'S Mòr Mo Chùram 's Mi ga Stiùireadh
Date November 1963
Track ID 32101
Part 1 Loading...

Track Information

Original Track ID

SA1963.97.A1

Original Tape ID

SA1963.097

Summary

In this sailing song, the composer is on his way to Van Diemen's Land. The voyage is a very stormy one and the ship's sails are damaged. The composer sends greetings to the girl he loves in Islay.

The contributor talks about the relationship of the tune of this song to that of the previous song on this tape, 'O Mo Dhùthaich 's Tu th' air m' Aire'.

Item Notes

Recorded in the School of Scottish Studies. Five quatrains sung. Full choruses are sung at the beginning and end, and after verse 1. A half-line chorus is used elsewhere.

See:
'An t-Òranaiche' (G. Mac na Ceàrdadh) p. 59

Recording Location

County - Midlothian

Parish - Edinburgh

Village/Place - Edinburgh

Item Location

County - Argyllshire

Island - Islay

Language

Gaelic

Genre

Song

Collection

SoSS

Transcription

'S mòr mo chùram 's mi ga stiùireadh
'S e long mhòr nan trì chrann ùr i
'S ged is taitneach leam a cùrsa
B' anns' bhith sùgradh mar rim cheud-ghaol.

Gura mise tha fo mhì-ghean
'S mi seo sa mhuilinn mhinich
Ceann na h-ùine oirnn air crìonadh
'S mi seòladh do Thìr Van Diemen.

'S mòr mo chùram 's mi ga stiùireadh
'S e long mhòr nan trì chrann ùr i
'S ged is taitneach leam a cùrsa
B' anns' bhith sùgradh mar rim cheud-ghaol.

Tha mi 'n-diugh a' dol gad fhàgail
'S air m' fhacal 's cruaidh leam e, Mhàiri
'S mi nach earbadh tu rim bhràthair
Ged 's e mac mo mhàthar fhèin e.
'S mòr mo chùram.

Gura mise tha gu brònach
'S beag mo shunnd ri gabhail òrain
An fhairge domhain 's am muir còmh' rith'
Stroiceadh nan seòl às a chèile.
'S mòr mo chùram.

Shil i, shèid i, dh'fhàs i gailbheach
Bha i falbh cho luath ri earba
Dh'fhalbh an centre-piece na spealgan
Stiùir no ailm cha dèanadh feum dhi.
'S mòr mo chùram.

Ach mas fear a thèid a dh'Ìl' thu
Nì mi litir seo a sgrìobhadh
Dh'ionnsaigh màldaig na sùl mìogach
B' òg a thug mi fhìn mo spèis dhi.

'S mòr mo chùram 's mi ga stiùireadh
'S e long mhòr nan trì chrann ùr i
'S ged is taitneach leam a cùrsa
B' anns' bhith sùgradh mar rim cheud-ghaol.