Search

An t-uachdaran agus mac a' ghàirnealair.

Date 19 December 1959
Track ID 37704
Part 1
Part 2

Track Information

Original Track ID

SA1960.17.A3;B1

Original Tape ID

SA1960.017

Summary

The landowner gave the gardener's son three tasks which he must achieve or lose his life.

When a gardener's son took to thieving, the landowner banished him. He returned a year later, admitting that he was still a kleptomaniac. The landowner gave him a task to perform, saying that he would lose his head if he could not accomplish it. The first was to steal a pony guarded by three men. He managed this task easily, as he did the next two. In the end, the laird drowned himself and the gardener's son married the laird's wife.

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Classification

AT1525

Transcription

Calum MacIllEathain: ...naidheachd air uachdaran, bha sibh ag ràdh, Aonghais. Seadh.

Aonghas MacIllFhialain: An t-uachdaran a bha seo, bha e a' cumail gàirnealair, 's bha gille aig a' ghàirnealair 's bha e uabhasach dona. Chan fhàgadh e sìon gun ghoid thall no a-bhos. Thionndaidh an t-uachdaran cho cruaidh air a' ghàirnealair 's gum feumadh e an gille a chur air falbh, air neo e fhèin a chlìoradh air falbh air fad.

Agus co-dhiù dh'fhalbh an gille. Agus bha e aig cosnadh, 's tha mi cinnteach gun robh e cho math air a' mhèirle, gun robh e a' feuchainn ri uiread 's a b' urrainn e fhaighinn.

Thug e bliadhna air falbh. Thàinig e seo dhachaigh. Chuala an t-uachdaran gun tàinig e 's thàinig e far an robh e.

"Tha thu air tilleadh," ars esan.

"Tha."

"Cò ris a bha thu, on a dh'fhalbh thu?"

"Cha robh ach ris a' mhèirle," ars esan.

"Tha mi cinnteach gu bheil thu nad dheagh mhèirleach."

"Uill, cha do dh'fhaillich mòran fhathast orm," ars esan.

"Ah uill, ma-thà," ars esan, "tha pònaidh agamsa an siud anns an stàbla," ars esan, "agus feumaidh tu a ghoid a-nochd, no bidh am bàs agad. Agus bidh triùir ga gheàrd."

"Gu dè mar a ghabhas sin goid," ars esan, "agus triùir ga gheàrd?"

"Uill, tha agad ri dhèanamh," ars esan, "agus [?feumaidh]."

Ò cha robh fhios aige gu dè rud a dhèanadh e, ach... Bha e a-mach, ach gu dè chunnaic e ach... choinnich e ach seann saighdear a' tighinn, agus 's e aodach an airm a bh' air, 's cha robh air ach ragachan. Bha e air tolladh air thall 's a-bhos. Agus bha deagh dheise airsan.

"B' fheàrr leam," ars esan, "gun toireadh tu dhomh an deise sin a th' ort," ars esan. "Tha mi cinnteach gu bheil i ullamh co-dhiù agad," ars esan, "agus bheir mi dhut an deise a th' orm fhìn na h-àite."

"An-tà, gu dearbh nam biodh na b' fheàrr na seo agamsa," ars an saighdear, "'s e a chuirinn orm," ars esan, "ach gu dè rud a tha thusa a' dol a dhèanamh dhith?"

"Ò bi thusa coma dè tha mi a' dol a dhèanamh dhith," ars esan, "ach ma bheir thu dhomh i."

"M' anam fhèin gum faigh," ars esan.

Chuir e dheth an deise, 's thugadh dha i, 's thug esan an deise a bh' air fhèin dhan t-saighdear na h-àite. Nuair a dhorchnaich an oidhche dh'fhalbh esan agus fhuair e trì botail uisge-bheatha, agus chuir e na phòca iad, agus chuir e air deise an t-saighdeir. Dh'fhalbh e a-nall timcheall a' bhaile 's thàinig e seo timcheall air an stàbla. 'S bha am pònaidh a-staigh san stàbla, 's an doras fosgailte 's na fir a-staigh ga gheàrd, nan suidhe.

Dh'fhalbh esan 's leig e e fhèin na shìneadh ann an cùl sitig [???]. Agus thòisich e seo a' leigeil aona chrith às, 'Ao... aodh... hao... hao hao' aigesan.

"Dè rud a tha siud?" arsa fear dhiubh. "Seall a-mach."

Sheall fear aca a-mach. Ghabh e a-null.

"A Dhia," ars esan, "tha seann saighdear ann a sheo. Tha e gus a bhith ullamh."

Bha esan 's e air chrith 's cha... bha e a' bruidhinn ris, 's ò cha robh guth aige. Cha b' urrainn dha guth a ràdh.

"Trobhad," ars esan, "'s togaidh sinn a-staigh e."

Thog iad a-staigh e, 's chuireadh na shìneadh ann an stàl e. Chuir esan car dheth 's nochd fear dhe na botail a-mach às a phòca.

"Ho-o, nach seall e, agus a [?gharbh] bhotal aige," ars esan.

"Ho-o, 'ille bhochd."

Rugadh air a' bhotal 's thugadh an corc às, 's thòisich iad air òl a' bhotail. Agus bha esan na shìneadh anns an stàl. Chuir e seo car dheth 's nochd botal air an taobh eile dheth.

"Nach seall [???]," ars esan. "Tha fear eile aige."

Thugadh bhuaithe am botal eile. Agus thòisich iad seo air a phutadh feuch an gabhadh e fhèin deur.

"An gabh thu deur dhe seo?"

"Ao... cha ghabh. Ao... cha ghabh."

Dhia, dh'òl iad an seo a h-uile deur a bha sa bhotal. [?Ò 's ann an uair sin bha iad...]

"Uill nach bochd a-nist nach tigeadh am mèirleach."

"Ach a Dhia, cà 'il e a' tighinn?" ars am fear eile, "tighinn a ghoid an rud tha [???] mu choinneamh ann a shin."

"An duine truagh, b' fheàrr dha a bhith air fuireach air falbh air fad. 'S e cus a b' fheàrr dha na tighinn."

Ach mu dheireadh thall [?lower] na fir. Thuit iad nan cadal. Fhuair esan nan cadal iad, 's dh'èirich e 's dh'fhuasgail e am pònaidh, 's chuireadh fodar fo chasan a-mach an doras. Leum e air a mhuin 's tharraing e leis.

Agus làrna-mhàireach nuair a dhùisg na fir cha robh sgeul air an each. Ò ghabh an t-uachdaran an cuthach:

"A chloinn an fhir sa. Leig sibh air falbh leis a' mhèirleach e."

Dh'fhalbh e 's ràinig e mac a' ghàirnealair.

"Seadh," ars esan, "ghoid thu am pònaidh a-raoir," ars esan, "agus triùir ga gheàrd."

"Nach e sin a chuir thu... a dh'iarr thu orm a dhèanamh?" ars esan.

"Coma leat," ars esan. "Bidh nas duilghe na sin agad ri dhèanamh a-nochd, ma-thà," ars esan. "Feumaidh tu an cobhar a th' air a' bhòrd agamsa," ars esan, "a ghoid a-nochd, ma-thà," ars esan, "agus bidh sinn sianar aige," ars esan.

"Ò cha... dè mar a ghabhas sin goid," ars esan, "Ma tha e mar fhiachaibh ormsa a dhèanamh," ars esan, "bheir teansa dhomh airson a dhèanamh."

"Ò fhuair thu tuilleadh 's a' chòir a theansa," ars esan. "Chan fhaigh thu an còrr dheth."

[Stad sa chlàradh an seo.]

"Ò uill, 'ille, chan eil cothrom air," ars esan.

Ach co-dhiù nuair a dhorchnaich an oidhche dè bha aig athair ach seiche mairt. Chaidh a... chailleadh air, agus bha i crochte anns a' bhàthaich. Agus dh'fhalbh e agus fhuair e seiche na bà agus shuain e timcheall air fhèin e. Agus fhuair e geilb agus àradh agus chaidh e a-staigh air uinneag-chùil gu h-àrd, agus thàinig e os cionn an rùim far an robh iad nan suidhe aig a' bhòrd. Agus dè an obair a bh' aca ach ag iomairt air chairtean. Agus thòisich e air tolladh na lobhta gu h-àrd air a shocair os cionn a' bhùird. Agus bha i seo tollta aig gach aon sgonnan [???].

Agus thòisich iad an seo air còmhdach mu na cairtean. Thòisich an còmhdach 's thòisich an speuradh, 's gheàrr esan leum a-nuas tron toll air meadhan a' bhùird.

"Cuiridh mise ceart sibh," ars esan riutha.

Am fear nach d' fhuair an doras a thoir a-mach thuit e ann an laigse, dùil aige gur e an t-Ain-spiorad fhèin a bha an dèidh tighinn tron lobhtaidh. Thog esan leis an cobhar 's a-mach a ghabh e.

Nuair a dhùisg an t-uachdaran 's a sheall e cha robh sgeul air cobhar a' bhùird.

"Ò uill, uill," ars esan, "nach e an donas fhèin," ars esan, "a tha... a chaidh na bhroinn," ars esan, "o nach eil sìon a' dol a dh'fhailleachdainn air," ars esan.

"Ò," ars a bhean, ars ise, "leig a chead leis."

"Leabhra, cha leig," ars esan, "a chead leis. Cha stad mi," ars esan, "gu 'n cuir mi crìoch air," ars esan.

"An-tà, 's fheàrr dhut," ars ise, "gabhail ealla ris."

"An-tà, cha ghabh," ars esan.

Chaidh e far an robh e.

"Seadh," ars esan. "Ghoid thu," ars esan, "an cobhar a bh' air a' bhùird... a bh' air a' bhòrd a-raoir agam," ars esan.

"Nach e sin a chuir thu mar fhiachaibh orm a dhèanamh?" ars esan.

"Coma leat," ars esan. "Mura goid thu a-nochd," ars esan, "an siota a bhios fodhamsa 's fon mhnaoi," ars esan, "bidh am bàs agad," ars esan.

"Gu dè mar air an t-saoghal," ars esan, "a ghabhas sin goid," ars esan, "an rud tha thu fhèin," ars esan, "nad shìneadh air a mhuin?"

"Uill, bidh agad ri dhèanamh, ma-thà," ars esan. "Chan eil mise ullamh fhathast dhiot," ars esan.

Cha robh fhios aige on t-saoghal dè rud a dhèanadh e. Ach gu dè a bha ach tòrradh anns a' bhaile an latha sin. Agus nuair a thàinig an oidhche dh'fhalbh esan dhan chladh agus thog e an corp, agus thug e leis e air a mhuin gu taigh an uachdarain. Agus bha an t-uachdaran 's a bhean, bha iad anns an leabaidh gu h-ìseal agus solas aca. Agus thàinig esan leis a' chorp gu bonn na h-uinneig, agus thogadh e suas ris an uinneig e agus leagadh e a-nuas e. Thug am fear a bha san leabaidh an aire dha, agus bha an gunna aige air a' bhòrd. Phut e a bhean.

"Nach seall thu," ars esan. "Nach seall thu am mèirleach. Ach stad thusa," ars esan.

Rug e air a' ghunna. Thog am fear eile an seo an corp, 's leigeadh am [?bratàillean] ud a-mach tron uinneig ris an fhear a bha a-muigh, 's leig esan às an corp. [???] 's a-mach a ghabh e 's chaidh e am falach.

"A Dhia," ars a bhean, "carson a chaidh thu a dhèanamh murt," ars ise, "aig an taigh?"

"Ò mac an fhir sa, 's fhada a thoill e a mhurt."

"Ò tha mi coma," ars ise, "mura biodh e air taobh air choreigin gun fhaicinn aig an taigh."

"Ò bidh e sin an-ceartuair," ars esan. "Cuiridh mise air... pìos air falbh e."

Dh'fhalbh e 's chuir e uime 's thàinig e a-mach. Chuir e air a mhuin e 's dh'fhalbh e leis. Nuair a dh'fhalbh an t-uachdaran, dh'fhalbh esan 's chaidh e a-staigh. Chaidh e suas 's bha e air chrith leis an fhuachd. Ò Dhia, bha esan air chrith leis an uair sin. Thòisich e... chaidh
e dhan leabaidh.

"Dhia, cà 'n do dh'fhàg thu e?" ars ise. "Cha deach thu fad air falbh leis."

"Ò cha deach," ars esan. "Feumaidh mi falbh fhathast leis," ars esan. "Chan eil e ach thall ann a shiud."

Agus thòisich esan air cur char dheth 's feuch am faigheadh e an t-aodach 's e air phuinnseanachadh leis an fhuachd, gus an d' fhuair e an siota a dhraghadh 's a sgioblachadh leis, 's a chur na achlais.

"Ah 's fheàrr dhòmhsa," ars esan, "falbh fhathast," ars esan rithe.

"Ò ma-thà, feuch gun cuir thu pìos math air falbh on taigh e," ars ise, "mum faic..."

"Ò cuiridh mise e far nach fhaicear ri mhaireann e," ars esan.

Dh'fhalbh e. Cha robh e fada air falbh nuair a thill an t-uachdaran.

"Cà 'n do dh'fhàg thu an-dràsta e?" ars ise.

"Dè rud a tha thu ag ràdh?" ars esan.

"Cà 'n do dh'fhàg thu an-dràsta e?" ars ise. "Cha b' urrainn gun deach thu fada leis."

"Beannaich mi," ars esan, "dh'fhàg mi an-dràsta e," ars esan, "mar a dh'fhàg mi roimhe e," ars esan.

"Nach robh thu ag ràdh nach do rinn thu ach fhàgail thall bìdeag bheag ann a shiud," ars ise, "nuair a thill thu, 's tu gad lathadh leis an fhuachd?"

"Cha do thill mise," ars esan, "gu seo."

"Thill," ars ise, "'s theab nach gabhadh tu blàths gu sìorraidh," ars ise, "a' toir bhuam an aodaich."

"Bheil an siota agad?" ars esan. "Feuch e."

'S cha robh sgeul air an t-siota.

"Ò nach e an deamhan fhèin," ars esan, "a chaidh na bhroinn," ars esan.

"Ò 's fhad," ars ise, "a dh'iarr mi ort a chead a thoir dha," ars ise. "Cha toireadh tu feart orm," ars ise.

"Am mèirleach còmhla riut," ars esan, "o thàinig an oidhche, o dh'fhalbh mise."

"Ò ma-thà," ars ise, "'s tusa bu choireach."

Dh'èirich e 's bhàth e e fhèin leis an tàmailt. 'S phòs mac a' ghàirnealair an leadaidh, 's bha e fhèin na uachdaran tuilleadh an dèidh sin.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good