Mar a thug mac buidealair an car às uachdaran a chuir air fa...
Fieldworkers
Date July 1953
Track ID 3498
Part 1 Loading...

Track Information

Original Track ID

SA1953.158.1

Original Tape ID

SA1953.158

Summary

How a butler's son tricked the landowner who banished him for theft.

A butler to a Highland landowner had his son taken into service. Valuables began to go missing and the son was held responsible. The landowner made the butler send him away and so he took him to Glasgow, where a thief offered to teach him. For his first lesson, he was taken to a watchmaker. The master stole a watch, but the boy managed to steal a boxful.

He was later trapped in a cellar of a house his band was robbing when the owners woke. He put on an old cow hide he found and pretended to be the Devil, and they gave him the keys to get out. He kept the hide on and when he found the rest of the robbers, he frightened them into giving him all the loot.

He then went home to his father with it. The landowner said he would kill him unless he could steal the sheet from under himself and his wife. The boy propped a dead body by the landowner's bedroom window and the landowner, thinking it was a thief, shot him and got up to bury the body. When he had gone, the boy entered. He pretended to be the landowner and asked the wife for the sheet to carry the body.

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Classification

AT1525;

Transcription

Somhairle Thorburn: Bho chionn mòran tìde air ais bha uachdaran anns a' Ghàidhealtachd - chan urrainn mi innse dhuibh gu dè an t-àite an robh e - ach bha am butlar a bh' aige, bha e aige poille mòr, agus 's e duine gasta onarach a bh' ann agus bha e a' còrdadh ri a mhaighstir glè mhath.

Ach bha mac aig a' bhutlar agus nuair a thàinig esan gu aois suas gu 'n dèanadh e feum a' frithealadh anns an taigh mhòr, chaidh e fhèin a thoirt a-staigh ann.

Cha robh e uabhasach fada ann nuair a chaidh mòran de dh'obair òir 's airgid air chall agus cha robh fios cà robh iad. Ach rinneadh a-mach gura h-e an gille òg a dh'fhalbh leotha 's gun do ghoid e iad. Agus bhruidhinn an t-uachdaran ri athair agus thuirt e ris gum feumadh e an gille a chur air falbh, air neo mura cuireadh e air falbh e gum feumadh iad falbh le chèile, agus gum feumadh an teaghlach uile falbh, 's gum feumadh e fear ùr fhaighinn na àite.

Ò dheònaich athair an gille a chur air falbh agus 's ann a dh'fhalbh e leis airson a chur gu ciùird an àiteiginich. Agus ràinig e Baile Ghlaschu leis, agus an oidhche a ràinig e thàinig fear a bhruidhinn riutha air an t-sràid le chèile. Dh'aithnich e gur e coigrich a bh' annta nach biodh e a' faicinn. 'S thàinig iad ann an seanchas agus dh'fhaighneachd e dheth gu dè an gnothach a bh' aige dhan a' bhaile.

"Thàinig mi leis a' ghille sa," ars esan, "feuch am faighinn a chur far an ionnsaicheadh e
ciùird."

"Ah uill ma-thà," ars an duine, "ionnsaichidh mise ciùird da."

"Dè a' chiùird a dh'ionnsaicheas tu dha?" thuirt athair ris.

"Tha robaigeadh," ars esan.

"Uill gu dearbha chan eil mi a' smaoineachadh," ars athair, "gum bi sin glè dhoirbh dhut, oir 's e a leithid sin a chuir ann an seo e."

'S dh'innis e dhan duine mar a rinn e.

"Ò sin mar as fìor fheàrr e," ars esan.

Ach lìbhrig athair an gille dhan robair. Agus dh'fhalbh e leis agus bha àite neònach aig na robairean anns an robh iad a' fuireach - cha robh am fear sa na aonar idir ann; bha treud aca ann.

Ach nuair a fhuair an gille fo anail 's ann a thug fear dhiubh a-mach oidhche e airson sealltainn da mar a dh'obraicheadh e gnothaichean 's gun dèanadh e a shùilean anns a' bhaile. Dh'fhalbh e gu bùth mhòr watchmaker ann a shin. Agus chaidh iad a-staigh le chèile 's thuirt e ris an duine taobh thall a chunntair gun robh e a' ceannach uaireadair; gun tàinig e airson uaireadair a cheannach. Agus rinn e leth-char innse an seòrsa a bha a dhìth air. 'S e uaireadair òir a bha a dhìth air. Chuir an duine a-nall bogsa air a bheulaibh anns an robh uaireadairean 's sheall e orra 's:

"Ò bheil seòrsa eile agad?" ars esan.

"Ò tha," ars an duine.

"Ò seall dhomh tuilleadh dhiubh," thuirt e.

Nuair a thionndaidh an duine a chùlaibh bha esan a' coimhead air na h-uaireadairean 's 's ann a chuir e tè dhiubh sìos na mhuilichinn. Agus thàinig an duine a-nall leis a' bhogsa eile 's sheall e annta.

"Ò," ars esan, "cha dèan gin dhiubh sin, chan eil iad freagarrach orm," thuirt e.

"Ò mura h-eil," ars an duine, "chan eil cothrom air."

Ach dh'fhalbh e, agus dh'fhuirich an gille òg agus nuair a dh'fhalbh an robair 's an t-uaireadair aige 's ann a thuirt e ris an fhear a bha air cùl a' chunntair thall:

"Am faca tu," ars esan, "an obair a rinn an duine ud?"

"Gu dè rinn e?" ars an duine ris.

"A ghiall," ars esan, "chuir e tè dhe na h-uaireadairean agad na mhuilichinn 's dh'fhalbh e leatha."

Chunntais an duine na h-uaireadairean 's nach ann a bha uaireadair a dhìth air ceart gu leòr 's ruith e a-mach airson poileasman - às dèidh an duine ach cha robh an duine ri fhaicinn. 'S nuair a fhuair an gille òg air falbh e chuir e an ceann ann am fear dhe na bogsaichean agus chuir e fo sheacaid e 's dh'fhalbh e fhèin agus ghabh e rathad eile. Cha b' e an rathad a bha e a' smaoineachadh a ghabh am fear a chaidh às dèidh an robair a ghabh e.

Ach ràinig e an t-àite an robh iad a' fuireach, na robairean, agus chaidh e a-staigh.

"Ah ghiall," ars an robair ris, "am faca tu nise cho sgiobalta agus a dh'obraich mi siud? Bheil thu a' smaoineachadh gun d' rachadh agad fhèin air a leithid a dhèanamh?"

"Ah, bha e glè mhath," ars an gille òg, "ach cha chreid mi nach do rinn mise a cheart cho math riut."

'S thug e am bogsa a-mach fo achlais 's chuir e air a' bhòrd e 's e làn uaireadairean.

Ach bha sin mar sin. 'S ann ann an ceann oidhche no dhà a dh'fhalbh iad a-rithist 's chaidh iad a-mach air an dùthaich airson taigh anns an robh beairteas ann an sin a robaigeadh. Agus fhuair iad a-staigh gun duine gam faireachadh. Bha iad a' falbh agus bha seilear anns an taigh agus 's ann a chuir iad an gille òg sìos air ròpa dhan seilear a bha sin agus... feuch am faigheadh e ionmhas ann. Ach cha robh e fada shìos nuair a dh'fhairich muinntir an taighe rudeiginich 's dh'èirich iad agus theich na robairean 's fhuair iad an casan leotha gun bhreith orra.

Cha robh fios aig an fhear òg gu dè a dhèanadh e. Cha robh a choltas air gun robh duine shuas a bheireadh suas air an ròpa e, no ròpa fhèin ri fhaicinn na bu mhotha. Ach tha e coltach gun robh rudeiginich aige. Las e maidse no rudeiginich agus sheall e. Chunnaic e ann an còrnair anns an t-seilear seiche damh no mart a bh' air a feannadh agus na h-adhaircean 's a h-uile rud a bh' ann oirre 's na casan. Agus chan fhacaidh e rud a b' fheàrr na suaineadh mun cuairt da fhèin. Agus rug e air tè de chasan a' bheothaich anns gach làimh, 's thoisich e air bualadh 's air slaiseadh a h-uile sìon a bha mun cuairt da 's rinn e noise 's fuaim a bha uabhasach. Ach tha e coltach gun tàinig cuideiginich os a chionn 's dh'èigh iad ris:

"Cò tha siud?"

"Tha mise," ars esan.

"Cò thusa?"

"Tha," ars esan, 's e ag ainmeachadh an fhir bu mhiosa air ainm, "'s mise e," ars esan, "agus mura toir sibh dhòmhsa iuchraichean an taighe agus gum faigh mi a-mach à seo," ars esan, "bheir mi mi fhìn 's sibh fhèin 's an taigh leam air m' adhaircean."

Sheall an duine sìos. Tha e coltach gun robh solas air choreigin aige 's chunnaic e a' chùis-uabhais a b' uabhasaiche chunnaic e riamh shìos ann a shin, 's cha robh ach iuchraichean a thilgeadh ga ionnsaigh 's thòisich e air fosgladh dhorsan gus an d' fhuair e a-mach.

Nuair a fhuair e a-mach tha mi a' creidsinn gun do thilg e na h-iuchraichean an dala taobh ach lean e ris an t-seichidh ­ thug e leis i. Ràinig e a' chùil anns an robh na robairean a' falach agus dè an obair a bh' aca - bha iad an dèidh mòran dhen an ionmhas a fhuair iad a chreic agus gu dè an obair a bh' aca ach a' dol roimhid-a-chèile mu chuairt da roinn. Agus chuir e a cheann a-staigh sna h-adhaircean air toll air choreiginich agus thug e sgleogan leis na casan air àiteiginich agus dh'èigh e riutha gu math àrd:

"Fàgaibh agam fhìn e," ars esan, "'s fhada bha sibh ag obrachadh dhomh 's ga chosnadh."

Ach dh'fhalbh a h-uile fear. Am fear nach beireadh air a bhogha bheireadh air a chlaidheamh. Chaidh iad an [?neimeach] 's an iar, 's mus priobadh e a shùil cha robh duine beò aige air an làraich 's bha an t-airgead air fhàgail ann a shiud na thorran. Ghabh e a-staigh, 's chruinnich e h-uile h-aona sgillinn ruadh dheth agus thug e leis e. 'S dh'fhalbh e agus rinn e air taigh athar an uair sin. Ràinig e dhachaigh.

"Ò a mhilltear thruaigh," ars athair, "gu dè chuir dhachaigh an seo thu? Caillidh mise m' àite," ars esan, "agus bidh againn ri falbh uile-gu-leir."

Ach co-dhiù thàinig e gu cluais an uachdarain gun tàinig e air neo chunnaic e fhèin e - chan eil fhios agamsa cò aca - agus chuir e fios air athair.

"Nach do shaoil leam," ars esan, "gun do chuireadh do mhac air falbh," ars esan, "gu ciùird."

"Ò rinn mi sin," ars esan. "Ach cha robh e fad air falbh nuair a thill e."

"Uill cha b' urrainn e ciùird ionnsachadh," thuirt e, "anns an tìde a bha e air falbh."

"Ah uill tha mi a' smaoineachadh gun do dh'ionnsaich e glè mhath i," ars athair. "Tha a choltas air gun do rinn e glè mhath o bha e air falbh."

"'S gu dè a' chiùird a bh' ann?"

"Bha robaigeadh," thuirt e.

"Ah uill ma dh'ionnsaich e a' chiùird cho math sin," ars esan, "theirig dhachaigh agus can ris," ars esan, "gum bi peilear agamsa tro cheann a-màireach," ars esan, "mura goid e leis an siota a bhios fodhamsa agus fon a' bhean nar cadal anns an leabaidh a-nochd."

"Ah uill," thuirt athair ris, "ceart cho math dhut a dhol agus a dhèanamh an-dràsta," ars esan, "oir chan eil sin na chomas a dhèanamh. Is cinnteach nach bi e na chomas a dhèanamh."

"Ò cha dèan mi an-dràsta e," ars esan, "gus am failich e siud air. Ach ma dh'fhailicheas e air," thuirt e, "nì mi e."

Nuair a chaidh athair dhachaigh, dh'innis e dhan a' ghille e 's cha do ghabh an gille sìon air. Ach dh'fhalbh e agus nuair a thàinig an oidhche, bha corp anns a' chladh a chaidh a thiodhlacadh latha no dhà ron an sin. Agus dh'fhalbh e 's throg e e, agus fhuair e aodach leis fhèin agus chòmhdaich e an corp suas leis, 's chuir e air a ghualainn e 's dh'fhalbh e gu taigh an uachdarain mu... feadh na h-oidhche nuair a bha h-uile neach air gabhail mu thàmh. Fhuair e fàradh 's chuir e ri uinneag an rùim... an t-seòmair-chadail aig an uachdaran 's aig a bhean e. Agus nuair a chuir e ris an uinneig e bha ròpa aige 's cheangail e air a' chorp gu h-ìseal e 's chaidh e suas anns an fhàradh 's bha e a' slaodadh a' chuirp leis. 'S fhuair e an uinneag aig seòmar-cadail an uachdarain a throgail. Agus chuir e a-staigh... chuir e an ceann aige ris an uinneig.

"Tha e seo air tighinn," thuirt an t-uachdaran, "ach ma tha e air tighinn chan fhalbh e mar a thàinig e."

Bha gunna aige ri thaobh anns an leabaidh agus bha esan a bha a-muigh a' cur a-staigh ceann a' chorp, ga chur bìdeag 's bìdeag. Ach nuair a fhuair an t-uachdaran a leth gu math a-staigh air an uinneig loisg e urchair. 'S ma loisg, thilg am fear a bha a-muigh - thug e putag dhan a' chorp a-staigh 's rinn e glag aig bonn na h-uinneig air an làr. Agus leum an t-uachdaran a-mach às an leabaidh.

"Feumaidh mi," ars esan, "a dhol 's a chur às an t-sealladh an àiteigin," ars esan, "'s cha ghabh sinn oirnn gun tàinig e riamh. Ged a bhiodh... ge brith gu dè their... a their daoine cha ghabh sinn oirnn na chluinn sinne... cha ghabh sinn oirnn gum faca sinn riamh e 's cha bhi ceasnachadh mòr mu dheidhinn," thuirt e.

'S ann mar seo a bha. Dh'èirich e agus dh'fhalbh e leis a' chorp. Agus tha e coltach gun tug e... nuair a fhuair am fear a bha... an gille òg a bha a-muigh, nuair a fhuair e an t-uachdaran air falbh leis a' chorp ga ghiùlan, dh'fhalbh e fhèin na ruith a-staigh 's bha fhios aige an rathad a ghabhadh e gu math leis an eòlas a bh' aige anns an taigh an toiseach. 'S ràinig e seòmar-cadail an uachdarain 's na mnatha agus:

"Ah," ars esan, "tha a' bhiast ud uabhasach trom," ars esan, "ri ghiùlan," ars esan. "Chan eil fhios a'm dè gheibh mi anns an cuir mi e. Cia dhomh," ars esan, "an siota a tha seo air an leabaidh," ars esan, "agus cuiridh mi ann e 's falbhaidh mi leis."

Fhuair e an siota 's dh'fhalbh e, 's bha dùil aig a' bhean gur e an duine ceart gu leòr a bh' ann, ach cha robh i fada nuair a thàinig e agus bha i ag iarraidh siota eile a chuireadh i air an leabaidh. Bha leisg oirre muinntir an taighe a chur air an cois, luchd-frithealaidh, agus a-rithist cha robh i airson gum faighte a-mach gu dè a thachair, 's ann a bha i ag iarraidh rud a chuireadh i air an leabaidh.

"A ghiall," thuirt an duine aice, an t-uachdaran rithe, "dè chuir air do chois an-dràsta thu?"

"Nach eil mi ag iarraidh siota a chuireas mi air an leabaidh," ars ise. "Nach tug thu fhèin leat an siota," ars ise, "a' dol a thiodhlacadh an duine a bha siud a mharbh thu a' tighinn a-staigh air an uinneig."

Thuig an t-uachdaran an uair sin gun robh an gille òg tuilleadh 's a chòir air a shon agus gum b' fheàrr dha fuireach sàmhach. Bha athair anns an t-seirbheis agus chan eil fhios agamsa gu dè an taobh a chaidh an gille òg fhathast. Cha chuala mi an còrr mu dheidhinn.