Naidheachd air Fiosaiche Thuilm.
Date March 1955
Track ID 29199
Part 1 Loading...

Track Information

Original Track ID

SA1955.7.A2

Original Tape ID

SA1955.007

Summary

A story about the Holm Soothsayer.

At one time, there were three crofters in Miabhaig, one named MacKay. He had a lot of livestock. On this occasion, when his cows dried up, he sought the help of the Holm Soothsayer, a man who could stem the power of witchcraft.

The contributor heard this story from an elderly woman from Carishader who was 85 at the time. This happened in her grandfather's day.

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Island - Lewis

Item Location

County - Ross and Cromarty

Island - Lewis

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Donald MacDonald: Seo an sgeulachd a fhuair mise bho fìor sheana-bhoireannach ann an Càiriseadar Ùig, 's tha i fhèin a-nis ceithir fichead bliadhna 's a còig. Thuirt i rium gun do thachair seo dha seanair fèin.

Nuair a bha tuath ann am Miabhaig bha trì croitearan ann. 'S bha fear ann ris an canadh iad Aoidh MacAoidh, agus bha stoc agus... mòr de chaoraich agus de chrodh aige. Ach air fear dhe na làithean a bh' ann, nach do chaill an crodh aige am bainne, agus bha iad air a dhol troimh-a-chèile air dòigh air choreigin 's cha robh muinntir a' bhaile a' tuigsinn dè thachair dhaibh. 'S chuir iad an ceann ri chèile 's shuidhich iad gun deigheadh an t-seann bhodach fhèin a-null a choimhead air duine sgileil ris an canadh iad Fiosaiche Thuilm, duine a bha air falbh air feadh an t-saoghail aig an robh mòran eòlas air gnothaichean dhen t-seòrsa.

Thug am bodach às, air a shlighe, ach cha robh rathad ann anns an latha a bh' ann. Chaidh e tro mhonaidh 's chaidh e tro uisgichean na h-aibhnichean. Chaidh e air a shlighe, càrnach, creagach, fliuch mar a bha e, gus an do ràinig e Calanais. Às an sin, thog e air a shlighe gu Steòrnabhagh, sia mìle deug a dh'astar.

Air a fhuair e dhan a' bhaile mhòr, dh'fhaighnich e dha muinntir a' bhaile càit an robh taigh an fhiosaiche, 's thuirt iad ris gun robh trì mìle shìos ann an àite ris an canadh iad Tolm. Lorg e an t-àite agus chaidh e... ghnog e aig an doras. Thàinig am bodach fhèin na choinneimh, 's dh'innis e dha cion-fàth a thuras.

"Thig a-steach," ars am bodach, "gus an cluinn mi do sheanchas gu lèir."

Rinn MacAoidh seo agus fhreagair am bodach gu socair:

"Tha fhios agamsa glè mhath diod a thachair dhan a' chrodh agad. Tha cuideigin ann an Ùig aig am beil droch ghean dhut, aig am beil gamhlas dhut airson na th' agad de stoc 's de sprèidh, ach cuiridh mise seo ceart dhut."

Shuidh MacAoidh sìos mun an teine 's thòisich am bodach a' fùidreadh ann an seann chiste a bh' aige ann an oisean. Ciste a bh' aige ann an lathaichean na seòladaireachd, air a bha e a' falbh air feadh an t-saoghail. 'S thug e a-mach às an sin reumhaichean 's duilleagan 's pìosan dhen an siud 's pìosan dhen an seo bho choilltean 's bho chraobhan fad... àiteachan fada cèin. Thòisich e a' suathadh an ceann a chèile gus an do rinn e còbhran beag dhiubh.

"Nis," ars esan ri MacAoidh, "cuir thusa an còbhran duilleagan seo anns a' chiste-bhainne agus bheir mise mo mhionnan dhut ann an latha no dhà gun tig a h-uile càil ceart mar a bha."

Chan eil fhios agamsa an robh e anns an t-seanchas an tug e dha bonn airgead no nach tug, ach thill MacAoidh air ais an t-astar air an tàinig e gus an d' fhuair e dhachaigh, 's thug e an còbhran dha bhean 's chuir ise dhan a' chiste-bhainne e man a dh'iarradh air.

'S e an fhìrinn a bh' aig an fhiosaiche, bhon ann an latha no dhà fhuair an crodh am bainne air ais dìreach man a bha iad roimhe, 's chaidh seo air adhart latha às dèidh latha airson iomadach bliadhna. Ach latha de na làithean a bha siud, 's ann a sheall a' chailleach dhan a' chiste, 's diod a chunnaic i ach gun robh an còbhran duilleagan air fàs fliuch, slipeach air dòigh air choreigin, 's cha robh i a' tuigsinn diod bu choireach dha. 'S thug i a-mach e 's chroch i air an t-slabhraidh e bhos cionn an teine.

Bha i trang ag obair mar a b' àbhaist dhi 's cha do chuimhnich i gun do dh'fhàg i an còbhran am bad a chuir i e, ach thàinig i thuice fhèin às dèidh ceann ghreis agus ruith i gun an teine, 's thug 's ghabh i grèim air a' còbhran, 's dh'fhalbh e na smùid 's na ceò na làmhan dhan an iarmailt, 's chan fhacas tuilleadh e. Ach cha do chaill Iain MacAoidh am bainne tuilleadh ann am Miabhaig.

Cha do chuimhnich mi air innse dhuibh gun robh bodach Ùig glè dhèidheil air faighinn a-mach cò thug an toradh às a' chruidh aige, ach thuirt am fiosaiche ris gun fhios aigesan glè mhath cò bh' ann ach nach robh e airson innse dha, ach gun tarraingeadh e am buaireadh agus gun dèanadh e droch bhith ann an Ùig. Ach dh'innseadh e seo dha, gur ann à Baile Chrabhlasta a bha an droch dhuine a chuir an t-sùil anns a' chruidh aige.