Search

Bochanan agus an Cìobair.

Date July 1953
Track ID 34388
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1953.117.A12

Original Tape ID

SA1953.117B

Summary

Buchanan and the Shepherd.

Buchanan had a bet with an Englishman that there was a shepherd in the Highlands who could speak as many languages as him. He then went to herd sheep for three day and came back to meet the challenge. He won by speaking Gaelic, which the Englishman could not understand.

Item Subject/Person

Bochanan, Seòras

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Eairdsidh Camshron: Uill bha Bochanan an sin 's an Sasannach latha 's iad a' còmhdach mu dheidhinn chànain 's gnothaichean. Thuirt Bochanan ris an t-Sasannach gum faigheadh e cìobair anns a' Ghàidhealtachd a bhruidhneadh tuillidh cànain na bh' aige. Chuir an Sasannach geall ris.

Agus chaidh sin latha a chur a-mach air a shon, 's dh'fhalbh Bochanan 's chaidh e fhèin a chìobaireachd airson trì latha, 's chuir e air deise Ghàidhealach 's cromag aige, 's thug e trì latha a' cìobaireachd. 'S chaidh e an sin far an robh an Sasannach 's far an robh an tairgse air a chur suas. Bhruidhinn an Sasannach ri Bochanan 's fhreagair Bochanan e - a h-uile cànain a dh'fheuchadh e. 'S bha Bochanan ga fhreagairt a h-uile gearradh gus an tàinig an sin an gnothach gu deireadh, gun robh an Sasannach deas, bhruidhinn Bochanan sa Ghàidhlig 's cha b' urrainn an Sasannach a dhèanamh a-mach dè bha e ag ràitinn, 's rinn e an gnothach air an t-Sasannach.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good