Search

Rud iongantach a thachair aig bàs Iain Dhuibh Mhùideirt.

Date May 1954
Track ID 29882
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1954.38.1

Original Tape ID

SA1954.038

Summary

Strange occurrence at Iain Dubh MacDonald of Moidart's death.

Iain Dubh MacDonald of Moidart was dying in Rum. His cousin, Ranald MacDonald of Morar, was so strong he could stop a mill wheel with his bare hands. When Iain was dying there was a thing on top of Rumach Hill crying out. Whenever it cried out, Iain leapt from his bed and had to be restrained by his cousin. When he died the thing on the hill jumped into the Sound of Rum. It's said there's a whirlpool at that spot to this day.

Item Subject/Person

Iain Dubh Mùideart

Recording Location

County - Inverness-shire

Parish - Arisaig and Moidart

Village/Place - Arisaig

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - Small Isles

Island - Rum

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Dòmhnall MacEachainn (DM): Bha e sin a' bàsachadh ann an Rùm, 's bha cousin dheth aig... dheth thall aig an robh Mòrar, Raghnall mac Ailein Òig, duine uamhraidh làidir bha iad ag ràdhainn. Bha iad [?aig] seann mhuilinn a bha seo, na hand mills a bha seo, bha iad ag ràdhainn gun [???]... gum beireadh e air a' flywheel 's gun stadadh e i, gun robh e cho làidir sin. 'S e cousin de dh'Iain Dubh Mùideart a bh' ann. Bha Iain Dubh Mùideart gu bàsachadh ann an Rùm agus nuair a bha e anns na spàirnean deireannach, mar a their iad, bha rud air mullach na Beinn Rumaich ag èigheach. Nuair a dh'èigheadh an rud sin bha esan a' leum às an leabaidh 's e a' bàsachadh. Bha a chousin ga chumail sìos, gus mu dheireadh gun tug e a' chic mu dheireadh 's bha e marbh, agus an rud a bh' air mullach na beinn, leum e a-mach sa Chaol Rumach. Shnàmh e a-nall. Tha iad ag ràdhainn gu bheil whirlpool an sin gus an latha an-diugh. Chan eil mi a' smaoineachd gur e fìrinn a th' ann. Chan eil fhios agam.

Calum MacIllEathain (CM): Ach dh'fhaodte gu bheil.

DM: Dh'fhaodte gu bheil.

CM: Dh'fhaodte gu bheil. Seadh, agus 's e duine làidir a bh' anns an fhear ud, Raghnall mac Ailein Òig?

DM: 'S e. Uill 's e cousin Iain Duibh Mhùideirt a bh' ann. Bha e air Mòrar, 's ann a bha e. Sin an ath dhùthaich dhuinne. Malaig thall. Mòrar. 'S e Mòrar a dh'abrar ris. Dùthaich Mhòrair.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good