Search

A' chuibheall-shnìomha.

Date 09 August 1951
Track ID 35280
Part 1

Track Information

Original Track ID

CW0169.916

Original Tape ID

CW0169

Summary

The spinning-wheel.

In earlier times, people made a lot of cloth. There was a spinning-wheel and a loom in almost every house. The wool had to be washed, dried, combed and carded before it was spun. The contributor mentions some other processes such as warping.

Recording Location

County - Inverness-shire

Parish - Small Isles

Island - Canna

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - South Uist

Island - South Uist

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

Canna

Transcription

Iain Latharna Caimbeul: This is Mr Duncan MacDonald talking first about the spinning wheel, and secondly about the handloom.

Donnchadh MacDhòmhnaill: Niste, nuair a bhathar a' dèanamh mòran aodaich anns an dùthaich, agus chan eil fad on uair sin – 's ann nuair a bha mi fhìn nam dhuine òg cuideachd a bh' ann – bha cuibheall anns gach taigh, agus beairt-fhighe cha mhòr anns gach taigh, agus bha mnathan fuathasach, fuathasach trang ag obair air snìomh. Cìreadh chlò, nighe chlò, a h-uile sìon a ghabhadh dèanamh rithe, càrdadh, snìomh. Cha robh an uair sin muileann-càrdaidh no muileann-snìomh ann, agus cha robh na cuibhlichean a' stad idir ann an taighean.

Agus tha beachd agam, nuair a bhiodh gillean air chèilidh, nam biodh oidhche gharbh, fhiadhaich ann agus tè a' snìomh a-staigh, gun cuireadh i bhuaipe a' chuibheall, a chionn nach robh e ro fhreagarrach a bhith ri snìomh cuibhle agus duine a bhuineadh dhi air muir.

Ach co-dhiù, bha an snìomh a' dol air aghaidh, agus gu dearbh nam biodh clò ri dhèanamh, bhiodh e gu math ceannaichte, agus 's ann an-diugh nuair a chunnaic daoine dòigheannan nas fhasa, a thuig iad sin. Bha a' chlòimh ri nighe agus ri tiormachadh agus ri cìreadh, agus dh'fheumte a càrdadh, agus anns na rolagan, agus a snìomh an uair sin, agus nam bitheadh dath ri dhèanamh às a dhèidh sin, mun rachadh a chur gu bainich agus... airson aodach a dhèanamh air.

Agus bhiodh feadhainn ann a bhiodh a' snìomh barrachd agus an cuid fhèin cuideachd, agus a bhiodh a' snìomh do mhnathan eile cuideachd, agus gu h-àraid mnathan-uasal. Bha iadsan iad fhèin feumach air clòithntean a dhèanamh agus cha bhitheadh iad fhèin suas ri snìomh, ach gheibheadh iad feadhainn eile a dhèanadh e agus...

A-nist, tha beachd agam air aon chuibheall a chunna mi, agus nuair a bhite... an tè leis bu leis i a' tachras an t-snàtha a bh' air a dhol sìos on phiorna agus a' cur car dheth mun cuairt a' mharcraiche agus ga ionnsaigh, agus chunna mi dìreach gun robh marcraiche na cuibhle air a ghearradh a-staigh leth-òirleach an siud agus an seo, agus bha mi a' faighneachd dhith gu dè bu sgialt dha na h-eagan a bh' ann an seo. Thuirt i rium gun robh... gur e an snàth rinn e, agus tha sin a' toirt nam shealladh-sa an-diugh agus an-dè, agus 's ann an uair sin thug mi fa-near dè an ùine a bhathar a' tachras snàtha air a' chuibhill roimhe sin mun do thachair na h-àiteachan a bha seothach anns an fhiodh chruaidh a bh' ann.

Ach co-dhiù, nuair a bhiodh a-niste an d-... snàth gu leòr aig tè air a shnìomh air a' chuibhill dhen h-uile seòrsa a bha dhìth oirre, toil aice clò a dhèanamh, bha i an uair sin... dh'fheumadh i an clò a dheilbh. Agus nuair a bhiodh aice ri dheilbh, cha robh crann-dealbhan cho pailt idir an uair sin. Cha robh dad ach fuainean fhaighinn, agus an stobadh ann an ùrlar, 's tè às dèidh tè, dìreach na dh'fheumadh an clòimh, agus an clòimh a dheilbh ann a shin, agus bha e a-nis deiseil aice, airson a chur a dh'ionnsaigh na bainich.

Agus, co-dhiù, nam biodh i a' dol a dhèanamh clò sònraichte eile, dh'fheumadh i mòran bhoireannach a chruinneachadh airson cothlamadh, agus bhiodh iad aice ann a shin, triùir no cheathrar dhiubh fad an latha a' cothlamadh 's a' càrdadh, agus nuair a bhiodh iad an sin ullamh dheth sin, bha an uair sin a h-uile pèarda riamh a bh' ann a shin ri a chàradh air bòrd air muin a chèile. Agus nam bitheadh cnapach de dhuine beag a-staigh, gille no nighean, bha iad ga chur na shìneadh air uachdar an tòrr a bh' ann an sin, agus a' tarraing na clòtha a-mach às a' chnap air am biodh e na shìneadh, gus am biodh dìreach e uile-gu-lèir air a chur an lùib a chèile cho math agus gum biodh e air an aon dath, ge bith dè an dath a bu toigh leotha e a bhith.

Agus a-nist, nuair a bha an clò deiseil, bha e a' dol a dh'ionnsaigh na bainich, agus 's dòcha gum faigheadh i on bhainich e a dh'aithghearrachd agus 's dòcha nach fhaigheadh, air rèir agus na bhiodh aig a' bhainich nuair a ruigeadh e i. Ach co-dhiù, nuair a bhiodh an t-àm ann aig a' bhainich a chur sa bheairt, chuireadh i ann e, agus dh'fhigheadh i e cho luath 's a ghabhadh dèanamh cuideachd, agus 's dòcha nach biodh de shnàth ann na dh'fhigheadh e uile-gu-lèir, agus bha an uair sin an t-inneadh air a' chlò. Dh'fheumadh a' bhaineach an uair sin falbh a dh'ionnsaigh am boireannaich a bh' ann an seo a chuir thuice an clò, agus tuilleadh snàth fhaotainn bhuaipe airson crìoch a chur air a' chlò. Agus nuair a gheibheadh i sin, chuireadh i an uair sin crìoch air a' chlò, agus bhiodh i a' feuchainn ri fhighe cho fada 's a ghabhadh e dèanamh, agus airson an fhuigheag a bhith cho goirid 's a b' urrainn dhi. Agus nuair a ruigeadh dìreach an snàth cùl nan iomallanan, agus nach fhaigheadh i air an taobh air an robh i fhèin air fighe ach gann an spàl sìos, dh'fheumadh i an uair sin a ghearradh, agus bha an uair sin an fhuigheag air a fàgail an crochadh ann a shin anns na h-iomallanan. Agus sin an dòigh anns am biodh... nam biodh tè airson ochd slatan a bhith aice ann an clò, no naoi, no ge bith cò meud a bhiodh toil aice a bhith ann, leigeadh i beagan a bharrachd ann airson na fuigheig, agus a' chaoibein. Sin a' chiad cheann a rachadh a cheangal dheth. Agus bha an uair sin an clò air a ghearradh agus air a chàradh dhachaigh chun na tè leis bu leis e, agus tha mi a' smaointinn gura h-e gròt anns an t-slait an uair sin, no sia sgillinn, a bhiodh aig a h-uile bainich airson slat de chlò fhighe.

Source Type

Wire

Audio Quality

Good