Search

Rinn tè an gnothach air an Donas.

Date July 1955
Track ID 30648
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1955.133.A4

Original Tape ID

SA1955.133

Summary

The lady who beat the Devil.

The Devil gave a lady a new pair of shoes when she told a childless woman that she would have children if she clipped the hairs which grew from her husband's mole.

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Classification

AT1353

Transcription

Calum MacIllEathain (CM): Cha chuala sibh riamh iomradh air tè ris an canadh iad Cailleach Beinn a' Bhric?

Ailig Stiùbhart (AS): Beinn a' Bhric? Cha chuala.

CM: No tè ris an canadh iad Gormail Mhòr Moighe?

AS: Cha chuala. Ach chuala mi mu dheidhinn Leezie, an tè a rinn an gnothach air an Donas.

CM: Seadh, 's ciamar a rinn i an gnothach air an Donas?

AS: Bha... bha an Donas ann agus bha duine òg 's bean òg ann an sin 's cha robh clann aca - cha robh cloinn idir aca. Agus bha an Donas a' feuchainn ri cur eatorra, 's cha chuireadh e eatorra. Ach thachair Leezie ris agus bhruidhnich e ri Leezie.

"Tha droch bhrògan ort," ars e ri Leezie.

"Tha," thuirt i fhèin. "'S e droch bhrògan a [?th' annta].

"Uill", thuirt e, "bheir mise dhut paidhir bhrògan cho math 's a fhuair thu riamh," thuirt esan, "ma chuireas tu às... eadar [???] a' bhean 's an duine a tha sin." Agus ma chuireas... tha mise bliadhna ag obair orra a-nis," thuirt esan, "agus dh'fhaillich orm cur eatorra 's ma nì thusa an gnothach orra," thuirt esan, "bheir mi dhut paidhir bhrògan."

"Ceart gu leòr," thuirt Leezie.

Char Leezag suas. Dar a char i suas bha a' bhean ann an sin na suidhe a-staigh 's i... i fhèin 's an duine cho toilichte 's chan fhaiceadh an dala duine an ceò a' dol an sùil an duine eile dhiubh, 's dh'fhaighnich i:

"Cha d' fhuair thu teaghlach fhathast," thuirt i ris a' bhean.

"Cha d' fhuair," thuirt ise.

"Hà," thuirt i. "Nach tu tha gun fheum, tha fhios agamsa dè tha a' cumail thu gun teaghlach."

"Dè tha a' cumail mi gun teaghlach?"

"Tha," thuirt i, "tha ball-dòbhrain air amhaich an duine agad ann an sin," thuirt ise, "agus gaoistean air, 's ma gheibh tha sin a ghearradh leis an ràsair," thuirt ise, "gheibh thu... gheibh thu teaghlach."

Agus:

"Glè mhath," thuirt ise, "ma-thà."

'S dh'fhalbh i an uair sin sìos gus an duine 's bha an duine shìos air an raon, 's char i sìos 's dh'innis i seo. Thuirt i ris an duine:

"Thoir an aire ort a-nochd," thuirt ise, "dar a thèid thu dachaigh," thuirt ise. "Tha a' bhean a' dol ga do mharbhadh leis an razor; tha i a' dol a ghearradh d' amhaich."

"Och, a Leezag, chan eil mise a' creidsinn sin idir," thuirt esan.

"Ò, ge-tà, tha siud ceart," thuirt ise.

Co-dhiù, char an duine dachaigh 's char e a laighe 's ghabh e air fhèin gun robh e na chadal, 's bha e dìreach na chadal 's tharraing e an tuagh taca ris 's dar a tharraing, char a bhean thuige a-nuas 's i a' gàireachdaich 's i a' dol a ghearradh a' ghaoistein a bh' air a' bhall-dòbhrain.

Chunnaic esan a' tighinn i leis an razor. Thog esan an tuagh 's chuir e an t-eanchainn aiste. Thàinig... mharbh esan i. Dar a chunnaic e sin, mharbh e an uair sin e fhèin.

Thàinig... thachair an Donas ri Leezag:

"Uill, uill, a Leezag, thug mise trì bliadhna ag obair orra," thuirt esan, "'s dh'fhaillich iad orm cur eatorra, ach rinn thusa an gnothach orra 's gheibh thusa paidhir bhrògan a-nis, a Leezag."

CM: Glè mhath. Cha chuala sibh riamh iomradh air bodach a bhiodh anns a' chuan a bhiodh... bodach... bhiodh currac dearg air? bhiodh iad ga fhaicinn nuair a bhiodh stoirm a' tighinn.

AS: Chan eil fhios a'm.

CM: Cha chuala sibh riamh iomradh air tè ris an canadh iad Iolaire Loch Trèig? Bha i ann... bha i uabhasach sean?

AS: Cha chuala mi iomradh oirrese idir.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good