Search

Dealan-dè

Date
Track ID 36976
Part 1

Track Information

Original Tape ID

DealanDe 1988.01.15

Summary

Early school days in Taransay.

George MacDermid talks about his school days in Taransay and about life on the island, local boats, crofting and a tobacco shortage. George attended both Taransay School and Scarista School. His first job after leaving school was to lift an acre of potatoes.

Item Subject/Person

MacDiarmaid, Seòras

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - Harris

Island - Taransay

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Seòras MacDiarmaid (SM): Bha mi ann an Sgoil Tharasaigh. Sin a' chiad sgoil anns an robh mise riamh, agus an uair sin, cha b' e an County Council a bha a' ruith na sgoile ach am miseanaraidh. 'S e... bha e a' dèanamh maighstir-sgoile agus bha e a' dèanamh teagasg na mhiseanaraidh ann. 'S e, mar a chanadh iad, Latis à Dùn Èideann, 's iad a thog an taigh. Agus bha mu bhliadhna an dèidh sin a-rithist ghabh an County Council, ghabh iad an taigh-sgoile, agus a' chiad mhaighstir-sgoile a bh' againn, 's e fear Campbell às an Eilean Sgitheanach. Tha mi a' smaoineachadh gur e Sgitheanach a bh' ann. Agus an uair sin, goirid an dèidh sin, thàinig ban-sgoilear eile againn, tè ris an canadh iad Miss MacKenzie. Màiri, 's e a bh' oirre. Agus an uair sin, tha mi a' smaoineachadh suas mu bhliadhna no dà bhliadhna an dèidh sin dh'fhàg mise taigh-sgoile Tharasaigh agus thàinig sinn a-nall chun a' Mhachaire. Agus chaidh mi an uair sin a Sgoil Sgarastaidh an uair sin. Bha sinn innte mu chòig sgoilear deug. Agus aig an aon àm thàinig an tuath mar a bha Seilebost 's Crago 's Horgabost, agus thàinig na sgoilearan a bh' ann a shin, thàinig iad fhèin a-nall, agus bha mise anns an sgoil sin chun an robh mi ceithir bliadhn' deug. Agus nuair a dh'fhàg mi an sgoil, dh'fheumadh tu an uair sin a dhol a dh'obair, agus bha mi ag obair ann a... bha tuath an Sgarastadh Bheag an uair sin, agus... aig fear MacLean, agus bha mi ann a shin airson deagh ùine, chun do thòisich an cogadh ann an nineteen thirty-nine.

Ceit Anna NicCoinnich (CN): Uill, a Sheòrais, mus tèid sinn air adhart chun na... dè bha sibh a' dèanamh, fhios a'd, nuair a dh'fhàg sibh eilean Tharasaigh, nach innis sibh dhuinn dìreach beagan mu dheidhinn lathaichean ur h-òige anns an eilean sin? Cò ris an robh e coltach an uair sin?

SM: Uill, cha robh an uair sin, mar a bha ann an tòrr de dh'àiteachan, cha robh ann ach àiteachan-cèilidh, agus bha mise, chaidh mo thogail an taigh mo sheanar, agus sin far an robh a h-uile duine a' tighinn a chèilidh a thaobh 's... abair thusa argamaidean a thaobh 's bha a h-uile duine cho ceart na dhòigh fhèin, ach deireadh na h-oidhche tha mi a' smaoineachadh gun robh a h-uile duine a' dol dhachaigh glè thoilichte. Agus 's e baile beag toilichte a bh' ann, agus cha robh troimh-a-chèile ann, 's cha robh trod ann. Agus cha robh mòran aca gun teagamh, ach na bh' aca bha iad toilichte leis.

CN: Cò ris an robh e coltach a bhith a' dol dhan an sgoil ann a shin?

SM: Uill, mar a bha e nuair a chaidh mise dhan sgoil, mar a bha a h-uile balach eile a' dol dhan sgoil an uair sin, cha robh sinn uabhasach deònach air a dhol innte, a chionn cha robh, tha mi a' smaoineachadh, sinne cho fortanach agus a tha clann an-diugh. Tha a h-uile càil air a dhèanamh dhaibh an caraibh spòrs 's tòrr de rudan eile airson cur-seachadan, 's cha robh againne mura deigheamaid a-mach, agus dh'fheumadh tu a bhith a-muigh anns an uisge, agus 's iomadh uair tha cuimhn' a'm air a bhith a' tighinn a-staigh agus a h-uile duine riamh le briogais Ghàidhealach air, agus na glùinean aige a' glagadaich leis an fhuachd, agus aig an aon àm bha sinne le reothadh 's a' bhriogais, cha robh... bha aghaidh na briogais a' reothadh, agus nuair a dheigheadh tu a-staigh an uair sin dhan a' bhlàths bha... dh'fhairicheadh tu an t-uisge a' dol sìos air cùl nan casan agad. Agus chan eil mi a' smaoineachadh gun robh duine an uair sin nach robh sgagaidhean air na glùinean aca, agus tha mi a' creidsinn nam b' ann an-diugh a bh' ann bhiodh iad a' cur stidseachan annad.

CN: Agus cia mheud duine a bha a' dol dhan an sgoil an uair sin?

SM: Bha sinn a' dol innte an uair sin sianar, agus sgoilearan a rinn adhartas mòr ann an tòrr aca, ach cha robh mòran teansa aig duine sam bith againn an uair sin. Cha robh an t-airgead ann. Agus tha mi a' smaoineachadh mu mo dheidhinn-sa ged a bhiodh an t-airgead ann cha robh mi air tighinn na b' fhaide air adhart na bha mi.

Dh'fhalbh an uair sin dithis, triùir, bha triùir ann 's bha iad fada na bu shine na mise. Nuair a dh'fhalbh iad sin cha robh sinn an uair sin ach triùir. Agus nuair a dh'fhalbh mise à Tarasaigh cha robh ann ach dithis, agus tha mi a' smaoineachadh gun do dhùin an sgoil an uair sin agus cha deach a fosgladh tuilleadh.

CN: Agus cia mheud duine a bha a' fuireach ann an eilean Tharasaigh ma-thà, nuair a bha sibh fhèin ann?

SM: Uill bha mu fhichead duine ann an uair sin le clann 's fir 's mnathan, agus...

CN: 'S dè seòrsa dòigh-beatha a bh' agaibh?

SM: Uill cha robh... an aon dòigh-beatha a bha siud, 's e clèibh 's giomaich, mar a tha a' dol anns na h-eileanan air fad an-diugh. Agus mar a bha an tuath fhèin, bha... 's e na Caimbeulaich aig an robh e an uair sin, agus tha cuimhn' a'm, mar a bha cùisean ag obair, bha an uair sin ùghdarras mòr aig fear-tac, agus tha cuimhn' a'm aig àm spoth nan uan, thigeadh Iain Caimbeul, 's e Iain a bh' air, Iain Caimbeul a-staigh dhan an sgoil agus bheireadh e leis an triùir bhalach bu làidire a bh' ann airson gun cuidicheadh iad a' spoth nan uan, 's cha robh ceist sam bith air fhaighneachd, am faodadh e sin a dhèanamh, ach bha e dìreach aige ri bhith a' faighinn... uill anns an latha a bh' ann a shin, dh'fhaodadh e a dhèanamh.

CN: Agus dè an-dràsta cho tric 's a bhiodh sibh a' faighinn a-nall gu tìr-mòr na Hearadh? Dè an ùine a bheireadh sibh a' tighinn a-nall ann an eathar?

SM: Uill bha mo sheanair, bha e na phost ann bliadhnaichean, agus cha robh aca ach eathraichean beaga a chionn dh'fheumadh iad na h-eathraichean a tharraing a h-uile h-oidhche. Cha robh acarsaid ann, agus cha dèanadh eathraichean mòra feum sam bith, agus mar a bu mhotha suas, chanainn, ceithir troighean deug, sin agad na h-eathraichean a bu fhreagarraiche airson an àite. Agus bheireadh iad an uair sin... bheireadh iad leis an dà ràmh. Cha robh outboard ann 's cha robh einnsean ann 's cha robh mòran de rud sam bith ann really, ach dìreach an dà ràmh 's neart a' ghàirdein. Bheireadh tu mu fhichead mionaid no leth-uair mar a bhiodh an t-sìde, bheireadh tu mu fhichead mionaid a' dol a-null leis ma bha sìde dhòigheil ann, agus bhitheamaid a' tighinn air tìr ann an àite ris a... tha Sgeir Hàstainn air Tràigh Horgaboist, agus aig Sgeir Eòghainn. Nam biodh sìde mhath ann thigeadh iad le bith dè na goireasan a bha a dhìth orra. Sin far am biodh iad gan cur air tìr, no a bhiodh iad gan toir far an eilein.

Agus bha an uair sin, bhiodh iad a' creic nan giomach ri fear... na Campbells a-rithist, ann an Roghadal agus bha iad glè dheiseil dhen àite, ged nach robh mòran prìs ga thoir seachad air giomaich. 'S e... tha cuimhn' a'm air gur e naoi tastain an dusan. Cha b' ann air a' phunnd a bha e air a reic idir ach air a' ghiomach, agus gheibheadh iad naoi tastain an dusan, ach cha robh thu a' faighinn airgead ann, ach bha thu a' faighinn na goireasan a bha a dhìth ort airson dachaigh.

CN: Agus dè a-nis mu dheidhinn nuair a bhiodh an t-sìde uabhasach fhèin dona? Dè bhiodh a' tachairt an uair sin a thaobh goireasan fhaighinn thugaibh?

SM: Uill tha cuimhn' a'm gun robh an aon rud a bhiodh a dhìth orra 's e an aon rud bu mhotha a bha iad a' caoidh, cha b' e am biadh bu mhotha a bha a' cur dragh orra idir ach an tombaca, agus air nach biodh an tombaca ann, bha iad uabhasach tùrsach, na bodaich, agus tha cuimhn' a'm bràthair mo sheanar, Niall, bha fhios aige gun robh na cailleachan uabhasach keen air teatha, agus thuirt e ri tè aca:

"Uill, ma bheir thusa dhòmhsa pìos tombaca, bheir mise dhutsa teatha."

Uill, cha robh teatha aige, ach an rud a rinn e, thiormaich e an teatha a bha a-staigh, agus dh'fhalbh e chun na caillich leis an teatha agus nuair a fhuair i an teatha dh'èigh i air dithis no triùir dhe na cailleachan eile a bha timcheall agus thuirt i riutha:

"Thigibh a-steach agus tha teatha agamsa an-dràsta."

Agus cha do dh'innis i cà 'n d' fhuair i idir i, ach chaidh an teatha a chur air a... dhan a' phoit, 's bha a' chailleach, bu thoigh leatha an teatha a bhith làidir co-dhiù, ach bha i... bheireadh i srùb na poite, choimhead i air an-dràsta 's a-rithist, 's ò cha robh an teatha a' fàs càil na bu duirche. Agus thug i ùine mhòr, mhòr an dèidh a bhith a' goil na teatha cho fada mun do rinn i a-mach gun deach an car a thoir aiste. Ach bha esan coma - bha deagh smoc aige anns a' phìob.

Agus tha cuimhn' a'm aon triop eile aig àm Bliadhn' Ùr, bha droch shìde mar sin agus bha piuthar m' athar dhomh ann an Lunnainn agus bhiodh i an-còmhnaidh a' cur parsail aig Christmas, agus bha tombaca ann a h-uile bliadhna [???] bho chionn fichead bliadhna, ach an latha a bh' ann a sheo, cha robh tombaca aca. Ach madainn na Sàbainn co-dhiù thàinig i socair. Agus dh'fhalbh iad a-null. Tha cuimhn' a'm air - cha robh mi ach mu, [???] chunntais a bhliadhnaichean, agus dh'fhalbh iad a-null a dh'iarraidh... uill, goireasan no rud sam bith a bha a dhìth orra, ach 's e mo mhòr-bheachd-sa gur e parsail an tombaca bu mhotha a bha iad às a dhèidh, ach gu mì-fhortanach, a' chiad triop riamh, nuair a dh'fhosgail iad am parsail cha robh sgath tombaca ann.

CN: Abair briseadh-dùil dha na bodaich.

SM: Dh'aithnicheadh tu air aghaidh a h-uile bodach a bh' anns an àite gun robh cùisean gu math ìseal.

CN: Nise, an ann gu math ainneamh, an ann, a bhiodh e a' tachairt, fhios agad, nach fhaigheadh iad gu tìr-mòr na Hearadh a dh'iarraidh goireasan?

SM: Chan ann. Fada anns a' gheamhradh, bhiodh e gu math tric, le droch mhuir, dh'fhaodadh e a bhith socair gu leòr agus fìor dhroch mhuir a bhith ann, agus 's e àite a tha gu math doirbh gnothaich a dhèanamh ris air a' mhuir, ma tha droch mhuir ann. Chan ionnan e 's tòrr de dh'àiteachan eile a gheibh sibh fasgadh ann agus nach bi am muir, bidh e nas socraiche airson faighinn air tìr ann. Ach bha an dà thaobh acasan, bhiodh am muir gu math dona, mar a bha ann an Horgabost agus ann am Bàgh Tharasaigh fhèin.

CN: Agus dè na cur-seachadan, ma-thà, a bhiodh agaibh? Fhios a'd, an robh sibh a' faireachdainn aig àm sam bith gun robh sibh ann an àite uabhasach iomallach? No an robh sibh toilichte gu leòr ann?

SM: Tha mi a' smaoineachadh gun robh a h-uile duine toilichte gu leòr ann, a chionn mar a tha... tha seann fhacal ann 's tha mi a' smaoineachadh gu bheil e fìor, an rud nach d' fhuair Niall chan iarrar air. Ach air an làimh eile, tha mi a' smaoineachadh gun robh lathaichean toilichte ann agus gun robh daoine toilichte ann leis a' bheagan a bh' aca.

CN: Dè na cuimhneachain as fheàrr a th' agaibh fhèin ma-thà, air a bhith a' fuireach ann an eilean Tharasaigh?

SM: Uill na cuimhneachain as fheàrr, tha mi a' smaoineachadh a th' agamsa, 's e a bhith a' falbh sìos dhan a' bhàthaich aig Iain Caimbeul agus bhitheamaid an-còmhnaidh a' sreap air na sparran agus bha e uabhasach math do bhalaich. Agus dheigheadh e fhèin... bha e fhèin mu dheireadh cha mhòr uaireannan cho dona rinn fhèin. Bhiodh esan a' fàireachas oirnne ach... feuchainn ri eagal a chur oirnn, ach bha sinn cho eòlach air agus cha robh... uill, bha sinn a' toir a chreidsinn air gun robh... gum bitheamaid a' teicheadh roimhe gun teagamh, ach bha fhios againn nach dèanadh e càil ceàrr oirnn. Agus canaidh mi gun robh e uabhasach math do bhalaich agus facal a bh' aige an-còmhnaidh 's e, an rud a nì thusa air a' bhalach na òige bidh cuimhn' aige air agus bheir e nad aghaidh e 's dòcha a-rithist.

Agus nuair a dheigheadh e chun an Tairbeirt, dheigheadh iad ann leis an eathar, 's e an aon eathar mòr a bh' ann, tha cuimhn' a'm, dh'èigheadh e suas air na balaich agus bha stòbh mòr aige agus air beulaibh an stòbh bha e a' cur ubhal 's orainsear tarsainn airson gum faigheadh a h-uile balach ubhal 's orainsear. Uill, cha do bhlais mise air ubhal no air orainsear on uair sin cho blasta ris, tha mi a' smaoineachadh, an ubhal 's an orainsear a bh' ann a shin. 'S mar a tha an-diugh tha mi a' creidsinn nach ith... tha iad cho pailt 's nach ithinn iad. Agus bidh mi an-còmhnaidh a' smaoineachadh air, na mo shuidhe an-diugh, air dòigh-beatha an uair sin agus dòigh-beatha an-diugh. Chan eil mi a' dol a ràdh gur e dòigh-beatha mhath a bh' ann. Tha mi a' smaoineachadh gun robh na balaich, gu seachd àraid nuair a dh'fhàg iad an sgoil, gan obrachadh gu math cruaidh. Ach 's dòcha a-nise gu bheil sinn an-diugh cus an taobh eile. Ach chan ann agamsa a tha sin ri ràdh.

CN: Uill, dh'fhàg sibh Tarasaigh nuair a bha sibh dà bhliadhn' deug. Carson a dh'fhàg sibh an uair sin?

SM: Uill tha mi a' smaoineachadh gur e... bha na daoine a' fàs aosta, agus bha e cho doirbh dhaibh am beòshlaint a dhèanamh, agus bha e cho doirbh dhaibh a bhith a' slaodadh nan eathraichean suas, a chionn cha robh an cuideachadh ann, 's rud bu mhotha a bh' ann an uair sin 's e seann daoine a bh' ann. Bha... nuair thàinig sinn às Tarasaigh, bha mo sheanair, bha e trì fichead agus seachd-deug. Uill bha sin, chanainn, gu math... bha iad air an obrachadh cruaidh agus cha robh iad cho tapaidh aig an aois sin agus 's dòcha a tha iad an-diugh. Agus thàinig sinne an uair sin chun a' Mhachaire, agus chuir sinn air dòigh taigh ann a shin airson glè bheag. Cha do chosg e mòran co-dhiù. Agus chaidh mise dhan an sgoil, mar a thuirt mi mu thràth, a Sgoil Sgarastaidh, agus 's e Miss Martin, 's i a bh' againn anns an sgoil, agus cha robh guth an uair sin, dh'fheumamaid an coire a ghoil, no dh'fheumadh an tidsear an coire a ghoil dhuinn, agus 's e, tha cuimhn' a'm, cocoa no Horlicks no rudeigin mar sin a bh' againn - cha chreid mi nach e bonn-a-sia, seann... uill, a' bruidhinn air an t-seann airgead, bonn-a-sia, a bha sinn a' pàigheadh anns an latha, rud a bha 's dòcha rudeigineach gu math daor anns an latha sin.

Bha mise ann a shin chun an robh mi ceithir bliadhn' deug. Dh'fhaodadh tu an sgoil fhàgail an uair sin aig ceithir bliadhn' deug, agus dh'fheumadh tu fàgail aig ceithir bliadhn' deug airson gun cosnadh tu beagan dhut fhèin, a chionn cha robh cuideachadh sam bith an uair sin dhan an aois againne, agus dh'fhalbh mise a dh'obair an uair sin ann an... nuair a dh'fhàg mi an sgoil aig ceithir bliadhn' deug, chaidh mi a dh'obair a Sgarastadh Bheag, agus tha cuimhn' a'm fhathast air, agus tha mi a' creidsinn nì mi dealbh dhìom fhèin fhathast, a' chiad rud a rinn. Dh'fhàg mi an sgoil ann an July, agus a' chiad rud, tha mi a' smaoineachadh bu cruaidhe, 's e... bha mi le gràpa aig ceann sreath, agus bha agam ri acre buntàta a thogail, agus cha robh mi ach glè bheag, agus bha mi a' ràdh, 'Uill a Sheòrais tha agad ris a h-uile càil ann a sheo a thogail', agus sin agad a' chuimhn' as fheàrr a th' agamsa air a' chiad obair a bh' agam riamh.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good