Search

An t-amadan agus nighean an rìgh.

Date 1959
Track ID 32741
Part 1
Part 2

Track Information

Original Track ID

SA1959.43.B2

Original Tape ID

SA1959.043

Summary

The fool and the king's daughter.

A king promised his daughter in marriage to whoever could make her laugh three times. A widow's half-witted son, Iain, was given a cow by his uncle, and he decided to ride it. He rode the cow facing backwards. The cow bolted through the palace gates and the princess laughed three times as a result of the chaos which the boy caused in the palace gardens. The king thought the boy was a prince who had devised a way to make the girl laugh, and that the couple should wed there and then. However, when they went to bed, Iain was so tired that he slept all night, and it was decided the next day that the marriage should be dissolved. Iain asked for a coach to take him to his mother, so that he could find out what he should do when he went to bed with the princess. He twice went to her for advice, misunderstanding her each time. On the third occasion she sent him to his aunt, who told him what to do. That night, all was well until Iain got up to get a drink of water. His hand stuck in the jug, and he smashed the jug over the head of one of the king's ministers who was sleeping in the room. They did not dare to suggest dissolving the marriage and Iain and the princess stayed together.

Item Notes

Learned from Alasdair Mòr.

Recording Location

County - Inverness-shire

Parish - South Uist

Island - South Uist

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Classification

AT1696

Transcription

Aonghas MacIllFhialain (AM): Mac banntraich a bha seo agus cha robh ann ach amadan, agus bha bràthair-màthar dha, bha e na dhuine fuathasach beairteach, na dheagh thuathanach. Agus thuirt an t-amadan ri mhàthair an latha a bh' ann a sheo i a dhèanamh deise aodaich dha agus gun rachadh e choimhead air bràthair a mhàthar.

Uill, rinn i seo. Dh'fhalbh an t-amadan 's ràinig e bràthar a' mhàthar. Agus ò, rinn am fear sin a bheatha ris ceart gu leòr 's bha iad còmhla, 's an làrna-mhàireach dh'fhalbh na searbhantan dhan chuithe a bhleoghan nam beothaichan, 's chaidh bràthair a mhàthar a-mach 's chaidh esan a-mach còmhla ris chun na cuithe. Agus bha bràthair a mhàthar a' tarraing às agus dh'fhaighneachd e dheth:

"Feuch an cunnt thu a-nist," ars esan, "cò mheud mart ruadh a tha an seo," ars esan, 's e a' tionndadh.

Bha an t-amadan a' coimhead mun cuairt.

"Tha, chan fhaic mise an seo," ars esan, "ach aon tè," ars esan.

"An-tà, chan eil ann ach aon tè cuideachd," ars am bràthair, "agus gheibh thu fhèin i," ars esan, "on a thàinig thu."

"Uill, glè mhath," ars esan.

Rugadh air a' bhoin agus chuireadh ròpa oirre agus dh'fhalbh an t-amadan leatha. Agus, an Dia, bha e a' fàs sgìth, agus thuirt e ris fhèin gum faodadh a' bhò e fhèin a tharraing treis agus 's ann a rachadh e air muin na bà. Dh'fhalbh e air muin na bà agus dè an truaighe a rinn e ach aghaidh a chur air tòn na bà, agus bha a' bhò falbh agus an cuthach oirre.

Bha rìgh ann agus bha nighean aige 's bha i uabhasach brèagha 's bha mòran a' tighinn a dh'iarraidh na h-ighinn, agus chuir e a-mach achd nach fhaigheadh fear sam bith i ach fear a bheireadh gàire oirre trì turais le sunnd agus le toil.

Cha robh fhios aig an amadan bhochd cà robh a' bhò a' dol 's a h-aghaidh air an taobh cheàrr, ach càit an truaighe an tàinig a' bhò mu dheireadh ach rathad pàileas an rìgh, agus thachair dhan gheata a bhith fosgailte agus siud a-staigh a bha a' bhò air fheadh a' ghàrraidh agus air fheadh nam figearan a bh' ann. Agus bha an nighean shuas gu h-àrd ann an rùm agus nuair a chunnaic i am fear a bh' air muin na bà, agus aghaidh air tòin na bà, bhrist an gàire oirre. Agus chuireadh a-mach am pèidse a bh' aig an rìgh, chuir e a-mach... ga cur a-mach às a' ghàrradh 's i an dèidh a h-uile sìon a bh' ann a mhilleadh.

Dh'fhalbh am pèidse a-mach 's bha e a' ruith na bà 's bha e a' faileachdainn air a cur a-mach. Ach bhrist an gàire air an nighinn an seo a-rithist nuair a chunnaic i an damaiste a bha am fear eile a' faighinn a' cur a-mach na bà. Ach fhuair e an seo chun a' gheata i agus nuair a bha e ga cur a-mach air a' gheata, rinn a' bhò a spùt agus bhuail i air a' phèidse agus chuir i dreas eile air dìreach, o mhullach a chinn gu shàilean, agus nuair a chunnaic nighean an rìgh an dreas a chuir i air a' phèidse, bhrist an gàire an treas turas oirre, agus gu dè a smaointich an rìgh ach gur e... gur e prionnsa uabhasach a bh' ann, agus gur e siud am plan a rinn e airson gàireachdaich a thoir air an nighinn. Agus 's ann a chuireadh daoine às a dhèidh agus thugadh far muin na bà e agus 's ann dh'fheumadh e an nighean a phòsadh.

Agus co-dhiù, fhuaradh dithis mhinistearan 's phòs e fhèin 's nighean an rìgh. Chaidh an cur a chadal 's bha Iain bochd air toir fairis, agus chaidil e gus an do dh'èirich a' ghrian an làrna-mhàireach. Ò, nuair a dh'èirich nighean an rìgh an làrna-mhàireach, 's ann a dh'fheumte am pòsadh a chur ma sgaoil; cha robh siud ach amadan. Agus dh'innseadh do dh'Iain nach robh e pòsta na b' fhaide, gum feumadh am pòsadh a bhith air a sgaoileadh, nach dèanadh esan feum do nighean ann.

"Faighte dhòmhsa mo choidse ma-thà," ars Iain, "agus gun rachainn a choimhead air mo mhàthair," ars esan, "agus feumaidh i innse dhòmhsa," ars esan, "dè mar a nì mi mo dhiùtaidh ri nighean an rìgh."

[Stad sa chlàradh an seo.]

Calum MacIllEathain (CM): ...an t-amadan: "Nam Faighte dhòmhsa..."

AM: "Mo choidse agus gun rachainn a choimhead air mo mhàthair."

Fhuair Iain coidse agus dràibhear leis agus ràinig e a mhàthair, agus nuair a ràinig e an taigh cha b' fhiach leis tighinn a-mach às a' choidse ach dh'èigh e dha mhàthair:

"Thig a-mach, a chailleach ghrànda is màthair dhòmhsa," ars Iain, "agus innis dhomh gu dè mar a nì mi mo dhiùtaidh ri nighean an rìgh."

Thàinig a' chailleach a-mach:

"An-tà, 's ann tha an truaighe air duine a thug nighean rìgh no ridire dhutsa, amadain thruaigh. Nach bi thusa ga clapaigeadh 's ga teannadh riut 's a' toir phògan bhuaithe."

"Ò bidh, bidh," ars Iain, "drive away."

Thill Iain leis a' choidse 's an ceann gach mionaid dh'èigheadh e dhan choachman stad.

"Ga clapaigeadh 's ga teannadh riut 's a' toir phògan bhuaithe," ars Iain. "Drive away," ars esan.

Nuair a bha iad an seo aig an suipeir, iad fhèin 's na ministearan, sheagh Iain e fhèin.

"Ga clapaigeadh 's ga teannadh riut 's a' toir phògan bhuaithe," ars Iain.

"Dè rud tha e ag ràdh mar siud?" ars an dala ministear a' tionndadh ris an fhear eile.

"Ò chan eil," ars am fear sin, "ach rud tha a' ruith na cheann fhèin," ars esan.

Nuair a chaidh iad an seo dhan leabaidh, thòisich Iain air a clapaigeadh le dhà làimh 's thòisich e an sin air a pògadh. Mu dheireadh, cha mhòr nach do phronn e nighean an rìgh mun tàinig an latha. Cha robh an truaighe riamh ann gu seo, dh'fheumte am pòsadh a chur mar sgaoil an làrna-mhàireach.

"Uill," ars Iain, "faighte mo choidse dhòmhsa fhathast, feuch an tèid mi a choimhead air mo mhàthair," ars esan, "agus feumaidh i innse dhòmhsa," ars esan, "gu dè mar a nì mi mo dhiùtaidh ri nighean an rìgh," ars esan.

Dh'fhalbh an coachman leis a-rithist agus nuair a ràinig e an taigh dh'èigh e dha mhàthair:

"Thig a-mach, a chailleach ghrànda," ars esan, "agus innis dhòmhsa dòigheil," ars esan, "dè mar a nì mi mo dhiùtaidh ri nighean an rìgh."

"Nach eil fhios agadsa, Iain," ars ise, "an rud a nì an coileach air a' chirc?"

"Ò tha, tha", ars Iain, "a dhol air a muin 's breith air cheirean oirre. Drive away," ars esan.

Dh'fhalbh Iain 's an ceann gach mionaid dh'èigheadh e dhan choachman stad, gu 'n cumadh e cuimhne air an rud a thuirt a mhàthair ris.

"Dhol air a muin 's breith air cheirean oirre. Drive away," ars esan.

Ach an oidhche sa, nuair a chaidh iad a chadal, chuir e nighean an rìgh air a dà ghlùin anns an leabaidh 's chaidh e fhèin 's chuireadh a dhà ghlùin ann an caol an droma aice 's rugadh na fhiaclan air mullach cinn oirre 's theab e an nighean a mharbhadh mun tàinig an latha. Cha robh an truaighe riamh ann gu seo, bha an nighean cha robh sìon ach gun robh i beò anns a' mhadainn 's cha robh feum ach gum feumadh iad am pòsadh a sgaoileadh anns a' mhionaid.

"Ò uill," ars am ministear, "chan eil reusan," ars esan, "a bhith gam fàgail còmhla idir," ars esan. "Cha dèan e ach a murt."

"Ò uill," ars Iain, "cha mhurt mi idir i. Ach faighte dhòmhsa mo choidse aon uair eile," ars esan, "agus mura h-innis i dhòmhsa e," ars esan, "bheir mi an ceann dhith."

Dh'fhalbh Iain leis a' choidse an treas uair, agus nuair a ràinig e a mhàthair:

"Thig a-mach a chailleach ghrànda," ars esan, "agus innis dhòmhsa dòigheil," ars esan, "dè th' agam ri dhèanamh." ars esan.

"Thalla thusa," ars ise, "agus far a bheil piuthar d' athar," ars ise, "agus innsidh i dhut e," ars ise.

Dh'fhalbh Iain agus ràinig e piuthar athar.

"Thig a-mach a phiuthar m' athar," ars esan, "agus innis dhòmhsa," ars esan, "dè mar a nì mi mo dhiùtaidh ri nighean an rìgh."

"Trobhad thusa a-staigh," ars ise, "agus innsidh mise sin dut," ars ise.

Dh'fhalbh Iain a-staigh agus chuir i sin air dòigh e. Agus:

"Thalla a-nist, Iain," ars ise, "agus ma dh'fhaodas tu," ars ise, "bi aig an fhear as motha," ars ise.

"Bidh, bidh," ars Iain.

Dh'fhalbh Iain agus nuair a bha iad an seo aig an suipeir, sheagh Iain:

"Ò ma dh'fhaodas tu," ars Iain, "bi aig an fhear as motha."

"Dè a-nist tha e ag ràdh?" ars an dala ministear, a' tionndadh ris an fhear eile.

"Ò dè math dhut," ars esan, "gèill dhan rud a tha an duine ag ràdh," ars esan. "Chan eil fhios aig an duine dè rud tha e ag ràdh."

Coma leat. Chaidh an seo an cur a chadal 's bha iad ceart gu leòr an oidhche sin. Ach thàinig an seo am pathadh air Iain anns an leabaidh, agus:

"Ah Dhia," ars Iain, "tha mi gus a bhith marbh leis a' phathadh," ars esan.

"Thalla," ars ise, "tha siuga uisge air a' bhòrd ann a shin," ars ise, "ma-thà, 's gheibh thu deoch."

Dh'èirich Iain agus bha an dithis mhinistearan a' cadal anns an aon rùm riutha, mum marbhadh e i, agus bha currac-oidhche geal air fear dhiubh, agus bha Iain 's chuir e a làmh feuch am faigheadh e an siuga uisge, agus gu dè thachair dha ach a làmh a chur ann am broinn an t-siuga agus nuair a dh'fhairich e an t-uisge fuar dhùin e a dhòrn agus cha tigeadh a làmh às an t-siuga.

"Ah Dhia, chan urrainn mise," ars esan, "mo làmh a thoir às an t-siuga," ars esan, Iain.

"Nach brist thu e," ars ise.

Sheall Iain agus chunnaic e an currac-oidhche aig a' mhinistear, 's e ga fhaicinn geal, 's bha dùil aige gur e clach a bh' ann, 's chuireadh fairis an siuga air a' mhinistear anns a' cheann 's rinneadh pìosan dhen t-siuga. Leig am ministear na ràin. Leum Iain dhan leabaidh. An làrna-mhàireach nuair a dh'èirich iad, bha am ministear agus [???] mu cheann agus a cheann air a ghearradh leis an t-siuga.

"Ò," ars am fear eile, 's e a' tionndadh ris, "nach tuirt e siud riut a-raoir?" ars esan. "'S tusa bu mhotha na mise," ars esan. "Nach tuirt e riut," ars esan, "gum biodh e aig an fhear bu mhotha?" ars esan.

Cha robh a chridhe am pòsadh a sgaoileadh tuilleadh aig nighean an rìgh 's bha i fhèin 's an t-amadan ceart gu leòr an dèidh sin.

CM: Tha sin math. Aig Alasdair Mòr a bhiodh i sin cuideachd?

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good