Catriona nam Bòcan
Date April 1951
Track ID 35128
Part 1 Loading...

Track Information

Original Track ID

CW0163C.884

Original Tape ID

CW0163C

Summary

There was an old woman called Catriona, Nighean Eachainn, who frequently predicted the future. Many people came to her for advice on issues such as: who he/she was going to marry; what would happen to them; where such and such an item that had been lost was to be found; etc. Her predictions were made by taking note of the first thing she saw outside in the morning. She had seven chests, full of food that people had given her. Fr. Allan would often visit her. One time, when another old woman by the name of Harriet was visiting her, an old man with a long beard came in after her. She closed her eyes, and he disappeared. Harriet took fright, and never went near Catriona again.

Item Subject/Person

Catriona, Nighean Eachainn

Recording Location

County - Inverness-shire

Parish - Small Isles

Island - Canna

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - South Uist

Island - South Uist

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

Canna

Transcription

Peigi NicRath (PN): ...Nighean Eachainn, agus bha i uabhasach gu sealltainn a-mach 's gu dèanamh frìth, agus bha i a' dèanamh frìth agus bha i cianail math gus daoine a chomhairleachadh, ged a bha i fhèin anns an dòigh anns an robh i, bha i cianail math gus daoine a chomhairleachadh. 'S cha bu toigh leatha duine a bhith na thàmh. Dh'obraicheadh i e, 's dh'iarradh i air siud a dhèanamh 's dh'iarradh i air seo a dhèanamh. Agus bha Mgr Ailean an seo latha a' dol a-null agus... a dh'Èirisgeigh, 's dh'fhaighneachd e dhi – bha mo mhàthair a' frithealadh dhi – 's dh'fhaighneachd e dham mhàthair: "Dè mar a bha an t-seana-bhean an-diugh?"

"Ò chan eil i," arsa mo mhàthair, "ach mar as àbhaist dhi."

"'S dè," ars esan, "an tug sibh dhi sìon an-diugh?"

"Ò cha tug mise sìon dhi," ars ise. "Thug mi dhi bracaist mar a b' àbhaist dhi," ars ise, "'s ghabh i e."

Agus chaidh e a-staigh far an robh i, 's dh'fhaighneachd e dhi dè mar a bha i. Ò, cha robh ise ach meadhanach, 's cha robh i ach meadhanach, 's cha robh i ach truagh. Agus:

"An do ghabh thu sìon an-diugh, a Chatrìona?"

"Ò an dòlas, an dòlas 's an dòlas sìon a ghabh ise an-diugh ach deoch a dh'uisge fuar a thug am boireannach sin dhi."

"Ò uill," ars esan, "ma fhuair thu deoch a dh'uisge fuar," ars esan, "cumaidh sin fhèin riut," ars esan, "gus am faigh thu do dhinnear."

Cha do rinn Mgr Ailean an còrr rithe, 's dh'fhalbh e an latha sin agus dh'fhàg e i. Agus bha i seo... Dh'fhàs i cho bochd agus nach robh rathad air a bhith ag attendadh dhi. Bha mo mhàthair ag attendadh dhi a h-uile latha a b' urrainn dhi, agus bha lathaichean nach b' urrainn dhi a dhol idir thuice. Thuirt a mac rithe an seo gum feumadh i falbh còmh' ris a-null a dh'Èirisgeigh, 's nach robh i ri bhith ann a shiud leatha fhèin, 's dh'fheumadh i falbh.

"Cha tèid mise," ars ise, "a dh'Èirisgeigh," ars ise, "gu bràth còmh' riut," ars ise, "gus am bi fhios a'm," ars ise, "nach bi mi agad ach seachdain, agus thèid mi," ars ise, "a-null an uair sin. 'S cha tig thu gam iarraidh," ars ise, "tuilleadh," ars ise, "gus an iarr mi ort."

'S ann mar seo a bha. Cha tàinig Dòmhnall Bàn ga h-iarraidh tuilleadh gus an do dh'iarr i air a dhol a-null, 's thàinig e latha a bha seo.

"Tha mi," ars ise, "a-nist a' dol a-null còmh' riut an-diugh, agus thèid thu dhan bhùthaidh," ars esan [sic], "agus bheir thu às a' bhùthaidh," ars esan... ars ise, "na nì an gnothach dhomh," ars ise, "gu cionn na seachdain, 's cha toir thu aiste ach sin, agus thèid mi a-null còmhla riut," ars ise, "nuair a thilleas tu."

"Bheil an sgoth agad a-bhos?"

"Tha."

"Uill, thig mi a-null còmhla riut."

'S chaidh i a-null còmhla ris nuair a thill e. Thug i na cearcan 's a h-uile sìon a bh' aice, dh'fhàg i aig mo mhàthair. Bha bogsa a-staigh aice, bogsa mòr de chistidh a-staigh aice, 's bha seachd cisteachan ann am broinn na tè sin, 's bha h-uile tè riamh dhiubh glaiste dhe na seachd, agus thug i air a mac a' chiste fhosgladh, agus thug iad a h-uile ciste riamh às a' chiste sin, 's bha iuchair aig a h-uile ciste, a h-uile tè riamh glaiste, 's bha iuchair aig a h-uile tè, 's thug e dhi na h-iuchraichean. Dh'fhosgail iad na cisteachan. Agus:

"Nist," ars ise, "bheir sibh às... às na cisteachan a h-uile sìon a th' annta, 's bheir thu leat na cisteachan," ars ise, "a-null, agus ma tha biadh annta," ars ise, "bheir sibh asta e. Nì thusa," ars ise, "a Mhòir, feum dhiubh." Seo mo mhàthair. "Feum dheth, ma ghabhas feum a dhèanamh dheth."

Nuair a dh'fhosgail iad na bogsaichean a bha sineach, bha a h-uile sìon a bh' ann a shineach na chop, air a dhol a dholaidh, eadar tì 's siùcar 's min, 's ìm 's càise 's a h-uile seòrsa a bha i a' faighinn o na boireannaich a bhiodh a' tighinn a choimhead oirre. Bhiodh leithid a dhaoine a' tighinn a choimhead oirre, 's de bhoireannaich ag iarraidh oirre coimhead a-mach air an son, 's a' faighneachd gu dè mar a bha a' dol a dh'èirigh dhaibh no rud sam bith, 's bha iad a' toirt thuice biadh 's a h-uile sìon a dh'fheumadh i.

Agus dh'fhalbh i a dh'Èirisgeigh air an triop a bha seo, ach co-dhiù mun do dh'fhalbh i bha m' athair ag iarraidh, caora... rùda a bha dhìth air, agus cha robh e ga fhaighinn, 's cha robh e ga fhaighinn, 's bha e a' falbh ga iarraidh a h-uile latha, 's cha robh e a' faighinn an rùda. Thuirt mo mhàthair ris latha a bha seo:

"Nach tu," ars ise, "tha gòrach, nach eil thu a' dol sìos," ars ise, "far a bheil Nighean Eachainn. Tha a h-uile duine a' tighinn far am bi i," ars ise, "airson rud a bhios a dhìth orra, no rud a bhios iad airson fhaighinn. 'S nach fhalbh thusa sìos far a bheil i?"

"Cha toigh leam idir," ars esan. "Chan eil mi a' creidsinn anns an rud sin."

"Ò mura bheil," arsa mo mhàthair, "nach bi thu a' falbh, 's nach bi thu ag iarraidh an rùda, 's ma dh'fhaodte nach faigh thu an rùda gu bràth."

Co-dhiù, an làrna-mhàireach, bha e a' falbh dhan bheinn agus bhuail e anns an inntinn aige gun rachadh e sìos an rathad a bha Catrìona. Agus thuirt i ris:

"An d' fhuair thu an rùda, Anndra?"

"Cha d' fhuair," ars esan, "mise an rùda fhathast."

"'S càit a bheil thu ga iarraidh?"

"Tha mi ga iarraidh an siud 's an seo," ars esan, "air fheadh a' mhonaidh. Chan eil mi a' fàgail, tha mi a' smaointinn, grèim dhen mhonadh nach do shiubhail mi a-nis."

"An do ghabh thu riamh," ars ise, "a-mach an Gearradh Beag?"

"Cha do ghabh," ars esan, "mise a-mach an Gearradh Beag, cha chreid mi, tha mi a' smaointinn co-dhiù," ars esan, "nach deachaidh mi... nach do ruith mi e gu a cheann."

"Ò, leigeadh thusa" ars ise, "a-mach an Gearradh Beag an-diugh," ars ise, "ma tha thu a' dol a-mach, agus feuch gu dè a choinnicheas tu, no gu dè a gheibh thu. Dh'fhaodte gum faigheadh tu e," ars ise, "a bheò no mharbh."

Dh'fhalbh e latha a bha seo, 's ghabh e a-mach, 's dhìrich e suas gu 'n do ràinig e an Gearradh Beag, 's chùm e air a' Ghearradh Bheag fad an t-siubhail a-mach, 's choinnich an rùda a' tighinn e. Bha e na sheasamh ann a shin air an rathad 's e a' cnàmh a chìre gu dòigheil 's e a' tighinn dhachaigh leis fhèin. Fhuair m' athair an rùda air an [?route] a bha sin air sàillibh Nighean Eachainn. 'S chreid e ann an Nighean Eachainn tuilleadh às a dhèidh sin, a h-uile rud a chanadh i 's a dhèanadh i.

Agus bha a h-uile duine a' tighinn thuice mar sin airson rudan a bhiodh a dhìth orra, agus rudan a bhiodh iad airson fhaighinn. Feadhainn a bhiodh airson dol a phòsadh, cò an tè a gheibheadh iad gus a bhith aca, no dè mar a bha iad a' dol a dh'fhaighinn ron t-saoghal. Bha i ag innse dhaibh a h-uile sìon.

Ach oidhche bha seo, thàinig cailleach a dh'iarraidh clòimh, a cheannach chlò gu Gleann Dail agus thuirt i... Cha robh a-staigh ach Nighean Eachainn. Bha an cìobair ann an Èirisgeigh 's e a' coimhead air a' bhoireannach a bha e a' dol a phòsadh, agus bha e gus a bhith air falbh fad na h-oidhche. Cha robh a-staigh ach Nighean Eachainn, 's thàinig an oidhche air a' chaillich agus cha leigeadh an t-eagal leatha falbh. Ach bha Nighean Eachainn ga cumail. Agus:

"Fan," ars ise, "agus bidh a' chlòimh agad a' falbh a-màireach, 's bidh thu dòigheil gu leòr nuair a bhios a' chlòimh agad a' falbh dhachaigh. Fan far a bheil thu a-nochd."

Co-dhiù, dh'fhan a' chailleach, agus suas mu dheich uairean no eadar deich 's aon uair deug bha a' chailleach... an dà chaillich nan suidhe taobh an t-simileir, tè air gach taobh dhen t-similear 's gun ghuth aca. Cha robh mòran bruidhne eatorra ann. Cha robh iad ach sàmhach. Co-dhiù, suas gu meadhan-oidhche, no chan eil fhios a'm an robh e an dèidh mheadhan-oidhche, ach dh'fhairich Harriet a bha seo, am boireannach... an srainnsear a bha seo, dh'fhairich i sèine an dorais ga ratlaigeadh 's a' toirt crathadh garbh oirre. Agus:

"Tha cuideigin anns an doras, a Chatrìona," ars ise rithe.

"Ò uill," ars ise "rud sam bith a chluinneas tusa," ars ise, "no rud sam bith a thig dhan doras, no rud sam bith a tha thu a' smaointinn a bhios a' tighinn timcheall," ars i, "na leig ort gun cluinn thu e. Na can guth," ars ise. "Fan sàmhach, dall, bodhar ann a shin, 's chan eil sìon a' dol a thighinn na do chòir. Chan eil turas aig sìon riutsa."

Agus... dh'fhan a' chailleach sàmhach 's cha robh i ag ràdh guth an uair sin. Ratladh an seo an t-sèine a-rithist, an dàrna triop. An trìtheamh triop thugadh crathadh air an t-sèine. Agus b' fheudar dhan a' chaillich, do Chatrìona, èirigh an uair sin agus bata aice na làimh a' falbh sìos. Chaidh i chun an dorais. Dh'fhaighneachd... a' chailleach ach dall, bodhar, an tè eile, taobh an teine ann a shiud, 's na casan aice air chrith leis an eagal. Agus nuair a ràinig a' chailleach sìos, dh'fhàg i fosgailte an doras, am meadhan... 's chaidh i chun an dorais a-muigh 's dh'fhosgail i e, 's cha do dhùin i buileach am fear sin leatha nuair a chaidh i a-mach. Bha bìdeag fosgailte dheth. Agus bha i a' cluinntinn am monbar bruidhne a bha a-muigh ceart gu leòr, ach cha robh i a' tuigsinn sìon dheth. Agus thàinig i sin... Bha i air a bhith a-muigh mu leth-uair an uaireadair. Thàinig i sin a-staigh agus ò, coltas truagh, truagh, truagh oirre. Thàinig i a-staigh air an doras a-muigh 's dhùin i e nuair a thàinig i a-staigh, 's thàinig i a-staigh an seo air an ath fhear a-rithist, 's nuair a bha i a' tighinn a-staigh air an ath doras, bha Harriet a bha seo na suidhe ri taobh an t-simileir, 's bha i a' coimhead oirre, 's chunnaic i dìreach na bha sìos air a' bhrollach aige, dhen duine bha a' tighinn a-staigh às a dèidh agus feusag mhòr gheal air sìos seachad air a bhrollach, agus... Cha do leig i sìon oirre, 's ann am priobadh na sùla aice, thug i sùil dhiubh, agus cha robh sgeul aice air an duine. Dh'fhalbh e às a sealladh.

Thàinig a' chailleach eile a-staigh an uair sin, 's shuidh i taobh an t-simileir far an robh i reimhid 's i gus a bhith marbh 's i ag ochanaich 's a' gearan. Cha tuirt Harriet guth, 's cha do leig i oirre gun tàinig i a-staigh no sìon. An làrna-mhàireach, bu ghoirid le Harriet gus an tàinig an latha, feuch am faigheadh i a casan leatha a-mach às an taigh. Co-dhiù, thàinig an latha 's shoilleirich i gus gun do mhiontraig i air falbh, 's dh'fhalbh a' chailleach. Agus 's e a' chailleach a bha seo ga innse gu m' mhàthair 's cha chreideadh i e mura biodh i dìreach beul na caillich fhèin air innse dhi mar a bha an oidhche roimhe sin. Agus bha mo mhàthair a-staigh aice, 's bha i ag innse dhi a h-uile sìon mar a rinn Nighean Eachainn, 's mar a thàinig an duine, 's mar a chaidh i a-mach a bhruidhinn ris, 's cho truagh 's a bha i nuair a thill i a-staigh.

"Ach," ars ise, "fhuair mise dhachaigh," ars ise, "agus ged a bhithinn-sa bliadhnaichean 's bliadhnaichean beò," ars ise, "chan fhanainn an Gleann Dail oidhche tuilleadh." Agus sin mar a dh'èirich, dhan an [?route] a bha sin.

Bha mise an seo oidhche shìos... Bha... Bha mise an seo oidhche shìos, mi fhìn agus an t-ogha aice, bha sinn shìos agus sinn nar suidhe aig an teine gu dòigheil, agus thuirt i... 's ise anns an leabaidh, 's thuirt i rinn:

"Teannaibh a-nist a-null," ars ise, "às an rathad," ars ise, "air na daoine a tha a' tighinn a-staigh," ars ise, "a choimhead ormsa. Teannaibh a-null às an rathad, ach am faic iad càit an cuir iad an casan."

San spot an cuala sinne seo, tharraing sinne dhan doras cho luath 's a rinn sinn riamh, 's cha do choimhead sinn riamh às ar dèidh, 's suas dhachaigh, an dithis againn. Bha i mar sin a' faicinn a h-uile sìon a' tighinn dhachaigh 's a' falbh 's a' tighinn bhuaipe. Ach oidhche a bha seo, bha piuthar-màthar dhomh ag obair air frithealadh do chìobairean, agus chunnaic i an shadow aig an duine a' dol seachad air an leabaidh aige suas gu leaba Nighean Eachainn, agus cha robh eagal riamh oirre anns an taigh chun na h-oidhche a bha sin, ach bha an t-eagal oirre an oidhche sin. Ghabh e suas far an robh i chun na leapa, 's bha iad a' sìor bhruidhinn 's a' sìor bhruidhinn ann a shin, ach cha b' urrainn dhi dèanamh a-mach dè bha iad ag ràdh. Chunnaic i e a' falbh air ais bhon an leabaidh, agus an ceann a dhà no trì mhionaidean an dèidh dhàsan falbh, dh'èirich ise às a leabaidh agus chaidh i a-mach às a dhèidh. Ghabh i sìos àite suas taobh na fainge a bh' ann a shin. Tha teansa gun tug i leatha an clobha agus ge brith gu dè bha i a' dèanamh leis a' chlobha, no dè bha iad a' dèanamh leis co-dhiù. Nuair a thill i dhachaigh mu chòig uairean sa mhadainn, cha tug i leatha dhachaigh an clobha. Dh'fhàg i an clobha shìos air creig. Nuair a dh'èirich an tè bha seo anns a' mhadainn, 's i a' dol a dhèanamh biadh dha na cìobairean, thòisich i air iarraidh a' chlobha, 's an clobha cha robh e ri fhaighinn, 's dh'fhaighneachd i a Chatrìona:

"Càit," ars ise, "a Chatrìona, a bheil an clobha? Am faca tu an clobha?"

"Ò chan fhaca," ars ise, "mise an clobha idir."

Cha do ghabh i ris an toiseach.

"Ach an seo," ars ise, "ghabh i ris mu dheireadh," ars ise, "nuair a dh'fhàs mise crosta, 's mi a' bruidhinn mun chlobha, 's mi a' bruidhinn rithe airson mar a dh'èirich a-raoir anns an leabaidh 's a chaidh i a-mach. 'S dh'fhàs mi cho crosta rithe, agus dh'fhalbh i," ars ise, "an uair sin, agus dh'innis i dhòmhsa far an robh an clobha, agus thuirt i rium gun robh e shìos aig an fhaing mhòir air creig, 'agus ma thogras tu,' ars ise, 'theirig ga iarraidh sìos ann a shin.'"

"Cha tèid mise ga iarraidh," ars ise, "an sin a-nochd, on nach tig an latha a thogainn an teine," ars ise, "ach togaidh mi le dà bhioran e, mun tèid mi a dh'iarraidh a' chlobha sìos an sin."

Dh'iarr i air fear dhe na cìobairean anns a' mhadainn, nuair a dh'èirich iad, a dhol sìos a dh'iarraidh a' chlobha chun na fainge. Dh'fhalbh Iain mac Uilleim sìos agus thàinig e 's an clobha aige. Fhuair e e far an tuirt i an robh e. Agus an clobha làn fala, 's mar gum biodh iad dìreach air sabaid leis a' chlobha. Agus cha do dh'fhan piuthar mo mhàthar aig Gleann Dail oidhche riamh tuilleadh. Dh'fhalbh i sa mhadainn, 's dh'fhàg i na cìobairean 's a h-uile rud a bh' ann ann a shiud 's tharraing i air an taigh. Agus...

Boireannach uabhasach neònach a bh' inntese. Chan eil mòran cuimhn' agam air a' chòrr dheth. Bidh e fada gu leòr tha fhios?

Uill, rachadh i a-mach. Cha dèanadh i sìon le fuireach a-staigh. Reigheadh i a-mach 's shuidheadh i a-muigh, 's a' chiad rud a chitheadh i a-muigh ge b' e cearc, no tunnag no beothach caorach, an rud a bha i ag aithneachadh air an rud sin, an rud a bha a' dol a thachairt dhan duine a dh'iarradh oirre coimhead a-mach air a shon. Sin mar a rinn i air an Fhearghasdanach. Dh'iarr e oirre coimhead a-mach, gu 'm faiceadh e dè mar a... am biodh fhios aice... an innseadh i dha gu dè bha a' dol a dh'èirigh dha, no an robh e a' dol a phòsadh, no càit an robh e a' dol a dh'fhuireach. Agus:

"Uill," ars ise, "chan innis mi an-diugh dhut e," ars ise, "ach innsidh mi dhut e," ars ise, "an ath triop a thig thu."

Agus, dh'innis i dham mhàthair sin, an rud a bh' aice ri dhèanamh airson Dhòmhnaill Fhearghasdain.

"Agus gu dè mar," arsa mo mhàthair, "a nì thu e?"

"Uill," ars ise, "feumaidh mi dhol a-mach," ars ise, "agus suidhe a-muigh, anns a' mhadainn glè thràth, 's a' chiad rud a chì mi," ars ise, "'s ann air an sin," ars ise, "a tha mise ag aithneachadh," ars ise, "an rud a tha an duine... mar tha an duine sin a' dol a dh'fhaighinn ron t-saoghal, 's an rud tha e ag iarraidh fhaighinn a-mach."

Agus... An ath latha a thàinig e, dh'innis i h-uile sìon dha, mar a bha a' dol a dh'èirigh dha.

"Tha," ars ise, "'s e cousin dhut fhèin," ars ise, "a tha thu a' dol a phòsadh, agus thèid thu a dh'fhuireach," ars ise, "do dh'àite, nach fhaca tu riamh, nach robh thu riamh ann, agus gheibh thu," ars ise, "pìos fearainn ann a shin, agus caoraich mhòra bhàna," ars ise, "os cionn an taigh agad, gun adharcan idir orra."

Agus... 's ann mar sin a bha. Sin mar a thachair dha.

"Bidh thu glè eagallach," ars ise, "ag innse dhad athair gu bheil thu a' dol a phòsadh," ars ise, "'s bidh e glè fhada nad aghaidh, a thaobh 's e cousin dhut fhèin a tha thu a' dol a phòsadh, 's chan eil e toilichte air an sin."

Uill, dh'innis i dha a h-uile sìon, mar a bha a' dol a thachairt dha, 's thàinig e fìor a h-uile sìon a thuirt i ris. Uill, sin nas urrainn mise...

Fear Chanaigh (FC): An robh na daoine ga pàigheadh, airson...

PN: Bha na daoine a' toirt thuice biadh. Uill, bheireadh daoine mar a bha esan dhi airgead, ach bheireadh na daoine cumanta dhi biadh, bheireadh iad biadh dhi. Sin am biadh a bh' anns na cisteachan aice, fhios agaibh, fad na h-ùine, 's bha e a' dol a dholaidh anns na cisteachan 's gun i ga chosg, o chiste gu ciste gus an robh a h-uile tè riamh làn, seachd cisteachan. Agus... 's ann leis a' bhiadh, tha fhios agaibh, a bha na daoine... 's e am pàigheadh a bha na daoine cumanta a' toirt dhi. Ach bha leithid an Fhearghasdanaich, 's leithid Mhgr Ailean 's daoine mar sin, bheireadh iad sgillinnean airgid dhi.

FC: Tha fhios nach toireadh Mgr Ailean sìon dhi.

PN: Cha robh am fear sin a' toirt sìon dhi. Cha robh am fear sin a' toirt sìon dhi ach bha e coibhneil rithe, fhios agaibh, 's a' dèanamh a dhleastanas timcheall oirre, fhad 's a bha a dòigh fhèin aice, ach nuair a chaill i... chaill i a dòigh fhèin... chaill i a tùr, 's cha robh i a' fuireach o bhiadh, 's cha robh i a' fuireach o na rudan a bha e ag iarraidh oirre. Dh'fhàs i mì-dhòigheil mar sin. Uill mu dheireadh, cha robh e a' dol na còir idir.

FC: Nach robh caileag a' fuireach còmhla rithe?

PN: Bha. Uill, leis an eagal... bhiodh i sin a' faicinn... ag innse dhi rudan 's ag iarraidh oirre... an rud a bha a' dol a thighinn a-staigh, 's an duine bha a' dol a thighinn a-staigh, 's dh'fhalbh i sin leis an eagal. B' fheudar dhi falbh dhachaigh. 'S e ogha dhi fhèin a bh' ann... mac a bràth... mac... an t-ogha aice dìreach.

FC: Cha do dh'aithnich duine sam bith na daoine a bha a' tighinn ga coimhead?

PN: Cha do dh'aithnich iad duine riamh a thàinig a-staigh ga coimhead, fhios agaibh. Cha robh iad gam faicinn idir, na daoine a bha a' tighinn a-staigh ga coimhead, ach bha ise gam faicinn. Bha ise gam faicinn a' tighinn a-staigh. Thaobh bha duine... am boireannach a bha a' dol a thighinn a-staigh bha i, rud sam bith a bhiodh aice, aig a' bhoireannach, bha i ag ràdh rithe fhèin:

"B' fheàrr leam gun robh seo aig Nighean Eachainn."

Bha i ag òrdachadh seo a bhith aig Nighean Eachainn, 's bha i a' faicinn a' bhoireannaich a' tighinn a-staigh anns an àm a bh' ann a shin math gu leòr... gu Nighean Eachainn. Bha an sealladh sin aice cuideachd.

Uill, chan urrainn mise mòran a ràdh mu deidhinn ach sin.

FC: An robh i a' dèanamh snàithleanan?

PN: Cha robh. Cha dèanadh i sin idir. Cha dèanadh i sìon ach a bhith a' coimhead a-mach.

FC: Coimhead a-mach gu dè bha a' dol a thachairt.

PN: Coimhead a-mach dè bha a' dol a thachairt. 'S dh'innseadh i dhuibh e, fhios agaibh. Chan innseadh... Cha b' urrainn dhi innse dhuibh gus an rachadh i a-mach. Ach 's ann anns a' mhadainn... sa mhadainn a' chiad char.

FC: Nach fheumadh i rann a ghabhail?

PN: Uill bha rann aice fhèin. Bha rann aice fhèin, ach cha chuala sinn an rann riamh. Oh no, cha chuala. Cha chuala sinne an rann riamh aice.