agus rinneadh sin. Treiseag às dèidh sin bha na fireannaich aig an iasgach agus thachair fear an taighe ris a' bha-... ri balachan a bha a' tighinn a shealltainn air an t-searbhanta... a bha a' suirghe air an t-searbhanta, agus thuirt e ris a' bhalachan:

"Diod a rinn thu, a dhol a chur cùl ri mo dheagh shearbhanta?"

'S thuirt an t-òganach ris:

"Uill," ars esan, "bha ceangal mòr agam ris an nighinn, ach aon latha dhe na lathaichean, thàinig mi thugam fhèin agus fhuair mi a-mach nach robh ceangal agam rithe na bu mhotha, agus chan eil cothrom agam air."

Agus chaidh sin ma sgaoil.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good