Search

Am fear a reic e fhèin ris an Donas.

Date 12 November 1959
Track ID 35848
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1959.112.B6

Original Tape ID

SA1959.112

Summary

The man who sold himself to the Devil.

A certain man by the name of the Black Blacksmith of Harris sold himself to the Devil. The Devil turned himself into money and asked the blacksmith to put him into a box. Eventually, to free himself, the Devil promised not to trouble the man again.

Item Subject/Person

Gobha Dubh na Hearadh

Recording Location

County - Argyllshire

Parish - Ardchattan and Muckairn

Village/Place - Connel

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Classification

AT330B

Transcription

Calum MacIllEathain (CM): 'S an robh naidheachd mu dheidhinn a' ghobha... Gobha Dubh na Hearadh, ma-thà? Gobha Dubh na Hearadh. Ciamar a bha siud?

Peggy MacDonald (PM): Ò cha chreid mi nach eil fhios agad oirre.

CM: Cha chreid mi gu bheil a-nise.

PM: Gobha Dubh na Hearadh, reic e e fhèin ris an Donas. Cha robh rud a dh'iarradh e nach fhaigheadh e e. Dh'iarr e an Donas fhèin a dhol na airgead. Agus dh'fhalbh e agus chuir e ann am bogsa iarainn e co-dhiù, 's chaidh e dhan cheàrdaich. Agus dh'iarr e air a' ghobha tighinn air leis an òrd. Agus a h-uile uair a thigeadh e an gobha leis bha am bogsa a' leum a mhullach an taighe. Thuirt an Donas ris:

"Leig a-mach às a seo mi," ars esan, "'s cha ghabh mi turas riut thall no a-bhos."

Nuair a ràinig esan an taobh eile cha b' urrainn dhan Donas tu-... turas a ghabhail ris. Thug e dha sprodag theine na làimh, 's:

"Bi a' falbh," ars esan, "air feadh an t-saoghail le sin," ars esan.

Seo a-nist, sin an teine-biorach a chì iad.

CM: 'S i, dìreach. Tha sin math a-niste.

PM: Sin mar a chuala mi iad a' bruidhinn air a shiud, Gobha Dubh na Hearadh.

CM: Seadh, dìreach. Sin mar a bha Gobha Dubh na Hearadh. Ò, sin mar a bha.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good