Search

Dòmhnall Dubh na Cuthaige agus an sagart.

Date 1959
Track ID 31318
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1959.42.B2

Original Tape ID

SA1959.042

Summary

Dòmhnall Dubh na Cuthaige and the priest.

Dòmhnall Dubh na Cuthaige lived in Canna. He was rebuked by a priest for killing an old woman. The priest wanted to go to Uist but Dòmhnall prevented him, forcing to remain in Canna for seven weeks. When he eventually got away he said that, though he wished no harm to the soul of the man who kept him there, he wanted his body to be kept from his relatives for seven weeks.

Dòmhnall later became ill and was close to death when a whistle was heard outside his house. He tried to go out but was held back by a widow's son. When they looked outside, they saw a tall dark man [the Devil]. He left and walked across the water to Rum.

Dòmhnall eventually died in Canna. Bad weather delayed his body, for seven weeks, from being taken to Uist for burial alongside his relatives.

Item Subject/Person

Dòmhnall Dubh na Cuthaige

Recording Location

County - Inverness-shire

Parish - South Uist

Island - South Uist

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - Small Isles

Island - Canna

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Aonghas MacIllFhialain (AM): An d' fhuair sibh roimhe i idir?

Calum MacIllEathain (CM): Cha chreid mi gun d' fhuair mi roimhe idir i?

AM: Ma fhuair, bheil fhios agad, chan eil reusan [???]. 'S ann an Canaigh a bha Dòmhnall Dubh, bha Canaigh aige, 's e a' fuireach an Canaigh. Nuair a bha e sa Chaisteal Thioram, 's ann a chroch e a' chailleach, far an tug i snaoisein às a' bhogsa aige. Agus shearmonaich an sagart ris, cho dona 's a rinn e, a dhol a mharbhadh na caillich. Cha tuirteadh riamh ris an àite sin chun an latha an-diugh ach Tom na Caillich.

Agus bha an sagart an seo, bha e airson tighinn gu ruige Uibhist. Agus fhuair e cho fada air aghaidh ri Canaigh - cha robh bàtaichean an [?trade] an uair sin mar tha iad an-diugh ann. Agus dh'fhalbh Dòmhnall Dubh às a dhèidh, agus nuair a bha e a' dol gu ruige Canaigh, bha biast aig ogha Chloinn 'ic Ailein, a bha ga ruith, agus bha a' bhiast às dèidh a' bhàta, agus bhiodh i ann am bàrr a h-uile stuaidhe. Agus nuair a ràinig e seo Canaigh, thug e bòrd às a h-uile bàta a bh' ann an Canaigh, air eagal an t-aiseag a thoir dhan t-sagart.

Uill, thug an sagart seachd seachdainean ann an Canaigh. Bha e sin latha a-muigh, 's dè chunnaic e ach bàta a' dol seachad, 's thòisich e air smèideadh oirre, 's chùm am bàta a-staigh chun a' chladaich 's fhuair e innte. Cha robh bàta a' tighinn ach gu ruige Uibhist. Agus nuair a thog e a-mach o thìr, sheall e às a dhèidh agus thuirt e:

"Fhir a chùm mise," ars esan, "seachd seachdainean an seo," ars esan, "chan eil mise ag iarraidh pian dha d' anam, ach do chorp a bhith cho fada an aghaidh do chàirdean ann agus a chùm thu mise."

Fhuair an sagart gu ruige Uibhist agus thàinig an seo am bàs air Dòmhnall Dubh, ann an Canaigh, agus bha e ann an dòrainn uabhasach. Agus bha mòran a' dol a-staigh ga choimhead, agus bha aona mhac banntraich ann de ghille foghainteach, agus chaidh e a-staigh a choimhead Dhòmhnaill Dhuibh. Agus chuala iad an seo fead a-muigh, agus am fear a bha a' sabaid ris a' bhàs anns an leabaidh, rinn e airson èirigh agus a dhol a-mach. Agus theich a h-uile duine bha san rùm a-mach ach mac na banntraich, agus rug mac na banntraich air agus thill e dhan leabaidh e, far an robh e roimhe.

Chuala iad an seo an ath fhead agus leum esan a-mach às an leabaidh gus a dhol a-mach. Rug mac na banntraich air 's chuir e dhan leabaidh e. Sheall iad an seo, 's bha duine mòr na sheasamh an taobh thall dhen taigh, agus chitheadh iad Rùm a-mach eadar a dhà chois leis an àird a bh' ann. Agus dh'fhalbh e agus bha e a' coiseachd air bàrr an uisge a-null gu Rùm. Agus sin agad bìdeag as miosa fairge chun an latha an-diugh, an t-àite a choisich an Donas tarsaing ann.

Ach fhad 's a bha Dòmhnall Dubh beò an dèidh sin, 's ann a' toir taing do Dhia agus do mhac na banntraich a bha e, gun do chùm e a-staigh e. Uill, bhàsaich Dòmhnall Dubh ann an Canaigh, agus thàinig droch shìde, agus thug a chorp seachd seachdainean ann an Canaigh, mun d' fhuair iad air falbh e; 's ann an Togh Mòr a dh'fheumadh e a bhith air a thiodhlacadh còmhla ri càch. 'S ann an Togh Mòr tha Clann 'ic Ailein uile air an tiodhlacadh.

Agus an latha a dh'fhalbh iad leis, cha robh sìon nach deach a milleadh. 'S ann gu ruige Port Pheadair ann am Beinn a' Bhadhla, 's ann a thàinig iad, 's thug iad às a sin e gu ruige Togh Mòr, 's tha e tiodhlaicte ann an sin còmhla ri càch. 'S tha mi a' tuigsinn nach fhaigheadh gin [???] dhiubh. Agus sin agaibh mar a dh'èirich do Dhòmhnall Dubh na Cuthaig.

CM: Tha sin math.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good