Cuachag an Fhàsaich
Contributors
Date
30 May 1969
Track ID
29149
Part 1
Track Information
Original Track ID
SA1969.41.A1
Original Tape ID
Summary
The song describes a beautiful milkmaid. According to the poet, her voice was sweeter than that of the thrush. Silk gloves would suit her.
Item Notes
Four quatrains plus choruses. The contributor heard the tune in Braes. The song was composed by Alexander MacDonald (c.1700 - c.1770).
See:
'Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair Selected Poems' (ed. Derick Thomson) p. 175
'Sàr Obair nam Bàrd Gaelach' (MacKenzie) p. 139 (1907 edition)
Recording Location
County - Midlothian
Parish - Edinburgh
Village/Place - George Square, School of Scottish Studies
Language
Gaelic
Genre
Collection
Transcription
Seumas MacNeacail (SM):
A bhanarach dhonn a' chruidh,
Chaoin a' chruidh, dhonn a' chruidh;
Cailin deas donn a' chruidh,
Cuachag an fhàsaich.
A bhanarach mhìogach,
'S e do ghaol thug fo chìs mi;
'S math thig làmhanan sìoda
Air do mhìn-bhasan bàna.
'S mòr bu bhinne bhith d' èisteachd,
An àm bhith bleoghan na sprèidhe;
Na 'n smeòrach sa Chèitean,
Am bàrr gèig ann am fàs-choill'.
Nuair a sheinneadh tu coilleag,
A' leigeil mart ann an coille
Thàladh eunlaith gach doire,
Dh'èisteachd coireall do mhànran.
Bheireadh maill' air mo lèirsinn
Ann am madainn chiùin Chèitein
Na gathannan grèine
Thig bho teud-chùl chas, fàinneach.
Iain Peatarsan (IP): Agus cà 'n do dh'ionnsaich sibh an t-òran sin, a Sheumais?
SM: Ò uill 's e am fonn, fhios agad... tha, anns a'... tha, anns a' Bhràighe, anns an Eilean Sgitheanach.
IP: Seadh. Anns an Eilean Sgitheanach. An ann aig ur màthair, no...?
SM: Ò uill chan eil cuimhn' a'm an dràsta... bha e aig a h-uile duine. Chan eil cuimhn' a'm an-dràsta ciamar a chuala mi e. Dìreach... bha e... bhiodh e againn daonnan.
IP: Na faclan a tha sgrìobhte agaibh...
SM: Ò chan eil na faclan... cha d' fhuair mise ach ann an Sàr Obair nam Bàrd iad.
IP: Ò Sàr Obair nam Bàrd.
SM: Ach chuala mi air dòigh eile am fonn. 'S e sin, fhios agad...
IP: Ò 's e dìreach. Chuala sibh caochlach dòigh...
SM: 'S e sin bu choireach...
IP: Glè mhath. Ach bha e bitheanta?
SM: Bha. Bha e bitheanta. Bha, dìreach. Och bha.

Source Type
Reel to reel
Audio Quality
Good