Search

Prògram Choinnich

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 23.07.2001

Summary

Three former students describe what they learned from having summer jobs.

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Stornoway

Island - Lewis

Village/Place - Stornoway

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Coinneach MacÌomhair (CM): Tha mi a' creidse gur e glè bheag a tha an-diugh ann an àrd-dhreuchd air feadh an rìoghachd nach do rinn obair samhraidh ann an làithean-saora sgoile, làithean-saora oilthigh, no colaiste. Mar as trice, tha na h-obraichean sin nan obraichean ràitheil co-cheangailte ri turasachd, taighean-bìdh, bùithtean agus eile. Tha cuid a tha fortanach agus gheibh iad obair aig a bheil buntanas ris na cuspairean foghlaim anns a bheil ùidh aca, ach a' mhòr-chuid, chan fhaigh. Nì iad rudeigin a bheir a-steach beagan sgillinnean a chuidicheas iad, agus sin e. Ach mas e, an fhiach a bhith ris na h-obraichean samhraidh seo? A bheil buannachd fàbharach sam bith annta? Tha feadhainn còmhla rium aig a bheil cuimhne mhath air na bhiodh iad ris a thaobh cosnadh aig àm na làithean-saora. Dòmhnall Iain MacAonghais an toiseach, Àrd-oifigeach Scotland Europa. Dè na h-obraichean a bhiodh tu ris aig àm làithean-saora sgoile?

Dòmhnall Iain MacAonghais (DM): Geamaireachd 's a' watch-adh Leòdhasaich nach biodh iad a' poidseadh ann an Ceann Loch Rèasort.

CM: Seadh.

DM: Ach cha b' e Leòdhasaich [?bu mhiosa] ach na Hearaich.

CM: Tha e follaiseach nach deach dhut.

DM: Cha deach dhomh ro mhath idir. Cha deach.

CM: Cha do chùm iad na do gheamair idir thu?

DM: Cha do chùm idir. Fhuair iad cuidhteas mi aig deireadh an t-seusain. Cha do ghlac mi gu leòr poidsearan.

CM: An do chòrd e riut?

DM: Chòrd e rium uabhasach math. Chòrd. Chan eil fhios a'm... chan eil fhios a'm dè na fhuair mi às a thaobh m' obair. Gun teagamh, mar a tha thu ag ràdh, cha d' fhuair càil, ach a thaobh a bhith ag ionnsachadh mu dheidhinn daoine 's mu dheidhinn làimhseachadh eathraichean 's a bhith a' coiseachd air a' mhòintich, 's a bhith ag obrachadh a-muigh fad an t-samhraidh, bha sin math dha-rìribh. Agus fear dhe na rudan a chanainn-sa ri duine sam bith a tha a' dol a lorg obair airson an t-samhraidh, 's e obraich a-muigh às an taigh. Na deigheadh a dh'oifis idir. Theirig a-mach a dhèanamh rudeigin, a-muigh air an dùthaich am badeigin.

CM: Ach aon rud a dh'ionnsaich e dhut, tha mi a' creidse, bha còir aige co-dhiù, gum feumadh tu èirigh aig àm sònraichte.

DM: Ò bha, dh'ionnsaich e [???] agus bha sinn fhèin an-àirde feadh na h-oidhche - 's e bu mhiosa dhuinn. Air na h-oidhcheannan a bhiodh na poidsearan a' tighinn a-mach, agus obair oidhche a bha còir a bhith ann co-dhiù. Chan e gun toir sinn a' bheag dhen a sin gun teagamh.

CM: Magaidh Choineagan còmhla rium, air ceann Radio Alba. A Mhagaidh, dè na h-obraichean a bh' agadsa?

Magaidh Choineagan (MC): Uill cha robh mi fad o dhùthaich Dhòmhnaill nuair a thòisich mi an toiseach. Bha mi ag obair an Abhainn Suidhe. Tha mi cinnteach gu... nighe dhrathaisean 's stocainnean [???] na h-uaislean.

DM: Cha robh gin de na drathaisean agamsa salach.

MC: Chan e. Cha robh gnothach agam...

CM: Ò, 's e feadhainn nan uaislean a bh' ann, thuirt i.

DM: Ò, an e.

MC: Sin a' chiad obair a bh' agam, agus chan eil fhios a'm dè a dh'ionnsaich sin dhomh, ach...

CM: Ò, anns an dol seachad, a Mhagaidh, dè seòrsa a bh' annta?

MC: Ò, feadhainn mhòra fhada. Long johns a bu mhotha a bh' orra.

CM: Ò aidh, aidh. Seadh, seadh. Lean ort.

MC: Bha mi an uair sin ag obair anns a' Hebrides airson dà bhliadhna, agus dh'ionnsaich sin tòrr dhomh.

CM: Ò uill, tha cuimhn' agam air... tha cuimhn' agam air a sin.

MC: Dh'ionnsaich sin tòrr dhomh, tha mi a' smaoineachadh.

CM: Chan eil fhios a'm am b' fheàirrde stamag an luchd-siubhail e.

MC: Dè... cha chuala mi ceart thu, a Choinnich. Chan eil am fòn a tha seo uabhasach math.

CM: Tha e a cheart cho math aig amannan, 's dòcha. Chan eil fhios agam am b' fheàirrde stamag an luchd-siubhail e, tha mi ag ràdh.

MC: Ò, cha do rinn e càil air stamagan an luchd-siubhail. 'S e an rud a b' èibhinne mu dheidhinn, bhiodh iad a' tighinn a-staigh mus fhalbhadh sinn às Ùig 's a' dol a dh'ithe tòrr bìdh, 's beagan suala mus ruigeadh tu Loch nam Madadh, chuir mi... bhithinn a' cur seachad fad na h-oidhche sin a' glanadh na taighean-beaga às an dèidh, 's gu dearbh cha robh sin tlachdmhor.

CM: Dh'ionnsaich thu tòrr biology, a-rèiste. Mairead NicLeòid còmhla rium. A Mhairead, dè an ob-... dè na h-obraichean a bha thusa ris?

Maireadh NicLeòid (MN): Ò uill, chaidh mise suas gun Eilean Sgitheanach, agus bha mi ann am Fawlty Towers ann a shin.

CM: Seadh.

MN: Ann am Viewfield còmhla ri Colonel Jock MacDonald agus a' chailleach aige, 's bha e dìreach èibhinn. Math dha-rìribh. Chòrd e rium uabhasach math.

CM: Dè a-nise a bhiodh tu a' dèanamh?

MN: Och, bha mise, bha mi... bha mi man a bha Magaidh, a' dèanamh glanadh, agus a' dèanamh deiseil na seòmraichean-cadail, 's ag èirigh an-àirde aig seachd uairean airson deasachadh bracaist 's rudan mar sin. Agus air an oidhche bhiodh sinn a' dèanamh cèilidhean dha na paying guests - 's e a bh' aige air na daoine a bhiodh a' tighinn a-steach, paying guests. Agus...

CM: Pain guests, an tuirt thu?

MN: Paying guests. Cha b' e B and B idir. Bha sinn ro uasal.

CM: Bha dùil agamsa gun robh thu a' ciallachadh ach P A Y N... P A I N.

MN: Agus bhiodh sinn a' dèanamh cèilidh beag dha na daoine sin an sin, 's bhiodh esan a' cluich a' phìob bheag, 's mise a' seinn 's a' dannsa. Bha e math dha-rìribh. Chòrd e rium uabhasach math.

CM: 'S e an t-eadar-dhealachadh, nach e, ge-tà, ann a bhith a' dèanamh obair mar sin, ri bhith a' fàs suas ann an taigh, an turas seo, 's tusa a dh'fheumadh a bhith an-àirde anns a' mhadainn. 'S tusa... agus cha robh duine a' dol a chantainn riut, 'A Mhairead, dùisg, dùisg.'

MN: Tha sin ceart. Bha e math dhòmhsa cuideachd. Agus rud eile, bha e math airson faighinn a-mach mu dheidhinn gnothaich airgead 's rudan mar sin. Sàbhaladh, a bheil fhios agad. Cha robh mise a' faighinn ach dìreach deich notaichean anns an t-seachdain, ach bha thu a' faighinn gratuities aig deireadh an rud cuideachd, 's bha thu a' faighinn tips. Agus an rud a... cha robh mi... bha mi a' faighinn mo bhiadh an-asgaidh, agus àite-fuirich an-asgaidh.

Agus rud... feumaidh mi cantainn ribh sgeulachd bheag. A' chiad deich notaichean a fhuair mi, chuir mi seachad còig, agus chuir mi còig eile ann an cèis gu mo... gu Donaidh, mo bhràthair, a bha a' sàbhaladh airson motorbike, agus chuir mi dha... thug mi dha deich... còig notaichean air a shon.

CM: An tug e dhut a-riamh air ais i?

MN: Cha tug.

CM: Dè... dè... uill, an ann... an ann airson... an ann airson airgead a bha thusa ga dhèanamh, a Dhòmhnaill Iain?

DM: Tha mi a' creidsinn... uill, 's ann, pàirt dheth, ach cuideachd bha e...

CM: An robh thu ga shàbhaladh?

DM: Uill, cha do shàbh-... uill, bha, dh'fheumainn a shàbhaladh. Cha robh a' bheag air an cosgadh tu ann an Ceann Loch Rèasort e. Cha robh ann ach dà thaigh, agus cha robh ach aona thaigh anns an robh duine sam bith ann. An t-àite as... an t-àite a b' fhaisg air, 's e Morsgail, tha mi a' smaoineachadh, a' dol seachad air a' mhòinteach Leòdhais. Agus cha robh e furasta a chosg mar sin, ach cha robh sinn fada ga chosg nuair a chaidh sinn sìos a Ghlaschu air ais.

CM: Uill, gu dearbha. Ach 's ann airson... 's ann airson sin a bha daoine an uair sin, 's ann airson sin a tha daoine òga ga dhèanamh an-diugh. Chan ann airson gu bheil iad ag iarraidh a dhol a-mach a dh'obair, ach tha feum aca air an airgead.

DM: Uill, tha mi a' creidsinn gur... 's e sin pàirt dhen rud, gun teagamh, ach 's e cuideachd, tha e tlachdmhor a bhith ga dhèanamh, nach eil?

CM: A bheil?

MC: Dh'aontaichinn-sa le Dòmhnall. Tha e... uill, nuair a smaoineachas mise air a bhith ag obair anns a' Hebrides, far an robh sinn ag obair uabhasach cruaidh, uaireannan o sheachd uairean sa mhadainn gu deich uairean as t-oidhche, ach bha tòrr... bha sinn ag obair cruaidh, ach bha tòrr spòrs againn. Agus cuideachd, tha mi a' smaoineachadh, nuair a tha thu aig ìre oileanach, no mu sheachd, ochd bliadhn' deug, tha e uabhasach math a bhith ag obair am measg inbhich a tha eòlach agus nach eil eagal sam bith orra do char a thoirt asad no beagan spòrs a dhèanamh agus rudan mar sin, 's tha mi a' smaoineachadh gu bheil e ag ionnsachadh tòrr dhut mu dheidhinn coimhead às do dhèidh fhèin.

DM: Cha robh criutha... cha robh criutha a' Hebrides a' dèanamh sin ort, a Mhagaidh, an robh?

MC: Ag obair orm, mar a chanadh iad ris.

DM: Seadh. Cha robh... chan eil mi a' creidsinn facal dheth.

MC: A' tarraing asad gun sgur. Bhiodh iad an-còmhnaidh a' tarraing asad.

CM: Uill, tha cuimhn' agam sin mi fhìn a bhith ag obair aon samhradh. 'S ann ann a... ann an àite far an robh iad a' dèanamh blocaichean a bh' ann, 's bha latha a bha seo bha sinn... 's ann ag obair air cement a bha sinn, agus bha mise ann an sin 's bha mi a' cantainn rium fhìn, 'Tha mise ann an seo a' falbh leis a' bhara sa 's chan eil am bodach seo, chan eil e a' dèanamh aon char.' An turas a bha seo, ghabh e grèim air, air a' bhara, 's a-mach à seo leis, 's bha mi a' cantainn rium fhìn, 'Dè tha ceàrr an seo.' Bha mise ann an sin dìreach airson dà mhionaid le mo dhà làmh ann an sin gun càil agam agus cò thàinig ach am fear a bh' air ceann a h-uile càil a bh' ann. Thuirt e rium:

"Carson nach eil thu a' dèanamh beagan obair?"

Uill, bha mi... mar a bha thu ag ràdh, a Mhagaidh, dh'ionnsaich mi rudeigin gu math luath. Agus 's dòcha gu bheil e math airson sin fhèin. An dùil a bheil, a Mhairead?

MN: Uill tha mise a' smaoineachadh gu bheil. Tha mi le Magaidh ann a shin. Bha... tha cuimhn' a'm air an latha a bha mi ag obair... uill, bha dà mhìos no mar sin 's bha mi ag obair a h-uile h-oidhche, fhios agad, anmoch, agus man a bha... man a bha sinn cuideachd a' dol gu dannsan às dèidh ar obair, ceart gu leòr...

MC: Ò chan eil mi a' creidsinn sin, a Mhairead.

MN: Bha, 's an uair sin a' dol air ais 's ag èirigh aig seachd uairean a-rithist. Ach an rud a bha... bha mise ag obair, bha mi a' smaoineachadh gun robh mi ag obair gu math cruaidh airson a' bhoireannach a bha seo, 's aon oidhche thuirt i rudeigin ceàrr mu dheidhinn nach do nigh mi rudeigin ceart - soitheach no rudeigin. Uill, bheil fhios agad air a seo, chuir mi an soitheach dhan an t-sinc 's bhrist mi an soitheach. 'S thuirt mi rithe gun robh mi ag obair gu math cruaidh agus trang, 's gun robh... gun robh a h-uile duine a bha ag obair còmhla rithe ag obair trang cuideachd, agus nach b' urrainn... carson a bha ise, a bheil fhios agad, tha dìreach... bha ise dìreach air tighinn a-steach airson còig mionaidean a h-uile dà oidhche no mar sin, agus chaidh mi a-mach oirre, 's choisich mi a-mach.

CM: Ist.

MN: Choisich. Agus an uair sin, an ath... uair a thìde às dèidh sin, thàinig i a-steach agus thuirt i rium gun robh i ceàrr, an rud a rinn i dhomh. "Agus," ars ise, "sin agad airgead," ars ise, "'s thèid sìos gu... gu na muiltean ann an... anns a' bhaile 's faigh thu fhèin pìos tartan airson faighinn deise dhut."

DM: B' e Fawlty Towers a bha sin co-dhiù, ma fhuair thu an obair air ais.

CM: Uill, fhuair i an obair air ais, agus fhuair i a-mach, a bheil fhios agad, nan gabhadh i, mar a thuirt i fhèin, huff na bu tràithe, no cuideigin sin rium - cò agaibh a thuirt sin? Chan eil fhios agam. Co-dhiù, chan eil e gu diofar. Nan gabhadh tu huff gum faigheadh tu... gum faigheadh tu do thoil fhèin. An do dh'obraich siud dhutsa, a Mhagaidh?

MC: Ò, cha do ghabh mise huff riamh, a Choinnich. Ach cha robh mi dona air seasamh air mo shon fhèin.

CM: Tha e follaiseach gun do dh'ionnsaich thu mar a dh'innseadh tu sgeulachdan bhreugach bhon a' Hebrides a-rèiste.

Mar sin dheth, dè tha sibh ag ràdh?

MC: Uill chanainn-sa, tha e cudromach do dh'òigridh sam bith obair a dhèanamh. Tha e math dhaibh. Tha iad a' faighinn tuigse air an t-saoghal, agus tha e cuideachd, tha mi a' smaoineachadh, rud, 's dòcha mar a tha an saoghal ag atharrachadh nach eil òigridh cho math an-diugh air a bhith am measg coimhearsnachd, agus nuair a tha iad am measg dhaoine de dhiofar aoisean, agus daoine a tha gu math eadar-dhealaichte bhuapa fhèin, tha mi a' smaoineachadh, tha e ag ionnsachadh tòrr dhaibh mu dheidhinn an t-saoghail, a bharrachd air gum feum iad èirigh tràth, air bith cuin a chaidh iad dhan leabaidh.

DM: Agus nuair a thig iad... nuair a thig iad a dh'obair cuideachd as t-samhradh mar sin, tha còir aca dìreach gabhail... gabhail pàirt anns an obair agus gun a bhith ro fhoirmeil. Tha mise a' faicinn daoine a' tighinn a-steach a dh'obair ann a sheo an-dràsta airson an t-samhraidh, 's tha iad a' tighinn a-steach le deisichean 's taidhichean orra 's lèintean geala mar gum biodh iad a' dol gu tiodhlacadh no banais no rudeigin.

CM: Chuala... chuala iad gun robh iad a' tighinn a dh'obair dhutsa, 's e a th' ann.

DM: Feumaidh gun cuala. Cha bhithinn fada... cha bhithinn fada gan cur an dàrna taobh mu dheidhinn sin. Tha iad ro fhoirmeil. Daoine òga ro fhoirmeil an-diugh, tha mi a' smaoineachadh.

CM: Mar sin, fàgaibh na taidh... fàgaibh na taidhichean aig an taigh, tha sibh ag ràdh riutha. Dìreach, còrdadh e ribh, chan eil e agaibh ach fad an t-samhraidh, cha leig sibh a leas a dhol ann, ach faodaidh sibh a dhol air ais mar 's dòcha cuid dhen an fheadhainn òga a dh'aithnicheas mise, bidh iad a' dol air ais dhan an aon àite bliadhna às dèidh bliadhna. Gu mì-fhortanach, do thòrr aca, chan eil an cothrom aca a bh' agamsa - 's e sin, mana robh obair eile agam, theirig 's dèan clò, agus gheibh thu sgillinn no dhà.

DM: A' mix-adh cement 's a' mix-adh clò.

CM: Sin agad e. Mo thaing dhan an triùir agaibh gu dearbha airson a bhith a' cuimhneachadh air ais air làithean ur n-òige. Dòmhnall Iain MacAonghais, Magaidh Choineagan agus Mairead NicLeòid.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good