Rannsaich

Dòmhnall agus Na Trì Snaidhmeannan

Ceann-latha 07 April 1951
Àireamh a’ chlàir 34339
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

CW0149A.748

Àireamh an Teip Thùsail

CW0149A

Geàrr-chunntas

Sgeulachd mun Bharrach nach b' urrainn seòladh dhachaigh air sgàth droch thìde, agus mar a fhuair e dhachaigh mu dheireadh.

Bhiodh iasgairean uaireigin a' dol a Ghlaschu airson an t-iasg a reic. Leis an airgead, cheannaicheadh iad min, teatha, siùcar, cainb, dubhain, is eile. Uair dhe na h-uairean, dh'fhalbh Dòmhnall, agus leig e le cailleach a' bhò aice a bhith ag ionaltradh air an fhearann aige. Nuair a bha e a' tilleadh dhachaigh, thàinig stoirm mhòr bhon iar-thuath orra faisg air Colla. B' fheudar dhaibh an oidhche a chur seachad an sin. Thachair an aon rud an ath latha, agus airson mìosan an dèidh sin. Dh'fhidrich tè air choreigin gu robh buirsneachd sa chùis, is thug i snàithlean le trì snaoidhmeannan dha Dòmhnall. Fhuair e dhachaigh mu dheireadh thall, le bhith a' fuasgladh nan snaoidhmeannan.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Barraigh

Eilean - Barraigh

Baile/Àite - Am Bàgh a Tuath

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Earra-Ghaidheal

Paraiste - Cola

Eilean - Cola

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

Canna

Cruth Inneal a' Chlàir

Wire

Càileachd an Fhuaime

Math