Search

Fearchar Fiaclach.

Date 1959
Track ID 32735
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1959.43.A2

Original Tape ID

SA1959.043

Summary

Fearchar Fiaclach.

A pregnant woman waited for a very long time, and got bigger and bigger, but there was no sign of her child being born. A beggar came to her house one day, and was told about a local woman. He visited the woman. She was a witch. His visit led to the spell on the pregnant woman being broken, but he barely escaped with his life. The woman's child had teeth when he was born, and became known as Fearchar Fiaclach.

Recording Location

County - Inverness-shire

Parish - South Uist

Island - South Uist

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Calum MacIllEathain: Cò am fear a bha seo, ma-tà?

Aonghas MacIllFhialain: Bha fear ann an seo agus phòs e, agus bha a' bhean aige trom, agus cha robh tuar oirre gun rachadh a h-aiseid. Agus bha i bliadhna agus trì ràithean mar sin. Mu dheireadh cha b' urrainn dhi a dhol dhan leabaidh idir. Cha robh i ach a' fuireach ann an sèithear aig an teine.

Bha dìol-dèirce a' dol mun cuairt de dh'fhireannach, agus... a dh'iarraidh dèirc, agus thàinig e an latha a bh' ann a sheo dhan taigh, agus bha ise na suidhe ann an sèithear aig an teine. Agus dh'iarr ise dèirc a thoir dha, an duine, air a son-se. Dh'fhaighneachd am bodach gu dè a bh' oirre.

"An-tà, tha," ars an duine, "gu leòr oirre," ars esan. "Tha i a' giùlan oirre sin," ars esan, "o chionn suas ri dà bhliadhna a-nist," ars esan.

"Aidh, aidh, nach eil sin uabhasach," ars esan. "Ach an robh sibh suas ri gin sam bith," ars esan, "mun do phòs sibh?" ars esan.

"Tha cailleach shìos an siud," ars esan, "'s bha iad a' fàgail orm gun robh mi suas ris an nighean aice," ars esan.

"Cà bheil i?" ars esan.

Dh'innseadh far an robh taigh aice. Agus:

"Uill," ars a' chailleach, ars an tè a bha bochd, "bheir thu rud dèirc dhan duine," ars ise, "air mo shon-sa."

"Ò cha ghabh mi sìon an-dràsta," ars esan, "gus an till mi," ars esan. "Tha mi a' dol sìos," ars esan, "feuch am faic mi a' chailleach ud," ars esan.

Dh'fhalbh e 's chaidh e sìos a thaigh na caillich 's bha an nighean, bha i na... ag obair air beairt-fhighe 's figheadaireachd, i na banaig. Bha a' chailleach agus i ag obair air cìreadh chlòtha na suidhe aig an teine. Dh'fhaighneachd a' chailleach cò às a thàinig e. Dh'innis am bodach.

"Bheil naidheachd sam bith agaibh?" ars ise.

"An-tà, gu dearbh, chan eil," ars am bodach, "ach naidheachd a fhuair mi," ars esan, "on a thàinig mi dhan bhaile sa fhèin," ars esan, "agus 's e naidheachd uabhasach a th' ann mas e an fhìrinn a th' ann," ars esan.

"Dè an naidheachd a tha sin?" ars a' chailleach.

"An-tà, tha boireannach anns an taigh ud shuas," ars esan, "'s bha iad ag ràdh riumsa," ars esan, "gun robh i a' giùlan," ars esan, "suas o chionn bliadhna gu leth," ars esan, "co-dhiù," ars esan, "'s tha i air a tuisleadh," ars esan, "air leanabh gille," ars esan.

Sheall an nighean air a màthair agus sheall a màthair air an nighinn agus i air a' bheairt.

"Hò," ars an nighean, "'s fhada o thuirt mi riut," ars ise, "nach robh sìon a dh'fheum nad obair," ars ise.

Dh'èirich i 's chuir i a làmh gu h-àrd air bàrr na tobhta 's thug i ceirle dhubh às a sin agus bhuail i ann am mullach an teine i. Rinn a' cheirle urchair 's bha dùil aig a' bhodach gun d' fhalbh an ceann far an taighe. Leum a' chailleach 's an nighean ann an druim a' bhodaich. 'S ann air èiginn a fhuair e a bheatha a thoir leis a-mach air an doras.

Nuair a thill am bodach air ais, bha am pàiste air tighinn chun an t-saoghail 's bha na fiaclan aig a' phàiste. 'S e Fearchar an t-ainm a bh' air 's cha tuirteadh riamh ris ach Fearchar Fiaclach, agus sin mar a fhuair e... 's e am bodach a rinn am feum dha.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good