Search

Dithis bhreabadairean ann an Tiriodh, Gilleabart agus Coinneach.

Fieldworkers
Date 1953
Track ID 3321
Part 1
Part 2

Track Information

Original Track ID

SA1953.154

Original Tape ID

SA1953.154

Summary

Two Tiree weavers, Gilleabart and Coinneach Beag, selling their customers' cloth to make money.

Gilleabart and Coinneach Beag are two weavers in Tiree. Instead of returning completed orders for cloth to customers, Coinneach Beag persuades Gilleabart to go with him to the mainland to sell the cloth. They do this and get a lot of money. On their way back Coinneach Beag, the clever one, decides he wants all the money for himself and involves Gilleabart, who is very big and strong, in attempting three dangerous tasks. Tasks are completed successfully and each time they are given more money. They then return home and pay customers for the cloth they had taken away, with plenty money left over.

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Classification

AT1640

Transcription

Somhairle Thorburn: Bha uair ann agus bha dithis bhreabadairean ann an Tiridhe. Chan eil fhios a'm dè an sloinneadh a bh' aca ach 's e Gilleabart a bh' air fear dhiubh agus 's e Coinneach a bh' air fear eile. Agus bha Gilleabart, 's e duine mòr, mòr a bh' ann, agus bha Coinneach, 's e duine beag a bh' ann. Agus 's e Gilleabart 's Coinneach Beag a bh' aca orra.

Agus bha mòran snàtha a' tighinn a-staigh gan ionnsaigh airson plaideachan agus clò a dhèanamh o dhaoine a bha mun cuairt daibh agus iad a' faighinn pàigheadh air a shon. Ach ged a bha Gilleabart na dhuine mòr, bha barrachd mòr a ghibhtean aig Coinneach Beag air, agus 's ann a chaidh e far an robh Gilleabart agus dh'fhaighneachd e dheth an robh e a' faighinn meall snàtha a-staigh, meall obrach ri dhèanamh.

"Tha," thuirt e, "barrachd agus as urrainn mi a dhèanamh."

"Tha sin... thachair an nì ceunda dhòmhsa," arsa Coinneach Beag, "ach a bheil fhios agad gu dè nì sinn? Cha chreid mi nach tòisich sinn air fighe an t-snàtha a tha sin a dh'oidhche 's a latha gus am faigh sinn meall mòr dheth fhighe, agus falbhaidh sinn leis agus thèid sinn gu tìr-mòr leis, agus creicidh sinn e agus gheibh sinn airgead math air, agus canaidh sinn ris na daoine a bha a' cur an t-snàtha gar n-ionnsaigh gun do dh'ith laomainn e 's rudan dhen t-seòrsa sin, agus nach robh dòigh againn air feum a dhèanamh dheth; gum b' fheudar dhuinn a shadadh a-mach."

"Tha mise glè dheònach," arsa Gilleabart.

Agus 's ann mar sin mar a bha. Dh'obraich iad air na beartan-fighe gus an robh iad... a' chuid bu mhotha dhen an t-snàth aca air fhighe, 's bha mòran clò 's plaideachan aca, agus dh'fhalbh iad 's fhuair iad air falbh leis air dòigh air choreiginich. 'S ràinig iad tìr-mòr, 's fhuair iad a chreic, 's rinn iad airgead math air cuideachd. Ach thuirt Coinneach ri Gilleabart:

"Cumaidh mi fhìn an t-airgead," ars esan, "gus an ruig sinn dachaigh agus roinnidh sinn an uair sin e agus bidh leth an duine againn dheth."

"Ò glè cheart," arsa Gilleabart ris.

Ach bha iad a' falbh agus thàinig iad air àite ann a shin far an robh drochaid ga cur air abhainn agus i letheach suas, 's bha pìosan dhith air a leagail sìos mar gun do rachadh a leagail an dèidh a cur suas, agus dh'fheòraich Coinneach Beag do dhaoine a bha mun cuairt gu dè thachair dhi.

"Tha an t-uachdaran a th' air an àite a tha seo," ars esan, "tha e a' cur na drochaid seo suas 's tha i dà bhliadhna a' dol mar seo 's cha d' fhuair e crìochnachadh riamh," thuirt e, "le daoine a bha a' tighinn le eich agus losgannan," - tha feadhainn, 's e càrn-slaod a their iad ris an losgainn - "agus bha iad ga cur às a chèile 's ga toir air falbh, agus bhiodh seirbheisich an uachdarain a' tighinn agus a' caithris mu chuairt feuch an d' rachadh aca air am bacail ach 's ann a rachadh iad dhachaigh chun an uachdarain 's iad air am milleadh; cha robh duine anns an àite idir a b' urrainn sealltainn air an triùir robairean a bha a' tighinn a thoirt air falbh... a chur às a chèile na drochaid.

Agus bha Coinneach airson faighinn cuidhteas Gilleabart agus gum biodh an t-airgead uile aige fhèin, 's smaoinich e gun d' rachadh e gu taigh an uachdarain. Agus chaidh e ann, agus thug e air Gilleabart fuireach bìdeag air falbh, agus thuirt e... chaidh e fhèin agus ring e glag, no ghnog e anns an doras. Thàinig duine far an robh e agus thuirt e gun robh e airson an duine, an t-uachdaran, fhaicinn.

Chaidh a thoirt chun an uachdarain agus dh'innis e gun robh duine còmhla ris ann a shiud.

"Agus tha e," ars esan, "'s e duine fiadhaich a th' ann," ars esan, "agus tha e airson rudeiginich fhaotainn ri dhèanamh ann a sheo," ars esan, "nach do rinn duine eile riamh roimhe, agus ma chuireas sibh sìon," ars esan, "fa chomhair a dhèanamh a bhios soirbh a dhèanamh, chan eil fhios gu dè dh'fhaodas e a dhèanamh," ars esan. "Tha e fiadhaich."

"Ò uill," ars esan, "'s fhad o bha mise a' coimhead airson duine dhen t-seòrsa sin," ars an t-uachdaran.

"Tha mise a' trogail drochaid," ars esan, "agus tha mi an dèidh airgead mòr a chosg rithe agus meall fiodh," ars esan, "agus tha triùir robairean - tha iad ag innse dhòmhsa gur e triùir a th' ann co-dhiù," thuirt e, "a' tighinn le eich agus le losgannan agus ga toir air falbh air an oidhche, 's chuir mi na daoine agam fhìn a-mach," ars esan, "feuch am bacadh iad iad, ach 's ann a bha iad a' tighinn dachaigh air am milleadh," ars esan, "feadhainn dhiubh nach robh comasach air sìon... car obrach a dhèanamh airson greis."

"Ò uill," sin agad a cheart rud a tha dhìth airsan," ars esan, arsa Coinneach ris.

Dh'innis e do Ghilleabart mar a bha aca ri dhèanamh. Ò, chlisg Gilleabart. Ach bha e fo smachd aig Coinneach ged a bha Coinneach a' feuchainn ri toirt air feadhainn eile a chreidsinn nach robh.

"Thèid sinn ann gun teagamh," ars esan, "agus gheibh sinn grèim orra."

Dh'fhalbh iad an oidhche a bha sin agus bha an oidhche fuar, agus bha seann chraobh a thuit a bha fada na sìneadh, agus bha i air tolladh na broinn, agus bha gillean a' tilgeadh chlachan a-staigh innte agus rinn iad an toll na bu mhotha. Sheall Coinneach a-staigh innte agus thòisich e air tilgeadh a-mach nan clachan agus bha rùm aige fhèin 's aig Gilleabart a rachadh a-staigh innte - dhan a' chraoibh, dhan fhasgadh.

Cha robh iad fada a-staigh nuair a thàinig an triùir, 's thòisich iad air toirt às a chèile na drochaid, 's chuir iad am fiodh air na losgannan, ach 's ann a thuirt fear dhiubh nuair a bha iad a' falbh:

"Tha an losgann agam fhìn ann a sheo," ars esan, "glè aotram air a toiseach," thuirt e. "Cha chreid mi nach b' fheàirrde mi cuideam a chur air a toiseach."

"Ma-thà," ars am fear a bha ri thaobh, "nach seall thu seann phìos craoibhe a tha sin, nach càirich thu air a toiseach e 's cuiridh e cuideam oirre."

"Trobhad 's thoir dhomh làmh ga dhèanamh ma-thà," thuirt e.

'S throg iad a' chraobh.

"È," thuirt fear aca, "nach cianail an cuideam a bha sa phìos craoibhe ud."

"Nach e cuideam a bha thu ag iarraidh air an losgainn," ars am fear eile ris. "Tha e agad a-nis."

Dh'fhalbh iad leis na h-eich.

Cha robh iad glè fhad air falbh nuair a thòisich Coinneach air bùrach 's fhuair e pìos de thè dhe na clachan a bha e air tilgeadh a-staigh dhan a' chraoibh roimhe agus thilg e i agus bhuail e air an fhear a bha sa mheadhan dhiubh i ann an cùl a chinn. Thionndaidh am fear sin ris an fhear a bha às a dhèidh.

"'S dè," ars esan, "a thug ort a' chlach ud fheuchainn ormsa?"

"Cha do dh'fheuch mise clach ort."

"Dh'fheuch thusa clach orm 's na dean a-rithist e," thuirt e.

"Cha do dh'fheuch."

Ach ò, chiùinich e sìos aig a sin 's dh'fhalbh iad a-rithist. Cha robh iad fada air falbh nuair a throg Coinneach clach eile 's thilg e i 's dh'fheuch e a-rithist air i.

'S thionndaidh e gu fiadhaich ris an fhear a bha às a dhèidh.

"Gu dè," ars esan, "a tha thu a' minigeadh, an obair a th' ort mar sin?"

"Ò," ars am fear a bh' air an toiseach, "cha bhithinn," ars esan, "chan èistinn dà fhacal dhen obair sin," ars esan. "Bheirinn-sa," ars esan, "leasan math dha nach dèanadh e a leithid a-rithist nan dèanadh e orm e."

'S ann a thuirt Coinneach ri Gilleabart fo anail:

"Tha mi a' dol a dh'fheuchainn tè air an fhear ud."

"Ò chan fheuch," arsa Gilleabart.

"Tà feuchaidh," arsa Coinneach, 's throg e a' chlach.

Thilg e i 's bhuaileadh... rinn e cuimis mhath 's bhuail e air anns a' cheann i, 's thionndaidh am fear sin air an fhear a bha às a dhèidh 's thòisich an triùir air sabaid ann a shin. Mu dheireadh thug iad fairis, 's bha iad nan sìneadh 's cha robh lùths annta a dhèanadh nithean.

"Ò," arsa fear dhiubh ris an dithis eile, "nach sinn a bha gòrach," ars esan, "tòiseachadh air a chèile ann a sheo. An duine 's meite do sheirbhisich an uachdarain," ars esan, "nan tigeadh e an-dràsta rachadh aige," ars esan, "air ar cur fo chasan."

"'S fìor sin," arsa Coinneach Beag, 's e a' leum a-mach às a' chraoibh 's thug e air... às a' chraoibh far an robh e 's thug e air Gilleabart leum a-mach còmhla ris.

Na ròpan a bh' aig na robairean a' ceangal an fhiodh air an losgannan, gheàrr e dhiubh i 's cheangail e an triùir aca fhèin, 's thilg e am fiodh dhe na losgannan 's chàirich e a h-uile fear dhe na daoine air an losgainn a bha e fhèin a' treòrachadh leis an each.

Thill iad leotha. Bha e fhèin ann an ceann an fhir a bh' air an deireadh agus chuir e Gilleabart ann an ceann an eich a bh' air an toiseach, agus bha am fear a bha sa mheadhan a' falbh eatorra. Mus do dh'èirich duine anns an taigh mhòr aig an uachdaran, chuir Coinneach air an cois iad, agus an triùir a bha a' goid na drochaid aige air na losgannan aca fhèin an dèidh an toir ga ionnsaigh.

Dh'èirich an t-uachdaran 's thug e taing dhaibh, 's thug e an deagh dhuais dhaibh airson an obair a rinn iad.

"Chan fhalbh sibh an-dràsta," ars esan. "Fuirichidh sibh còmhla riumsa greis fhathast."

Ach dh'fhuirich iad ann a shin, 's bha iad seachdain eile ann agus 's ann a thuirt Coinneach Beag ri Gilleabart:

"Èirich 's thoir do thrì leumannan asad," ars esan.

Agus 's e an rud a bha sin a' minigeadh, dh'fheumadh e seasamh air aghaidh na leapa agus leum air an lobhtaidh a-mach, 's bha an duine cho trom agus bha e a' cur an taigh air chrith uile.

Agus bha an t-eagal aig a h-uile duine a bha a-staigh ro Ghilleabart gun tionndadh e orra, 's cha dèanadh iad ach a dhol a smèideadh air Coinneach nuair a chluinneadh iad fuaim sam bith. Ach ruith cuideiginich suas. Dh'fhaighneachd e dè bha ceàrr.

"Tha," ars esan, "an duine sa a' ràitinn," ars esan, "gu bheil e ann a sheo a-nis," ars esan, "còrr 's seachdain 's nach d' fhuair e nì a dhèanamh," ars esan, "ach triùir bhalachanan beaga a bha a' dèanamh cron air an oighreachd a cheangal 's a chur fo chìs, ach tha e airson rudeiginich nas duilghe na sin ri dhèanamh fhaighinn."

Chaidh seo innse dhan uachdaran.

"Uill," ars an t-uachdaran, "chan eil fhios agamsa," ars esan, "ach tha gleann na leithid seo a dh'àite," ars esan, "agus chan eil duine tha a' dol troimhe, tron a' ghleann," ars esan, "às dèidh dhan oidhche dorchachadh nach eil air a robaigeadh," ars esan. "Biast de robair a tha sa ghleann," ars e fhèin, "agus tha e a' marbhadh mòran dhiubh, feadhainn sam bith a chuireas na aghaidh, nach lìbhrig an cuid airgid, tha e fhèin a' marbhadh an fheadhainn sin," ars esan, "ach ma bheir iad an airgead dha gun dragh sam bith tha feadhainn aca a' faighinn às. 'S tha e a' fuireach ann an uamhaidh a-muigh ann a shin," ars esan, "agus cha leig an t-eagal le duine dhol an rathad a tha e."

"Ah uill, tha mise a' smaoineachadh," arsa Coinneach, "nach bi e fad ann."

Cha robh ach dh'fhalbh e 's dh'innis e do Ghilleabart seo. Ò, chlisg cridhe Ghilleabart. Cha robh e airson guth a chluinntinn air.

Nuair a bhiodh Coinneach, nuair nach biodh duine gam faicinn, bheireadh e cic do Ghilleabart cho luath agus a dhèanadh e an còrr.

"Feumaidh tu falbh," ars esan.

Co-dhiù, dh'fhalbh iad. Agus thuirt Coinneach ris an uachdaran:

"Cuiridh tu," ars esan, "feadhainn dhe na seirbheisich agad fhèin agus feadhainn a tha math le gunna," ars esan, "còmhla rinn," ars esan, "airson, tha mi a' creidsinn," ars esan, "beiridh esan air 's tha mi a' creidsinn," ars esan, "chan eil fhios a'm am marbhadh e idir e nan tigeadh iad gu còrdadh," ars esan, "ach feumaidh sinn a bhith cinnteach gun tèid a mharbhadh."

Ràinig iad a' bheinn far an robh am fuamhaire a' fuireach, 's an robair, 's bha iad a' falbh, ach bhuail an t-eagal Gilleabart, 's theich e cho luath 's a bheireadh a chasan leis e, 's ghabh e mu chuairt dhan a' bheinn a bha seo.

Ach gu dè ach a thàinig e, gun fhios aige gu dè rathad a bha e a' dol glè mhath, thàinig e gu beul na h-uamha far an robh an robair a' fuireach. Dh'fhairich an robair rud a-muigh 's thàinig e a-mach. Bha Gilleabart na sheasamh ann a shin.

"'S gu dè chuir an seo thu?" thuirt e.

"Ò," ars esan, "teich a-staigh," arsa Gilleabart ris an robair, "cho luath 's a rinn thu riamh. Nach seall thu," ars esan, "na seirbheisich aig an uachdaran ann a sheo a' tighinn ga do mharbhadh."

"Cia dhomh do làmh, fhir bhig," ars esan, "gu bheil sin fìor," 's e a' sìneadh a làimh do Ghilleabart.

Faodar a bhith cinnteach gun robh am fuamhaire mòr nuair as e fear beag a bh' aige air Gilleabart. Thug Gilleabart dha a làmh 's choisich e a-mach pìos o bheul na h-uamha feuch am faiceadh e sealladh air na daoine a bha a' tighinn.

"Seall sibh e," arsa Coinneach Beag, "an dèidh a thoirt a-mach air làimh. Feuchadh fear sgiobalta agaibh fèin le gunna nise feuch am marbh e e."

Loisg e air 's thuit am fuamhaire, 's ma thuit am fuamhaire 's e thuit Gilleabart:

"A ghiall," arsa Coinneach Beag, "fuirichibh air ais. Nì e cron an-dràsta," ars esan, "airson nach do leig sibh leis fhèin cead air an duine," ars esan, "an rud a thogradh e fhèin a dhèanamh ris."

"Ach teichibh," ars esan, "às an t-sealladh 's thèid mi fhìn suas 's feuchaidh mi ri chiallachadh."

Ghabh e suas 's bha am fuamhaire air a mharbhadh ceart gu leòr, ach cha robh aon mharc air Gilleabart. Agus thug e aona chic do Ghilleabart.

"Èirich," ars esan, "a thrustair an sin. Dè chuir na do shìneadh ann a shin le eagal thu," ars esan.

Ach bha... tha e coltach gun robh airgead gu leòr aig an fhuamhaire anns an uamhaidh a bha sin. Bu le Coinneach Beag 's le Gilleabart sin còmhla ris a' chòrr. Chaidh iad air ais 's chaidh innse mar a rinn Gilleabart, mar a fhuair e grèim air an fhuamhaire a bha a' robaigeadh a h-uile duine a rachadh tron a' ghleann.

Chaidh an cumail seachdain eile ann a shin. Ach thuirt Coinneach ris èirigh a-rithist 's a thrì leumannan a thoirt às. Cha robh seo a' còrdadh ri Gilleabart ach dh'fheumadh e a dhèanamh - bha an t-eagal aige ro Choinneach.

Chaidh cuideiginich as ìseal far an robh Coinneach 's smèid e air 's dh'fhaighneachd e dè bha ceàrr. 'S thuirt Coinneach gun robh e air fàs fiadhaich a-rithist, nach robh sìon a fhuair e ri dhèanamh ach triùir bhalachan a bha a' dèanamh cron agus balachan eile a bh' ann an gleann a bha iad a' ràitinn a bha a' robaigeadh a mharbhadh, ach gum feumadh e rud fhaighinn na bu duilghe na sin ri dhèanamh mus fhàgadh e an t-àite.

"Uill," ars an t-uachdaran ris, "tha a leithid seo a dh'àite," ars esan, "agus tha muc fhiadhaich ann, agus chan eil duine a tha a' dol tron àite," ars esan, "an-còmhnaidh ma bhios an oidhche idir ann," ars esan, "nach eil i a' marbhadh. 'S nan d' rachadh e agus gum marbhadh e i."

"Ò gu dearbha nì e sin, ma-thà," arsa Coinneach.

Dh'fhalbh iad, 's chaidh e fhèin air an dala taobh, Coinneach, agus chuir e Gilleabart gu taobh eile.

"Seall a-nist," ars esan, "thèid mise air an taobh sa dhen an àite," ars esan, "dhen a' ghleann a tha seo agus," ars esan, "nì mi èigh. Agus bheir sin a-mach a' mhuc," ars esan, "agus nì i ormsa, nì i air an èigh," thuirt e, "agus nuair a shaoileas tusa a bhios i faisg orm, nì thu fhèin èigh air an taobh eile," ars esan, "agus tillidh i air ais far am bi thusa. 'S nuair a shaoileas mise a bhios i... nuair a bhios i a' tighinn faisg ortsa, nì mise èigh a-rithist 's cumaidh sinn air ais 's air adhart mar sin fad na h-oidhche i," ars esan, "gus an sàraich sinn i, agus cha bhi duilgheadas sam bith againn a marbhadh."

Ach chaidh Coinneach gu thaobh fhèin agus chaidh Gilleabart gu thaobh fhèin dhen an àite agus rinn Coinneach èigh, 's ma rinn dh'fhairicheadh am fuaim a bh' aig a' bhèist a' tighinn a-mach tro na preasan, 's rinn i air far an d' fhairich i an èigheach. 'S rinn Gilleabart èigh air an taobh eile nuair a bha i a' tighinn faisg air Coinneach. Thill i air ais, cho luath 's a b' urrainn i. Ach cha do rinn Coinneach aona n-èigh. Leig e leatha a dhol air adhart gu Gilleabart. Agus nuair a chunnaic Gilleabart i a' tighinn tuilleadh 's faisg air, dh'fhalbh e agus chaidh e gu ruige mullach na craoibhe. 'S nuair a ràinig a' bhiast bonn na craoibhe, bha i a' coimhead suas 's bha Gilleabart, bha e air chrith shuas, ach mu dheireadh thuit e leis an uabhas a bh' air agus chaidh e casa-gobhlagan air druim na muice 's rinn e grèim bàis air dhà chluais oirre - thachair gur ann mar sin a thuit e. 'S thòisich a' mhuc air ruith, 's nuair a chunnaic Coinneach Beag a' mhuc a' ruith, dh'fhalbh e agus leig e e fhèin far am faiceadh i e, 's rinn i air Coinneach Beag 's bha fhios aig Coinneach gu math nach beireadh i air agus cuideam Ghilleabart air a muin 's grèim aig Gilleabart air chluasan oirre. Rinn e air taigh an uachdarain.

[Stad sa chlàradh an seo.]

Mar a bha sinn a' ràitinn, rinn e air taigh an uachdarain. Agus bha seirbheisich an uachdarain 's an t-uachdaran fhèin a' coimhead feuch am faiceadh iad Coinneach agus Gilleabart a' tighinn tràth sa mhadainn. Ach chunnaic iad duine a' tighinn agus cabhag mhòr air, na ruith cho luath 's a ghiùlaineadh a chasan e. 'S chunnaic iad am marcaiche bu neònaiche a chunnaic iad riamh a' tighinn às a dhèidh. Ach ràinig Coinneach an taigh mus do ràinig am marcaiche e.

"Siud agaibh a-nist," ars esan, "a' mhuc fhiadhaich a bha a' dèanamh a' chall oirbh," ars esan. "Seall sibh e an dèidh a trèanadh 's e ga raighdadh dhachaigh ann a sheo. Feuch a bheil gille sgiobalta nar measg fhèin a-nise," ars esan, "a leagas le urchair i - a chuireas peilear innte."

'S bha è glè choma ged a mhiosadh iad a' mhuc 's ged a mharbhadh iad Gilleabart feuch am biodh a h-uile rud a bh' ann aige fhèin, ach thàinig fear a-mach le gunna, 's co-dhiù chuir e an clàr an aodainn aig a' mhuic am peilear 's thuit a' mhuc, 's ma thuit, thuit Gilleabart còmhla rithe.

"Teichibh," ars esan. "Rinn mise," ars esan, "iomrall a dhol a dh'iarraidh oirbh losgadh oirre. Tha mi a' creidsinn gun robh e airson dibhearsain a thoirt duibh mu chuairt ann a sheo ga marbhadh," ars esan, "nach teicheadh a h-uile duine agaibh," ars esan, "'s thèid mi fhìn feuch am faigh mi a chur air dòigh a-rithist."

Ghabh e sìos 's bha h-uile duine às an t-sealladh, agus 's e an dòigh a chuir e air Gilleabart airson a dhùsgadh às an neul anns an deach e, cic mhath a thoirt da 's:

"A shlaodaire mhosaich, èirich," ars esan. "Dè chuir ann a shin na do shìneadh thu?"

Ach dh'èirich Gilleabart 's fhuair e gu anail a-rithist agus:

"Gu dearbh," ars esan, "cha chuir thu mise ann an cunnart eile [???]."

Agus bha Coinneach glè choma ged a chuireadh e ann an cunnart sam bith an uair sin e. Bha gu leòr aca air a chosnadh, agus fhuair iad mòran taing on uachdaran agus chùm e seachdain eile dhiubh mus do rinn iad... mus do chuir iad an aghaidh air Tiridhe. Agus chaidh iad dachaigh agus sporain gu math làn aca, agus phàigh iad an snàtha 's an t-aodach a thug iad o na daoine còir eile mus do dh'fhalbh iad, 's bha gu leòr aca fhèin air a chùl.

Agus 's e cho sgiobalta 's a bha Coinneach Beag a rinn uile-gu-lèir e - cha robh rud mòr an Gilleabart [???] idir.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good